spacer
spacer

Ceithir air fhichead seanfhaclan.

Tiotal a' Chlàir - Ceithir air fhichead seanfhaclan.
Fiosraichean - Oighrig NicLeòid
Luchd-clàraidh - Dr Iain MacAonghuis

Geàrr-chunntas - Ceithir air fhichead seanfhaclan.

Is olc a' ghaoth a shèideas nach sèid gu math a chuideigin.

Ma fhreagras an còta, cuir ort e.

Rud nach d' fhuair Niall chan iarrar air e.

Droch chlobha an taigh a' ghobha.

A h-uile sruthan a' ruith chun na h-aibhne mòire.

Is math nach robh iuchraichean an domhain fo chrios na h-aon mhnatha.

Is cuideachadh creagan as t-fhoghar.

Uisge teth on bhuain is uisge fuar on chrann.

Is e farmad a nì treabhadh.

Teist a nàbaidh air gach neach.

Ma thèid Fionn dhan bheinn, iarr sa chladach e.

Chan eil carraig air nach caochail sruth.

Gach roghainn air toiseach, 's gach dìleas gu deireadh.

Is trom an t-eallach an t-aineolas.

Ge b' e nach gabh nuair as àill leis, chan fhaigh nuair a dh'iarras.

Ge b' e nach gabh nuair a gheibh, chan fhaigh nuair as àill.

Bha latha eile aig fear buain na mònadh.

Fàinne òr air sròn muice.

An triùir as miosa san domhan: am Muileach, an t-Ìleach 's an deamhan. Bheat am Muileach an t-Ìleach, 's bheat an t-Ìleach an deamhan.

Sguaban ùra as fheàrr a sguabas.

Olc no mhath le fear na h-iarraidh, bidh i an iar an dèidh an uisge.

Geinn dhe fhiodh fhèin a sgoltas an darach.

Is e a' ghlain an ath rud dhan diadhachd.

Dèan do chonnadh san t-samhradh, no nì sa gheamhradh do gharadh.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:01:25
Àm Clàraidh - 1963.09
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Eile
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 18346
Àireamh an Teip Thùsail - SA1963.049
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1963.49.B1(92)-B1(114)
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R


Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/18346/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:01:25)
Cluich pàirt 2 (00:00:27)




spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA