Rannsaich

Prògram Choinnich

Luchd-agallaimh
Ceann-latha 14 July 1998
Àireamh a’ chlàir 16159
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 14.07.1998. Le Mari Anna

Geàrr-chunntas

Beachdan air còcaireachd agus na prògraman còcaireachd a tha air an telebhisean.

Thathas ag ràdh gu bheil barrachd agus barrachd dhaoine a' sgur a chòcaireachd ach tha na h-uimhir de phrògraman còcaireachd air an telebhisean. Tha triùir a' toirt an cuid bheachdan air an t-suidheachadh seo agus air na prògraman còcaireachd fhèin.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Màiri Anna NicDhòmhnaill (MN): Nise, tha e ri ràdh gu bheil barrachd 's barrachd dhaoine a' sgur a chòcaireachd - co-dhiù còcaireachd mar a thuiginn, 's e deasachadh uinneanan 's currain 's feòil airson na poite - 's gun càil a dhìth orra an-diugh ach rud deasaichte a cheannach nach leig iad a leas ach dìreach a' stobadh dhan àmhainn. Ach saoil a bheil rian gu bheil sin fìor, agus an telebhisean a' cur fairis latha às dèidh latha le prògraman còcaireachd? O Nick Nairn gu na cailleachan reamhar air a' mhotar-baidhsagal, o MasterChef gu MasterChef Òg, Floyd ann a shin 's glainne na dhòrn, 's feadhainn eile a' dèanamh dheth gum bruich iad cearc ann an cairteal na h-uarach, saoil a bheil na prògraman sin gu feum sam bith? A bheil daoine ag ionnsachadh càil bhuapa? No a bheil iad dìreach gan coimhead airson cur-seachd, mar gum b' eadh iad a' coimhead air fiù 's Eastenders, 's an uair sin a' dol a-mach dhan a' chidsin 's a' fraighigeadh dhà no trì fish fingers dhaibh fhèin, gun guth air a' còcaireachd bhrèagha a bha iad a' coimhead? Co-dhiù, tha triùir a tha gu math dèidheil air còcaireachd còmhla rium, agus 's iad sin, Seonag Anderson - tha ise ag obair ann an taigh-bìdh ann an Inbhir Nis. Tha Peigi Nic a' Phì a' còcaireachd ann an t-Hiort. Agus airson Dòmhnall Camshron, uill, tha fhios a'm co-dhiù gu bheil e math air a' bhiadh. Madainn mhath dhuibh uile.

Dòmhnall Camshron (DC): Madainn mhath.

MN: Tha thu fhathast a' bruidhinn rium, a Dhòmhnaill, ged a thuirt mi siud.

DC: Tha, ò ghiall, tha. Faodaidh tu rud sam bith a chantail riumsa, no mu mo dheidhinn.

MN: A Pheigi, tha sibh ann a shin.

Peigi Nic a' Phì (PN): Tha mi ann a sheo, a-muigh an Hiort.

MN: Aig an taigh, tha mi an dòchas, 's nach ann an t-Hiort.

PN: Chan ann. An Hiort a tha mi. Tha mi a' tilleadh dhachaigh an-diugh.

MN: 'S e rud fìor annasach a th' ann, a bhith a' còcaireachd ann an Hiort gun sgeul air a' supermarket far am faigheadh a h-uile duine eile againn a h-uile rud a dh'iarramaid.

PN: Ò, tha fhios a'm. Tha a h-uile sìon a' tighinn a-mach a h-uile dàrnacha seachdain, so chan eil againn ach dèanamh biadh leis a sineach.

MN: Agus a Sheonag, chan eil fhios a'm an ann ri còcaireachd a tha sibhse san taigh-bìdh, no...?

Seonag NicAnndrais (SN): Uill, tha mi a' dèanamh beagan. Chan eil mi a' dèanamh uiread a chòcaireachd ann a sheo 's a b' àbhaist dhomh nuair a bha mi ag obair anns an sgoil, ach tha mi a' deasachadh biadh ann a sheo fhathast cuideachd.

MN: 'S a bheil sibh a' coimhead, a Sheonag, na tha seo de phrògraman còcaireachd agus an uair sin gam feuchainn a-mach, na rudan a tha sibh a' faicinn?

SN: Uill, bidh mi a' coimhead feadhainn aca. Chan eil mi gan coimhead uile idir, ach tha mi a' coimhead feadhainn aca, agus bidh mi uaireannan, 's dòcha, a' feuchainn rud beag no dhà, ach feumaidh mi aideachadh nach eil mi a' feuchainn a h-uile càil a th' air na prògraman. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tuilleadh 's a' chòir dhiubh ann an-dràsta. Mar a tha thu fhèin a' ràdh, na cailleachan beaga reamhar a' dol timcheall air motar-baidhsagal 's rudan mar sin. Ach uaireannan fàsaidh tu sgìth dhiubh, agus cha bhi mi gan coimhead uile, ach ma tha ùidh agam ann a leithid... ma bha Island Harvest air, bha ùidh agam anns na h-àiteachan anns an robh Nick Nairn a' dol, 's daoine a bha a' gabhail pàirt ann. Tha fhios a'm, a' coimhead sin, ach feumaidh mi aideachadh, chan eil mi a' feuchainn a h-uile càil a th' air na prògraman ann.

MN: A Pheigi, cha tàinig Nick Nairn a chèilidh oirbhse ann an t-Hiort, an tàinig?

PN: Cha tàinig, ach bha e againn am Beinn a' Bhadhla, agus an uair sin chaidh e sìos a dh'Àird a' Mhachaire, agus bha e a' còcaireachd ann a shineach airson feadhainn dhe na saighdearan a bha a' ruith mu chuairt an eilein. Bha trèanadh aca latha, agus chòcairich e biadh airson an latha sin. So, bha e a-staigh a' còcaireachd am Beinn a' Bhadhla cuideachd an uair sin.

MN: A bheil sibh fhèin a' smaoineachadh gu bheil sinn ag ionns-... gu bheil daoine gu fìor ag ionnsachadh càil bho na prògraman a tha sin?

PN: Feadhainn dhe na prògraman, tha. Ach tha mi... mar a thuirt an nighean eile, tha tòrr prògraman air a... air an telebhisean an-dràsta. Agus nuair a bha mise, dhà no trì bhliadhnaichean air ais, rinn mi prògram Blas, agus chòrd sineach rium, agus bha deagh thòrr dhaoine a' tighinn thugam agus a' faighneachd, ò, am faigh sinn recipes feadhainn dhe na rudan a bha mi air a dhèanamh. Ach aon rud a chanainn-sa mu dheidhinn am prògram sin, 's e an rud as miosa mu na prògraman Gàidhlig, tha iad a' dol a-mach cho... air an oidhche, rud mu dheireadh, an àite a bhith a' dol... a' dol a-mach 's dòcha feasgar, an t-àm a bhios daoine a-staigh gan coimhead, agus uaireannan eile, you know, bhiodh iad a' dol a-mach feadh an latha, agus tha daoine ag obair an uair sin.

MN: Mar sin, tha sibhse a' faicinn feum annta. Chan eil fhios a'm, ge-tà, a bheil thusa, a Dhòmhnaill?

DC: Tha. Och, tha. Tha feum annta gun teagamh. Feumaidh gu bheil iad ag obrachadh nuair a tha uiread dhiubh ann, agus feumaidh gu bheil feadhainn a' coimhead air an uiread a th' ann. Bha mise dìreach a' bruidhinn ris a' bhoireannach a bha a' cur na h-uidheim a' dol an seo, 's bha ise a' ràdh, ò, chan fhaigheadh ise gu leòr dhiubh. Chan eil ise a' smaoineachadh idir gu bheil cus dhiubh ann. 'S mar sin, tha e dìreach a rèir 's tha cuid a tha dèidheil orra 's a choimheadadh air fichead dhiubh nam biodh iad ann; feadhainn eile dòcha... feumaidh mi aideachadh gu pearsanta gu bheil mi a' fàs sgìth dhiubh, gu bheil mi a-nist a' dèanamh taghadh 's a' dèanamh fìor thaghadh. Keith Floyd, nuair a thèid e a-null fairis, bidh mi a' coimhead air a sin. Cha bhi mi a' call sìon dheth sin. Chòrd Island Harvest rium gu h-iongantach mar a chòrd e ris a' chuid as motha dhen dùthaich, cha mhòr.

MN: Ach 's e... chan e a' chòcaireachd a bha sin idir. Cha robh sinn ach ga choimhead ach feuch cò dh'aithnicheamaid 's na sgìrean a dh'aithnicheamaid.

DC: 'S e sin an rud. Aig deireadh an latha 's e... 's e an sealladh 's an t-àite 's na h-eileanan 's mar sin a bh' ann, 's co-dhiù gur e eileanan againn fhèin a th' ann no eileanan fada cèin. Cha mhòr nach e siubhal agus còcaireachd an lùib a chèile, agus saoilidh mi gur e sin na rudan as tarraingiche an-diugh. Tha sin nas daoire a dhèanamh, agus 's dòcha gur e sin as coireach nach eil e cho pailt. Tha e cus nas saoire dha na... dha na buidheannan craolaidh chef no dhà a' stobadh ann an stiùidio, agus 's e sin mar gum b' eadh an telebhisean as saoire a th' ann, agus 's e sin an t-adhbhar gur e iad sin as pailte.

MN: A Sheonag, an ann airson na seallaidhean a bha sibhse gan coimhead?

SN: Uill, feumaidh mi aideachadh, air Island Harvest, 's ann, 's bha e math faicinn daoine nach fhaca mi bho chionn bhliadhnaichean, gu h-àraid à Uibhist a Tuath an sin, agus tha... bha e 's dòcha a' cur luchd-turais dha na h-eileanan, 's daoine a' faicinn an àite cho àlainn, ach nam biodh iad ann 's dòcha 's an deàrrsach mhòr ann, nam biodh iad 's dòcha a' filmeadh 's an deàrrsach mhòr ann, 's dòcha gun atharraicheadh iad an inntinn. Ach bha mi a' coimhead... uill, 's e na trì a bhios mise a' coimhead mar as trice, 's e Ready Steady Cook agus Junior MasterChef agus Island Harvest. Sin na trì a bha mi a' coimhead gu cunbhalach, ach feumaidh mi ràdh nach... nam bithinn a' dèanamh càil, agus am prògram a' tighinn air, nach... mar gum b' eadh, nach sguirinn dìreach airson suidhe a choimhead a' phrògraim ann. Ach tha feadhainn dhe na feadhainn a tha a' còcaireachd air Ready Steady Cook, agus nam biodh iad ag obair còmhla rium, thachdainn iad. Bheil fhios agad, a' dol timcheall a' ruith 's a' leum 's a' bocadaich, 's bidh thu uaireannan a' gabhail iongnadh, nam bitheadh iad air an cur ann an suidheachadh, fhios agad, 's dòcha nàdarra, am bitheadh iad a' leumadaich 's a' bocadaich no... tha mi cinnteach gun d' rachadh iad às an ciall.

Ach sin na trì a bha mise a' coimhead, agus 's dòcha an aon ghearan a bh' agam air Junior MasterChef, 's e thug iad triùir às gach roinn ann an Sasainn airson gach prògram, agus nuair a thàinig e gu Alba cha d' fhuair iad ach dithis, agus aon bhalach beag à Èirinn, agus tha fhios an ainm sealbh gu bheil barrachd air dithis de chlann òga ann an Alba a b' urrainn còcaireachd.

MN: Tha, bha mi fhèin dìreach ga mo nàrachadh. Feumaidh mi aideachadh, tha mi a' coimhead Junior MasterChef gu math tric, a chionn 's tha e dìreach, 's e cùis-mhaslachaidh a th' ann, an fheadhainn bheaga a tha sin, dusan bliadhna a dh'aois, agus nì iad dinnear fada nas fheàrr na nì mi fhèin.

SN: Ò Thì. Nì iad dinnear... tha e dìreach mìorbhaileach. Chan eil e gu diofar dè cho tric 's a tha iad air seo fheuchainn a-staigh 's dè cho seachd searbh sgìth 's a tha am màthair 's an athair a bhith ag ithe seo, ach tha e dìreach mìorbhaileach na rudan a thig iad suas leis. Agus feumaidh mi aideachadh, bha am balach beag Èireannach, bha e dìreach sgoinneil dha-rìribh, a thoradh, thagh e rudeigin gu math nàdarra à Èirinn, 's gu math plèan, ach na dhèidh sin, bha e math agus bha e nàdarra. Tha feadhainn aca 's dòcha a tha rud beag, fhios agad, a tha rud beag bragail mu dheidhinn, tha amharas aca gu bheil iad nas sine, ach bha am balach beag a bha seothach, bha e dìreach sgoinneil fhèin, feumaidh mi ràdh.

MN: Ma dh'fhaodas mi tilleadh gu Peigi, saoil sibh fhèin a-nist, a Pheigi, mar a tha a h-uile duine againn air bruidhinn air na prògraman a tha sin, 's e, ann an dòigh, 's e, ò, chunna mi seallaidhean inntinneach, chunna mi eileanan fada no dùthchannan fada bhuam, chunna mi daoine nach do dh'aithnich mi o chionn treis, chunna mi... nach robh a' chlann bheaga siud sgileil. Cha mhòr gu bheil gnothach aig gin dhe na rudan sin ri còcaireachd.

PN: Tha sin ceart. Uill, na feadhainn a b' aithne dhòmhsa a bha a' coimhead air na programmes an triop mu dheireadh, 's e dìreach airson faighinn a-mach, you know, recipes ùra, 's airson faighinn rudeigin ùr fheuchainn, a' chuid as motha dhiubh.

DC: Ach gu tric, tha cuid dhe na biadhan a th' air an cleachdadh sna prògraman sin, tha iad cho daor no cho doirbh... no doirbh am faighinn, no cho annasach, 's gu bheil sin dòcha a' cur bacadh air an duine chumanta, an dàrna cuid a thaobh an sporain no a thaobh dìreach nach eil am biadh sin ri fhaighinn faisg orra. Agus shaoilinn-sa, mar as... mar as nàdarraiche, a bheil fhios agad, mar as cumanta a tha na biadhan air an dèanamh gur ann as feumaile a bhios sin do dhaoine, thoradh, chan e a h-uile a gheibh giomach no creachainn no halibut no iasgan daora mar sin gu furasta.

MN: 'S dòcha mar sin gun aontaich a h-uile duine agaibh ri... tha iad... tha iad air a bhith ag ràdh o chionn ghoirid anns na pàipearan 's ann an aithisgean, tha barrachd 's barrachd dhaoine a' ceannach biadh deasaichte. 'S dòcha gur e an aon duine a tha a' dol dhachaigh a choimhead air na prògraman sin, ach 's dòcha gur e a tha a dhìth oirnn prògraman far a bheil cuideigin a' dèanamh brot, 's mince 's buntàta. Saoil an coimheadadh daoine air a sin?

