Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 03 June 1998
Àireamh a’ chlàir 15627
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 03.06.1998

Geàrr-chunntas

Ruairidh MacNèill às an t-Sàilean ann am Muile.

Tha Ruairidh MacNèill às an t-Sàilean ann am Muile a' freagairt cheistean mu dheidhinn fhèin. Bha e ann am Feachd na Dùthcha ron chogadh agus bha e ag obair air gheataichean agus cuideachd mar iasgair air tràlairean.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacNèill, Ruairidh

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): 'S ann às an t-Sàilean ann am Muile a tha cèiliche na seachdain seo. Tha e fìor eòlach air obair an iasgaich mu eilean Mhuile, agus cuideachd chuir e ùine mhath dhe bheatha ag obair anns a' choille. 'S esan Ruairidh MacNèill. Ciamar a tha sibh, Ruairidh?

Ruairidh MacNèill (RM): Tha gu math, taing.

CM: Dè a' chiad chuimhne a th' agad?

RM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gur e a' chiad chuimhne a bh' agam, chaidh mo thogail le m' sheanair 's le m' sheanmhair, agus bha sinn a' fuireach ann an Ulbha, agus bha posta, Lachann Posta, 's e MacNèill a bh' annsan cuideachd, agus bhiodh e a' tighinn mun cuairt agus bha e daonnan ag ràitinn rium gun toireadh e air falbh mi anns a' mhàileid. Agus an latha seo, bha mi a-mach, feumaidh gun robh mi leam fhèin, chan eil cuimhn' a'm air mòran den chòrr, ach bha mi a' coiseachd a-null an rathad agus chunna mi Lachann a' tighinn, agus leum mi far a' ghàrraidh, a dh'fhaotainn a-mach às an rathad air, agus cha chreid mi nach do reoth mi dar a bhuail mi an grunnd air an taobh eile. Bha an crodh Gàidhealach anns a' phàirce, air taobh eile a' bhalla, agus na laoigh leotha, agus cha robh fhios a'm dè... dè bu mhiosa: Lachann leis a' mhàileid air an dàrna taobh, no an crodh Gàidhealach air an taobh eile. Cha chreid mi nach e sin a' chiad cuimhne a bh' agam.

CM: Uill, uill. Eilean Ulbha.

RM: Ulbha.

CM: Innis dha daoine càit a bheil Ulbha.

RM: Tha e air taobh siar eilean Mhuile. Chan eil e... Aiseag beag goirid tarsainn. Bha sinn an sin, ò, chan eil fhios a'm cò mheud bliadhna a bha sinn an sin. Chaidh sinn an sin às a sin do dh'Eilean Ghòmastra, eilean beag far Ulbha, agus 's e an t-ainm a' ciallachadh eilean gu muir-tràigh. Tha e a' tràghadh a-mach, agus tha drochaid air a-nist, tarsainn. Agus 's ann an sin a chaidh mi don sgoil an toiseachd.

CM: 'S dè tha an sin an-diugh?

RM: Cha chreid mi gu bheil... chan eil ann ach aon teaghlach, cha chreid mi, a' fuireach ann a-nist. Bha mu cheithir-deug no sin anns an sgoil dar a bha mise anns an sgoil.

CM: A bheil latha no àm ann nuair a bha thu a' fàs suas as urrainn dhut a-nise, a' coimhead air ais, a ràdh a dh'atharraich cùrsa do bheatha?

RM: Chan eil fhios a'm. Cha chreid mi nach e a dh'atharraich cùrsa mo bheatha, chaidh mi do na Territorials ron chogadh, agus bha mi daonnan ag iarraidh dol gu muir. Agus dar a bhrist an cogadh a-mach, dh'fheumainn falbh leis an arm, agus cha d' fhuair mi gu muir mar a bu mhath leam. Cha chreid mi nach e sin a dh'atharraich mo bheatha.

CM: Ach fhuair thu eòlas gu leòr air a' mhuir bhon uair sin, le bhith ag iasgach agus mar sin air adhart.

RM: Ò, fhuair. Bha mi... bha sinn ag iasgach ghiomach aig an taigh, ceart gu leòr, agus an sin, às dèidh a' chogaidh, cha robh obair ann, cha robh obair ri fhaotainn. Agus a' chiad cosnadh a fhuair mise às dèidh a' chogaidh, 's ann air gheat ann an ceann a deas Shasainn, agus chaidh mi oirre sin. Bha mi oirre airson bliadhna, agus bha e ag iarraidh dol a-mach do... don Mediterranean 's Afraga 's... 'S ann à... fear à Grianaig a bha na einnseanair oirre, agus cha robh esan ag iarraidh falbh. Bha esan pòsta. Cha robh mise aig an àm. Ach bha e ag iarraidh gum fuirichinn leis airson trì no ceithir a bhliadhnachan, dh'fhaodte na b' fhaide, agus cha robh agam [?meas] dol a-mach airson an ùine sin co-dhiù. Agus dh'fhàg mi sin agus chaidh mi air na trawlers, a-mach à... a' Chuimrigh, Milford Haven. Bha mi an sin airson treis mhath.

