Còig air fhichead seanfhaclan.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1963.49.B1(67)-B1(91)
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Còig air fhichead seanfhaclan.
Is minig a dh'fhosgail beul uaigh buain cruaiche do thèile.
Sgeul gun urradh, tula nam breug.
Is fhad an oidhche gu latha aig fear na droch mhnatha.
Is e sguaban ùra as fheàrr a sguabas.
Is math an cudaige far nach fhaigh thu an saoidhean.
Bonaid air Ròineabhal 's ceò air na Beanntan Meadhan.
Is searbh a' ghlòir nach fhaodar èisteachd.
Smeurag dubhan san Fhaoilleach, 's uighean fhaoileag san earrach.
Gach fliuch air am fàdh ach an t-uisge salach.
Gaoth on deas teas 's turadh, gaoth bhon iar iasg 's bainne, gaoth bhon tuath fuachd 's gailleann.
Balbh on tuath, iarr on deas i.
Thèid taigh nan gillean suas, ach cha tèid taigh nan nigheanan.
Is lag gualainn gun bhràthair.
Gach buille gu foghar, 's gun ghin gun sìol.
Teirigidh cruachan beann gun dad a chur na cheann.
Fhad 's a bhios slat sa choill bidh an fhoill san Sgitheanach.
An deireadh an latha, aithnichear na h-Albannaich.
Rud nach cluinn cluas cha ghluais cridhe.
Cha b' e a' mhuilinn nach bleitheadh ach an t-uisge nach ruitheadh.
Is minig a nì uaill à buaireach bean eile.
Is dàna gach cù air a shitig fhèin.
Cha truagh leam cù le marag mu amhaich.
Gach neach a' toirt sgarbh à creag dha fhèin.
Is math an naidheachd a bhith gun naidheachd idir.
Thoir gràn dhan bhigean 's thig e a h-uile oidhche.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math