Rannsaich

Còig air fhichead seanfhaclan.

Ceann-latha September 1963
Àireamh a’ chlàir 18343
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.49.B1(17)-B1(41)

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.049

Geàrr-chunntas

Còig air fhichead seanfhaclan.

Nì falbhan beag rudeigin, ach cha dèan thugainn dad.

Na ceannaich muc ann am poca.

Na ceannaich cearc air latha fliuch.

Is ioma rud a chì an duine a bhios fada beò.

Rud a thig leis a' ghaoith falbhaidh e leis an t-sruth.

Mas breug uam e is breug ugam e.

Is fheàrr bonnach beag le bheannachd na am bonnach mòr le mhallachd.

Is fheàrr a bhith le partan-tuaicheil na bhith gun fhear-taighe.

Rud nach cluinn cluas, cha ghluais cridhe.

A' dèanamh mhaorach fhad 's a tha an tràigh ann.

Uisge teth on bhuain is uisge fuar on chrann.

Is beag an t-sradag a lasas aimhreit.

Is fheàrr sgur na sgàineadh.

Is motha e na 'n cnoc mas lèir do dhuine a shloc fhèin.

Chan uisge ach uisge on tuath, cha bhuan ach uisge on deas.

Is beag a tha fios aig fear a' bhaile ciamar a tha fear na mara beò.

Cha toir thu fasan don Ròimh ach am fasan a tha innte.

Fear nach toir gnothaich dhan bhaile mhòr, bheir e a ghnothaich às.

On tì a laigheas nad uchd, glèidh doras do bheòil.

Thig an t-uisge mìn gu bhith garbh.

Teirigidh am bàrr mòr agus fanaidh am bàrr beag.

Is e a h-uile coinneamh mhoch as fheàrr.

Is mòr an connadh a lasas teine beag.

An tuig thu cas mairt gun a cur nad amhaich.

Chan fhaicear na croisean gus an tilgear na cruinn.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Eile

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math