spacer
spacer

Prògram Choinnich

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Prògram Choinnich
Fiosraichean - Dòmhnall Alasdair Stiùbhart
Luchd-clàraidh - Coinneach MacÌomhair

Geàrr-chunntas - Beachd air sgeulachd mu Chlann Mhic Ìomhair Leòdhais a' falbh le sinn-sinn-seanair Ghòrdain MhicAoidh; eachdraidh Chlann Mhic Ìomhair ann an Griais.

Tha Dòmhnall Alasdair Stiùbhart a' toirt beachd air sgeulachd Ghòrdan MhicAoidh mu Chlann Mhic Ìomhair Leòdhais a' falbh le seanair a sheanar. Tha e cuideachd ag innse mu eachdraidh Chlann Mhic Ìomhair ann an Griais. Bha e cumanta do dhaoine a bhith ceangailte ri aon mhaighstir airson grunn bhliadhnachan no fad am beatha. Thàinig Clann Mhic Ìomhair a Leòdhas còmhla ri na Sìophairtich airson smachd a chumail air daoine agus bha iomadh bàta aca. Bhiodh iad a' siubhal cho fada ri Èireann. Tha fiosrachadh aig Dòmhnall mu uisge-beatha agus cìsean, agus an adhbhar a bha Mac an Tòisich air a h-uile uisge-beatha mar ainm. Bha ceangal sònraichte eadar Leòdhasaich agus muinntir Taobh Siar Chataibh mu mheadhan an 18mh linn. Bha Clann Mhic Ìomhair nam marsantaich agus bhiodh iad a' siubhal cho fada ri Carlisle. Thadhail am bàrd Rob Donn air Griais agus tha Dòmhnall ag aithris pìos bàrdachd a rinn e mu dheidhinn. Tha Dòmhnall ag innse mu Lewis MacIver, fear-taic Ghriais a bha air fhaicinn mar cheannard Chlann Mhic Ìomhair. Tha tuilleadh fiosrachadh aige cuideachd mu bhàtaichean Chlann Mhic Ìomhair.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:08:01
Àm Craolaidh - 1998.03.13
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Rèidio
Cruinneachadh - BBC

Àireamh a' Chlàir - 13441
Àireamh an Teip Thùsail - Program Choinnich 13.03.1998
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - DAT



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Ros is Cromba
  Paraiste - Steòrnabhagh
  Eilean - Leòdhas


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Ros is Cromba
  Eilean - Leòdhas

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/13441/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA