Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 21 February 1995
Àireamh a’ chlàir 1951
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 21.02.1995

Geàrr-chunntas

Màiri nighean Alasdair Ruaidh agus Frances Tolmie.

A' bruidhinn air Màiri nighean Alasdair Ruaidh agus Frances Tolmie. Beagan mu dheidhinn am beatha 's an obair, agus na ceanglaichean a bha eatorra.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Mairi nighean Alasdair Ruaidh; Tolmie, Frances

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha fhios aig a' mhòr-chuid gun robh ceangal eadar i fhèin agus Clann 'ic Leòid Dhùn Bheagain. 'S dòcha nach eil uimhir air a chluinntinn mu Frances Tolmie. Bha ise i fhèin agus ceangal aice ri Dùn Bheagain, ach bha sin nas fhaisge air an àm againn fhìn. Bha ise cuideachd ri bàrdachd. Aig deireadh na seachdain a chaidh, bhruidhinn Mòrag NicLeòid mun an dà bhana-bhàrd agus an ceangal ri Dùn Bheagain ann an òraid a thug i do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis. Tha Mòrag còmhla rium an-dràsta ann an Dùn Èideann. Madainn mhath, a Mhòrag.

Mòrag NicLeòid (MN): Tha thu air èirigh, a Choinnich.

CM: Ò dìreach. Dìreach. Na bi ag ràdh rudan mar sin rium idir no bidh mi a' faireachdainn coltach ri dhol innte air ais. Màiri nighean Alasdair Ruaidh, Frances Tolmie, Dùn Bheagain. Mar a bha mi ag ràdh, tha fios aig a' mhòr-chuid againn mu dheidhinn Màiri nighean Alasdair Ruaidh. Chan eil fhios aig uimhir againn mu dheidhinn Frances Tolmie. 'S dòcha fiù 's mus bruidhinn sinn mu dheidhinn an dithis aca, an innis thu dhomh ciamar a thàinig thu gu bhith a' bruidhinn air an dithis aca mar seo? Tha mi dìreach... tha mi a' tuigsinn nach e seo a' chiad turas idir.

MN: Cha b' e. A' chiad turas, 's ann ann an Caisteal Dhùn Bheagain a bha sinn ag obair air a seo. 'S e MacLeòid a bha ag iarraidh... fhios agad, bidh fèis aig... anns a' chaisteal a h-uile bliadhna, meadhan an t-samhraidh, agus aon bhliadhna, o chionn, tha mi a' smaoineachadh, trì bliadhna, bha e ag iarraidh gum biodh Gàidhlig ann, agus chaidh bruidhinn riumsa, agus smaoinich mi gum biodh e gu math freagarrach rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn dithis bhoireannach a bha dlùth-cheangal aca ri Caisteal Dhùn Bheagain 's ri Clann 'ic Leòid, agus 's e sin Màiri nighean Alasdair Ruaidh agus Frances Tolmie. Bha Frances Tolmie, 's e nighean... bha a h-athair na bhàillidh air oighreachd MhicLeòid.

CM: Chan e ainm Gàidhealach idir a bh' oirre, an e?

MN: Uill, bha na Tolmaich, 's e... chan eil fhios a'm càit às an tàinig iad, ach bha iad... tha iad anns an Eilean Sgitheanach, 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil feadhainn dhiubh ann fhathast. 'S ann gu math Gàidhealach a bha iad.

CM: Nise, 's dòcha gu bheil gu leòr ag èisteachd an-diugh, 's tha sinne ag ràdh Màiri nighean Alasdair Ruaidh mar gu bheil fhios aig a h-uile duine cò i, ach 's dòcha gu bheil gu leòr agus nach eil càil a dh'fhios aca. Cuir nar cuimhne cò i.

MN: Tha mi a' smaoineachadh uaireannan gum bi daoine na cur... gum bi daoine ga measgachadh le Màiri Mhòr nan Òran, agus chan e an aon seòrsa a bh' annta idir, 's chan ann aig an aon àm a bha iad beò. Bha i... bha i càirdeach, cho fad 's as aithne dhuinn, bha i càirdeach do mhuinntir Chlann 'ic Leòid ann an Dùn Bheagain. Rugadh i, cho fad 's as aithne do dhaoine - a-rithist, chan eil iad... chan eil daoine cinnteach mu deidhinn - ann an sia ceud deug 's a còig-deug. Tha feadhainn a' ràdh gun robh i... uill, anns an leabhar aig Frances Tolmie, tha iad a' ràdh gun robh i còrr 's ceud bliadhna nuair a bhàsaich i, ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sgoilearan a' creidsinn sin a-nis. Bhàsaich i fo... ò, bha i gu math seachad air ceithir fichead 's a deich, ach cha robh i còrr 's ceud idir. Agus 's ann à Roghadal, tha mi a' smaoineachadh, a rugadh i agus a chaidh a tiodhlacadh.

CM: Agus bha i na bana-bhàrd chliùiteach, fiù 's nuair a bha i fhèin beò, nach robh?

MN: Ò tha mi a' smaoineachadh gum bitheadh. Bha. Bha i coltach ri na bàird a bha na daoine mòra a' fastadh, ach gur e fireannaich a dh'fheumadh a bhith ann. Bha an-dràsta an Clàrsair Dall, bha e ann an Dùn Bheagain fhad 's a bha Màiri nighean Alasdair Ruaidh ann, agus bha esan air a chumail le MacLeòid. Bha e a' faighinn a chumail; bha e a' faighinn bith-beò ann a bhith a' bàrdachd againne. Clàrsair a bh' ann, ach bha e a' dèanamh òrain cuideachd. Bha ise de sheòrsa eile dhen a sin, ach chan eil mi a' smaoineachadh gun robh i a' faighinn pàigheadh cunbhalach idir. 'S e banaltram dhan a' chloinn aig MacLeòid a bh' innte. Ach 's e an ceangal bu mhotha a bh' aice, 's ann ri Sir Tormod MacLeòid Bheàrnaraigh.

CM: Agus tha tòrr iomradh airsan anns na h-amhrain aice, nach eil?

MN: Tha, tha. Tha. Bha i gu math measail air. 'S e mac dhan a' cheann-cinnidh a bh' ann an Sir Tormod.

CM: Nise, Frances Tolmie. Sin dà cheud bliadhna co-dhiù, no dà cheud gu leth bliadhna às dèidh sin. An robh... a bheil ceangal sam bith eadar an seòrsa bàrdachd a bha iad ris?

MN: Ò uill, cha robh Frances Tolmie a' dèanamh bàrdachd idir.

CM: 'S ann a bha ise a' cruinneachadh?

MN: 'S ann a bha i a' cruinneachadh. Agus chruinnich i feadhainn dhe na h-òrain aig Màiri nighean Alasdair Ruaidh. Chuir i... chan eil fonn ri fhaighinn air na h-òrain... air na h-òrain aig Màiri nighean Alasdair Ruaidh, feadhainn aca, ach aig Frances Tolmie. Tha am fear ud a ghabh Uilleam, an Crònan, tha am fear sin aig Tolmie, agus 's ann gu math coltach ris a sin a tha Uilleam ga ghabhail.

CM: Agus thàinig leabhar a-mach bhuaipese ann an... toiseach na linn seo fhèin, nach tàinig, bho Frances Tolmie?

MN: Thàinig. 'S e an English Folk Song Society a thug a-mach leabhar dhen a... uill, fear dhe na h-irisean aca. 'S e na h-òrain a chruinnich Frances Tolmie a th' annta air fad. Tha ceud 's a còig ann. Agus thàinig iad a-mach ann an naoi ceud deug 's a h-aon-deug. Chan eil e furasta fhaighinn. 'S e dìreach... 's ann ann an leabharlann a gheibh thu e.

CM: An e tè-ciùil a bh' innte?

MN: Ò 's i, 's i. Bha i... 's e i fhèin a sgrìobh an ceòl. 'S e i fhèin a chuir sìos an ceòl mar a bha i ga chluinntinn ò dhaoine.

CM: Cha b' e i fhèin a rinn suas idir e?

MN: Ò cha b' i, cha b' i. Bha i gam faighinn... 's e òrain bheaga 's tàlaidhean 's puirt agus òrain luaidh bu mhotha a bha i a' cruinneachadh. Agus an-dràsta, leithid Griogal Cridhe, mar a bhios iad ga sheinn aig a' Mhòd, 's ann à Frances Tolmie a fhuaradh sin. Agus feadhainn eile - Maol Ruainidh Ghlinneachan, 's an Cùbhrachan, 's feadhainn mar sin. Chan ann buileach mar a tha iad ga sheinn... gan seinn mar as trice, ach tha seòrsachan aice dhen a h-uile gin dhiubh sin. Chan eil an t-uabhas aca idir anns an leabhar aice.

CM: Anns an òraid a bha thu a' toirt seachad, agus feumaidh sinn a ràdh, bha Ceanag agus Seumas Caimbeul, bha iadsan a' seinn cuid dhe na h-òrain còmhla ri... an cois na h-òraid. Dè bha thu a' feuchainn ri dhèanamh?

MN: Uill, ann an Dùn Bheagain bha mi dìreach airson gun cluinneadh daoine na h-òrain, seachd àraid na h-òrain aig Màiri nighean Alasdair Ruaidh, agus na h-òrain a chruinnich Frances Tolmie, dìreach a' sealltainn an rud a bha an dà bhoireannach sin a' dèanamh. Agus seachd àraid na h-òrain aig Màiri nighean Alasdair Ruaidh, a chionn chan eil daoine eòlach orra. Ann an dòigh, chan eil buinteanas aca ris an latha an-diugh, agus na mo bheachd-sa, bha mi uabhasach, uabhasach toilichte cothrom fhaighinn seo a dhèanamh, a chionn tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dha na Gàidheil fios a bhith aca air na h-òrain a tha seo, gum bu chòir fios a bhith againn gu bheil rudan cho fìor àrd ann an inbhe ealain ceangailte ris an dualchas againn. Agus chan eil... cha chuala... cha d' fhuair sinn anns an sgoil e, 's chan eil sinn ga fhaighinn... chan eilear a' creidsinn gu bheil e ann. Chan urrainn dhuinn innse dha na Goill. Chan eil aca ach ar creidsinn, no gun ar creidsinn, ma chanas sinn riutha, 'Tha an stuth math seo againn.' 'S e... bhiodh e... nam b' e... nam biodh an dùthaich againn dhuinn fhèin, mar Ghàidheil, bhiodhte a' seinn òrain dhen t-seòrsa seo mar a tha opera ann an cànanan eile, tha mi a' smaoineachadh, 's cha bhiodh e... bhiodh daoine a' pàigheadh prìsean mòra airson a dhol gu cuirmean anns am biodh na h-òrain seo air an gabhail.

CM: Chan eil iad air bilean an t-sluaigh an-diugh idir, man a bha sibh ag ràdh, ach 's dòcha gu bheil fear no dhà aca. Ach tha an t-uabhas de dh'amhrain aig Màiri nighean Alasdair Ruaidh, nach eil?

MN: Ò tha. Tha. Tha cruinneachadh ann a rinn Carmichael Watson, Songs of Mary MacLeod, ach chan eil iad uile ann a shin idir. Tha fear no dhà a tha daoine gu math cinnteach gur e Màiri nighean Alasdair Ruaidh a rinn iad, leithid òrain luaidh. Nise, na fireannaich a bha a' dèanamh an seòrsa òrain a rinn... mar a tha an Crònan ann a shiud, cha bhiodh iad a' dèanamh òrain luaidh idir, no òrain dè sheòrsa sam bith eile. Cha bhiodh iad a' dèanamh ach an aon seòrsa a bha siud. Chan eil fhios a'm an tug sibh an aire gun robh eadar-dhealachadh faid anns gach sreath. Bha feadhainn dhe na sreathan, bha barrachd loidhnichean annta. Bha feadhainn dhe na rainn, bha barrachd loidhnichean annta na bha ann am feadhainn eile, agus 's e rud... feumaidh gun deachaidh na fuinn agus na facail a dhèanamh aig an aon àm.

CM: Frances Tolmie. Dè an t-àite a th' aicese, a-rèiste, ann an saoghal a' chiùil?

MN: Tha ise... bha i a' cruinneachadh òrain aig an aon àm ri Marjorie Kennedy-Fraser agus daoine eile, agus iad sin uile... bha ceangal air choreigin eile aig a' cheòl ris an rud a bha iad a' dèanamh. Bha iad ag atharrachadh a' chiùil. Dh'atharraich Frances... Marjorie Kennedy-Fraser e gus an ceòl a tha i... a tha sgrìobhte aice. 'S ann... mar as trice, 's ann ri na facail Bheurla, ris an eadar-theangachadh, no ris an taobh Beurla dhen an rud, a tha an ceòl. Tha fear eile, Keith Norman MacDonald, a thug a-mach Gesto Collection, agus tha ceangal aca sin, tha na fuinn a th' aca nas coltaiche ri rud a chluicheadh tu air fidheall no... agus a h-uile duine a chruinnich... a chuir sìos ceòl, a thaobh na Gàidhlig, ron a sin, bha ceangal air choreigin aca ri ionnsramaidean. 'S e Frances Tolmie a' chiad duine a chuir sìos na h-òrain dìreach mar a bha iad, mar a chuala i aig na daoine a bhuineadh dhi fhèin. 'S bha Gàidhlig aice. Bha i fileanta ann an Gàidhlig, agus bha i... leis a sin fhèin, bha i eadar-dhealaichte o na daoine eile a bha a' cruinneachadh ron a sin. Às dèidh sin, thàinig feadhainn eile a bha a' dèanamh an aon rud.

CM: A Mhòrag, ceud mìle taing dhuibh.

MN: Tapadh leat fhèin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math