Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 12 June 1998
Àireamh a’ chlàir 17339
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 12.06.1998

Geàrr-chunntas

Comann Leasachaidh na Hearadh.

Tha Seonaidh MacAmhlaigh a' bruidhinn às leth Chomann Leasachaidh na Hearadh. Bha iad mar chomann mu thràth aig Fèis Siubhail na h-Alba ann an Glaschu agus tha e ag innse mar a chaidh dhaibh aig Fèis Ghnìomhachais Olympia ann an Lunnainn. Tha e misneachail gum bi an turas aca na bhuannachd dha na Hearadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Na Hearadh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha sinn gu math tric a' cluinntinn sna meadhanan mun droch shuidheachadh sa bheil eaconamaidh na Hearadh. Tha na h-argamaidean an-còmhnaidh a' nochdadh mu dheidhinn leasachadh agus an àrainneachd nuair a thèid bruidhinn air obraichean. Fhad 's a tha sin a' dol, ge-tà, tha Comann Leasachaidh na Hearadh a' feuchainn ri obraichean fhaighinn dhan an eilean. Bho chionn ghoirid bha iad aig Fèis Siubhail na h-Alba ann an Glaschu. Tha iad an-dràsta aig Fèis Gnìomhachais Olympia ann an Lunnainn, a tha a' tarraing dhaoine às gach ceàrnaidh dhen an t-saoghal. Tha Seonaidh MacAmhlaigh bhon a' bhuidheann leasachaidh air an loidhne an-dràsta ann an Lunnainn. Ciamar a tha thu, a Sheonaidh?

Seonaidh MacAmhlaigh (SM): Tha glè mhath, a Choinnich.

CM: Ciamar a tha sibh a' faighinn air adhart anns a' bhaile mhòr?

SM: Och uill, tha e glè mhath. Bidh sinn toilichte falbh às, ge-tà.

CM: Uill, innis dhomh beagan mu dheidhinn an taisbeanadh, an fhèis a tha seo aig a bheil sibh.

SM: Uill, 's e taisbeanadh a th' ann anns a bheil buidheannan malairt 's gnìomhachas a' cruinneachadh bho air feadh an t-saoghail, agus iad a' sealltainn dè th' acasan ri thabhann agus dè th' aig daoine eile 's dòcha a dh'fhaodadh iadsan a bhith ag iarraidh. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e deagh àite a bh' ann dhuinne a bhith a' sealltainn eilean na Hearadh agus a h-uile càil a tha sinn a' dèanamh ann, agus tha sinn gu math misneachail falbh às a-nis.

CM: Uill, an toiseach, mus bruidhinn sinn mu dheidhinn na Hearadh, dè seòrsa buidheannan eile a th' air a bhith ann an sin?

SM: Tha buidheannan a tha a' foillseachadh gnìomhachas rìoghachd 's dùthchannan mòra. Tha mi a' creidsinn gun robh sinne air àite cho beag 's a bh' ann, agus 's dòcha gun robh e a' cur iongnadh air gu leòr a' chiad latha a bha sinn ann, ach tha mi a' smaoineachadh nuair a fhuair iad eòlas oirnn, gun robh eilean na Hearadh a' fàs nas motha fad an t-siubhail.

CM: Uill, 's dòcha gu bheil sin ceart gu leòr do dhaoine às na Hearadh, ach an dùil an ann mar sin a bhiodh e do dhaoine a bhiodh a... bho companaidh eadar-nàiseanta, can, à dùthchannan na Roinn Eòrpa?

SM: Uill, chan ann, gu h-iongantach. Tha iad a' coimhead oirnn le sùil gheur... le sùil gheur, agus ùidh acasan ann an gnìomhachas a' chlò 's iasgach 's turasachd 's mar sin. Fhios a'd, gnothaichean dhen an t-seòrsa sin. Agus chan eil càil a dh'fhios againn dè na dorsan a dh'fhaodadh fosgladh às a seo.

CM: Ach mas e 's gu bheil sibhse a' dol dhan a' chosgais a bhith a' dol gu àite dhen t-seòrsa sa, bidh sibh a' coimhead airson chan e na seann nithean a bhiodh duine ag iarraidh à seo, ach nithean ùr, nach e?

SM: Och chan eil fhios a'm. Tha na seann nithean, tha e gu math cudromach fhathast, agus tha an-còmhnaidh margaidhean ùr ann airson a leithid sin.

CM: Ach a bheil sibh a' cantainn riutha gu bheil àite agaibh ann an seo far a bheil tòrr rùm agaibh airson iad a bhith a' cur suas na gnìomhachasan aca? An e sin a tha sibh a' feuchainn ri ràdh riutha?

SM: Uill, ann an dòigh, 's e, ach chan eil sinn a' coimhead airson càil sam bith mòr a' tighinn a-steach, a chionn bha sinn a' bruidhinn ri daoine gu math àrd ann an dùthchannan mòra. Nam biodh iadsan a' coimhead airson gnìomhachas a chur suas, 's e rud fìor mhòr a bhiodh ann, ach tha an doras fosgailte dhuinn airson a bhith a' bruidhinn riutha mu dheidhinn rudan nas lugha 's rudan nas freagarraiche airson an àite againn fhèin.

CM: Tha mi a' creidse cuideachd gur e aon dhe na nithean a bhios a' tighinn... ga thoirt gu ar n-aire, nuair a thèid thu gu àite mar seo, na rudan a dh'ionnsaicheas sibh bhon an dòigh anns a bheil daoine eile ga dhèanamh.

SM: Tha sin cinnteach. Dh'ionnsaich sinn 's bha sinn a' foghlam mòran le bhith a' còmhradh ri daoine eile a tha ri obair a dhèanamh air feadh an t-saoghail, 's dòcha feadhainn a thòisich ann a... gu math beag, mar a tha sinn fhèin.

CM: Mar eisimpleir. Cò às a tha iad sin?

SM: Uill, tha iad às, faodaidh tu ràdh, cha mhòr a h-uile dùthaich feadh an t-saoghail. Dùthchannan gu math mòr agus beairteach an-diugh. Tha iad bho Brazil, 's bhon an Èipheit, 's bhon an Ear-mheadhan - bha gu leòr ann às an Ear-mheadhan - 's às an Ear Thall cuideachd. Agus le bhith a' bruidhinn ri daoine dhen an t-seòrsa sin, chì sinn 's dòcha dè tha an saoghal ag iarraidh. Dè na... na gnothaichean a dh'fhaodadh sinn fhèin a bhith a' dèanamh, agus iarrtas acasan air a shon.

CM: Tha e gu math duilich a dhèanamh a-mach, ge-tà, dè tha duine a' faighinn a-mach à fèis mar seo, nach eil?

SM: Bheir e ùine mhòr dhuinn, 's dòcha, a bhith a' coimhead a-steach ann a-rithist, agus a bhith a' leantainn suas an fheadhainn ris an robh sinn a' còmhradh, agus an fheadhainn aig an robh ùidh ann na tha sinn a' dèanamh. Feumaidh sinn seo a leantainn suas le bhith a' sgrìobhadh thuca 's le bhith a' còmhradh riutha mar a bhios an ùine a' dol air adhart.

CM: 'S mar eisimpleir, bha mise an-dè aig taisbeanadh de chiorramaich ann an seo, agus bha ceist orm fhìn agus air daoine eile, carson a bha companaidhean à ceann a deas Shasainn a' tighinn an seo, agus 's e an rud a bha iad ag ràdh, uill, 's dòcha nach tig càil às a seo an-dràsta idir - 's dòcha gur ann ann an naoi mìosan a thig òrdugh thugainn luach beagan mhìltean not, agus b' fhiach e an uair sin ar saothair. An e sin an seòrsa rud, ann an dòigh eile, a bhiodh sibhse an dòchas a thigeadh a-mach à seo, sibhse a bhith a' dol gu Olympia?

SM: Tha sin cinnteach. 'S ann a' coimhead air adhart a tha sinn, a Choinnich, agus chan ann airson dè gheibh sinn an-dràsta fhèin. Tha tòrr obair ri dhèanamh. Chan eil càil a dh'fhios nach fhaodadh sinn rud math fhaighinn às ann an ùine ghoirid, ach 's ann a' coimhead air thoiseach a tha sinn, agus na bliadhnaichean a tha romhainn.

CM: Uill, tha sibh air a bhith ann an sin, a-rèiste, trì latha. Tha sibh air an t-slighe dhachaigh an-diugh. A bheil sibh a' faireachdainn gun urrainn dhuibh a ràdh, uill, b' fhiach e dhuinn a dhol ann an siud?

SM: Sin am faireachadh a th' againn, dha-rìribh. Bha 's dòcha beagan iomagain oirnn a' chiad latha a' dol a-steach am measg nan daoine beairteach, dùthchannan mòr, beairteach mar sin, agus sinn fhèin a' coimhead cho beag, ach ann an ùine glè ghoirid fhuair sinn a-mach nach ann mar sin a bha iad a' coimhead oirnn idir, gun robh iad a' coimhead oirnn anns an aon dòigh 's a tha iad a' coimhead air dùthaich sam bith eile, agus mar a thuirt mi riut, tha eilean na Hearadh coltach ri bhith a' fàs nas motha.

CM: Uill, chì sinn mun a sin gu dearbha. Iain, tapadh leatsa gu dearbha airson a bhith a' bruidhinn riumsa ann an sin anns a' mhadainn an-diugh. Iain MacAmhlaigh ann an sin bho Buidheann Leasachaidh na Hearadh. Tha iad air a bhith an t-seachdain sa aig Fèis Olympia ann an Lunnainn.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math