CM: Uill chan e beatha fhurasta a bha sin, gu dearbha. Agus 's iongantach mura h-e duine gu math calma a bh' annad. 'S e duine calma a th' annad fhathast. Ach... agus duine, gu dearbha, nach biodh e furasta eagal a chur air. Ach mo cheist dhut an-dràsta, dè bu mhotha a chuir eagal ort a-riamh?

RM: Tha mi a' smaoineachadh gur ann air na trawlers a ghabh mi an t-eagal bu mhotha. Cha do ghabh mi aig an àm e. 'S ann dar a smaointicheas mi air ais air. Bha sinn latha an sin, bha a' ghaoth ag èirigh, agus tharraing sinn na lìn a-staigh, 's cheangail sinn a-suas a h-uile nì, agus bha sinn shuas air an drochaid, triùir againn, bha an sgiobair ann, agus nar laighe a' falbh leis a' ghaoth, agus sheall e a-mach air an uinneag agus mhothaich e uisge, agus bhrist dìreach an tom thairis oirnn, agus lìon i... lìon i leis an uisge, agus shuidh i ann an sin airson mionaid no dhà, agus dh'fhalbh e, 's chùm i a' dol 's fhuair sinn an ceann a chur a-suas an aghaidh na gaoth, 's dh'fhalbh an t-uisge aiste, agus thionndaidh an sgiobair mun cuairt 's thuirt e rinn, thuirt e:

"Nan d' fhuair sinn fear eile às dèidh an fhear ud," thuirt e, "chaidh car dhith."

CM: Bha sibh gu math fortanach.

RM: Bha sinn fortanach. Cha chreid mi nach... Ghabh mi an t-eagal às a dhèidh sin, ach cha do ghabh... thachair e cho ealamh. Cha chreid mi gun do ghabh mi an t-eagal aig an àm, ach dar a smaointicheas mi air ais air, tha mi a' smaointinn gun do...

CM: A bheil càil ann airson a bheil aithreachas mòr ort? Dè an t-aithreachas bu mhotha a ghabh thu a-riamh?

RM: Nach do dh'fhan mi san arm, dar a thàinig deireadh a' chogaidh. Bhithinn air m' ùine a chur a-staigh san arm 's bhithinn a-mach le peinnsean math aig... gu math òg.

CM: An àite sin, ghabh thu deise an de-mob?

RM: Ghabh mi deise an de-mob 's dh'fhàg mi siud.

CM: A bheil càil pearsanta agad am broinn an taighe ris nach dealaicheadh tu?

RM: Ò, chan eil mi a' smaointinn gu bheil a-nist.

CM: Nach eil?

RM: Chan eil. Chan eil duine ann a thig às mo dhèidh 's tha e a cheart cho math dhomh faotainn clìoras e a-nist. Chan eil teaghlach agam, 's chan eil... chan eil na feadhainn òg, chan eil iad... cha bhi suim aca ann an nì sam bith de na th' agam.

CM: Ach a bheil... a bheil càil sònraichte dhut fhèin ann? A bheil càil ann anns a bheil spèis sònraichte agad fhèin idir?

RM: Ò tha. Tha gnothaich. Tha rud no dhà agam, ach...

CM: Chan eil thu a' dol a dh'innse dhòmhsa mun deidhinn.

RM: Dè math... dè math... tha e a cheart cho math dhomh faotainn clìoras e, cha chreid mi. Nam faighinn airgead orra a-nis. 'S e gainne an t-airgead [???].

CM: Nam b' urrainn dhut àite Tony Blair a ghabhail airson latha, dè a' chiad rud a mhiannaicheadh tu a dhèanamh?

RM: Am peinnsean a chur suas do na seann daoine.

CM: Uill, gu dearbha. Agus thusa an-diugh, tha thu air a' pheinnsean.

RM: Agus gu sònraichte na feadhainn a bh' anns a' chogadh mu dheireadh. Sin agad e.

CM: Ò uill, tha mi cinnteach gun aontaicheadh gu leòr eile riut mu dheidhinn sin. Nam b' urrainn dhut pàirt a bhith agad ann am prògram teilidh, no prògram rèidio, dè am pàirt... dè bhiodh ann?

RM: Chan eil mi a' smaointinn gu... chan eil mi a' smaointinn gun gabhainn pàirt idir ann a... ann am prògram teilidh no...