PN: Uill, bha prògram air, dhà no trì mhìosan air ais, Lee's Good Food, agus sgoil a th' ann an Lunnainn, 's bha mi ag obair ann a shineach treis, an t-àm a bha mi shìos, agus bha... bha e mar cholaiste, agus bha iad a' sealltainn dè a bha a h-uile duine a' dèanamh, 's shealladh aon duine dhan a' chlann dè bha iad a' dèanamh 's bha a' chlann an uair sin, iad a' sealltainn cà robh iad a' dol ceàrr. Chòrd am prògram sin rium. Choimhead mi air feadh an t-sreath.

MN: Dè mu ur deidhinn fhèin, a Sheonag? Sguireamaid, 's dòcha, dhe na prògraman annasach às an Eadailt air rudan daora, mar a bha Dòmhnall ag ràdh, 's seallamaid dhaibh rudeigin nàdarra a dhèanamh.

SN: Uill, 's e an rud a th' ann, an dàrna mionaid tha iad... tha iad a' bacadh dhut... leughaidh... fosglaidh tu am pàipear 's tha iad a' ràdh gu bheil uighean dona dhut 's tha càise dona dhut 's tha feòil dona dhut. Tha a h-uile càil a th' ann dona dhut ma dh'èisteas tu ri, no ma choimheadas tu air na pàipearan 's ma dh'èisteas tu ri daoine. An ath mhionaid tha iad a' stobhadh na tha seo de phrògraman ort, le creachann 's le feòil 's leis a h-uile rud eile, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e dìreach, mar a bha Dòmhnall a' ràdh, tha e a rèir an sporan. Càit idir am faigh thu, no 's dòcha an duine cumanta, fhios agad, far a bheil an duais rudeigin, 's dòcha, ìseal 's clann aca, chan eil clann san latha an-diugh, chan eil iad cleachdte ri leithid mince 's stew 's rudan mar sineach, ach bheir thusa dhaibh rudan mar lasagne 's sin, agus 's e sin an seòrsa rud a tha iad cleachdte ris. Ach san latha an-diugh, a bharrachd air a sin, tha thu a' faighinn biadh air a dheasachadh a tha glè mhath ann am feadhainn dhe na bùithtean, 's tha tòrr dhe na pàrantan, tha a h-uile duine againn ag obair, agus gu math tric tha iad dìreach gam faighinn air a dhèanamh, 's chan eil aca ach stobadh dhan àmhainn agus suidhe sìos na do chnap air an t-sofa a' coimhead Neighbours 's Home and Away, 's dòcha, agus an uair sin seo agad... sin agad an caitheamh-beatha. Ach nuair a thig e gu biadh, fhios agad, cumanta, 's e... chan eil mòran ann a-nist a tha... a tha a' dèanamh biadh cumanta, ach saoilidh mi gu bheil... gum bu chòir dhuinn 's dòcha... 's dòcha a bhith ag obair timcheall air biadh cumanta, agus chan e a bhith 's dòcha a' feuchainn air rudan nach urrainn dhan sporan cumail taic ris.

MN: Sin agaibh e. Uill, ma tha... ma tha duine de dh'urracha mòra an telebhisein ag èisteachd, sguiribh dhe na h-eisirean agus na lusan annasach nach tàinig ach 's dòcha à Tuscany no às a' Ghrèig no rudeigin, 's na rudan a tha ro dhaor dhuinn. Thoir dhuinn rudeigin a tha math dhuinn, ach cuideachd nach eil ro dhaor, agus 's dòcha gun coimhead sinn barrachd dhe na prògraman. Tha mi a' smaoineachadh gur e sin co-dhiù am beachd a thàinig timcheall, eadar Seonag agus Dòmhnall ann a shiud, agus e cho math air a' bhiadh, agus cuideachd an tè a tha a' còcaireachd, an ainm sealbh, a Pheigi, ann an t-Hiort. 'S tu tha stuama. Tapadh leibh uile co-dhiù. Mòran taing airson innse dhuinn dè ur beachd air na prògraman còcaireachd.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math