CM: No prògram rèidio, a-rèiste? A bheil...

RM: Ò, chan eil... chan eil mi a' smaointinn gun gabhadh.

CM: Nach gabhadh?

RM: Cha ghabhadh.

CM: Tha fhios agam a-nise, tha sgeulachd iongantach...

RM: Tha daoine math gu leòr air gun... gun mise a dhol...

CM: Tha fios agam gu bheil aon sgeulachd iongantach agad, ge-tà. Nise, tha a' bhean agad ann an seo còmhla riut ann an Leòdhas an-diugh. Gu mì-fhortanach, chaochail a' chiad bhean a bh' agad, ach tha sgeulachd iongantach ann man a choinnich thu ris an dàrna tè, nach eil?

RM: Tha.

CM: Siuthad, innis dhomh.

RM: Dar a bha mi air a' gheat, às dèidh a' chogaidh, bha mi shìos ann an Ramsgate, agus bha a' chaile seo anns an office, aig a' harbour office, agus chan fhaca mi an còrr dhith airson dà fhichead bliadhna. Agus phòs ise, 's phòs mise. Agus chaochail an duine aicese, agus cha robh a màthair gu math. Bha i a' fuireach ann am Fìobha. Agus thug i a màthair an uair sin leatha, 's e Alzheimer's a bh' oirre, agus dh'fheum i lathaichean a ghabhail dheth, agus an aon àite anns am b' urrainn dhi a dhol tour, 's ann do Mhuile. Agus cha robh cuimhn' aice cà robh mi a' fuireach no rud eile, ach bha dealbh aice dhìomsa 's dhe màthair, air a ghabhail thairis air dà fhichead bliadhna roimhe sin, agus leig i fhaicinn do dh'fhear de na gillean anns an hotel, an Creag an Iubhair e. Agus:

"Ò," thuirt e, "'s aithne dhòmhsa an gille a tha sin."

Agus fhuair i am phone number agam, agus phone i thugam an sin. 'S ann mar sin a fhuair sinn air ais ri chèile.

CM: Às dèidh còrr agus dà fhichead bliadhna.

RM: Às dèidh còrr 's dà fhichead bliadhna.

CM: An rud a bh' air a bhith ann dà fhichead bliadhna ron a sin, bha e ann fhathast.

RM: Bha.

CM: 'S tha sibh pòsta a-nis.

RM: Tha. Tha sinn pòsta a-nis o chionn ochd bliadhna.

CM: Agus ciamar a tha Muile a' còrdadh rithese?

RM: Ò, chan fhàgadh i Muile. Chan fhàgadh i Muile. Cha rachadh i air ais gu tìr-mòr a-nis.

CM: Chan eil rian nach eil thu fhèin air atharrachaidhean mòra fhaicinn ann am Muile, fad do bheatha.

RM: Ò, tha atharrachaidhean mòra, mòra. Chan eil an sluagh ann a b' àbhaist den t-seann sluagh. Chan eil... chan eil a' Ghàidhlig ann mar a bha i. Tha mòran de dhaoine ùra a-staigh, ach chan eil fhios a'm an-diugh a tha sin math no dona. Chan urrainn dhomh dol na aghaidh. Mura biodh iadsan air tighinn a-staigh, bhiodh na taighean sin 's an ceann nam broinn, 's cha bhiodh duine idir ann.

CM: Nam biodh cothrom agad a dhol a dh'aon àite eile, far nach robh thu anns an t-saoghal, dè an t-àite a bhiodh ann?

RM: Ceap Breatainn, cha chreid mi. Bu ghasta leam an t-àite sin fhaicinn, 's a bhith am measg nan Gàidheal thall an sin, 's an ceòl, 's na h-òrain, 's a h-uile rud a th' aca, [???].

CM: Uill, tha thu air a dhol tro Bharraigh, tro Uibhist, tro na Hearadh, tro Leòdhas. An t-ath àite, a-rèiste, Ceap Breatainn.

RM: 'S e.

CM: Uill, tha mi an dòchas gu dearbha...

RM: Feumaidh mi an crannchur nàiseanta a bhuidhinn mun tèid mi a-mach an sin.

CM: Ò, ma dh'èisteas Tony riutsa 's gun cuir e suas am peinnsean, cò aig a tha fhios. Uill...

RM: Ò, tha fhios nach èist.

CM: Uill, a Ruairidh, tapadh leatsa gu dearbha. Bha e sgoinneil tachairt riut ann an seo an-diugh. Mo thaing dhut airson a thighinn a-steach dhan an stiùidio a chèilidh ormsa ann an seo an-diugh. Tapadh leibhse, gu dearbha. Ruairidh MacNèill ann an sin, às an t-Sàilean ann am Muile, cèiliche na seachdain sa.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math