Seanfhaclan.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1962.04.A1(1)-(33)
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Seanfhaclan.
'S dàna gach cù air a dhùnan fhèin.
Chan fhaigh dòrn dhùinte ach sùil fhiata.
Is fiamhach an t-sùil a thèid a lot.
'S minig a thaobhadh sa chreig 's a h-eòin fhèin ga fàgail.
'S diocair a thoirt on làimh na chleachdas.
'S minig a bha gaoid an ubhal bòidheach.
'S fheàirrde bràth a breacadh gun a bristeadh.
'S minig a bha àgh air leiriste agus leibideag air galaid.
Fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal fada.
Maorach a dhèanamh fhad bhios an tràigh ann.
Ge b' e nì obair tràth, bidh e a-rithist na leth thàmh.
Fear nach cuir san latha fhuar, cha bhuain anns an latha theth.
Dh'fhalbh a chuid 's dh'fhan an luid.
'S minig a dhèanadh tàir air loth ?iullagach agus air gille peallagach.
'S ann oidhche ron bhàs is còir do dhuine a shàr-fhacal a thoirt.
Cluas bhodhar agus teanga dhaingeann.
'S fheàrr fuine thana na bhith uile falamh.
A' bhò as [?]sgàirdiche, 's i as àirde dh'èigheas.
Math ri ath[?] duine, 's math ri sean duine, 's math ri leanabh beag - trì nitheanan a thèid am mugha.
Saoilidh am fear gun mhodh, gur e modh am mì-mhodh.
'S toigh le feannag feannag eile.
'S beò na h-eòin ged nach sheobhaig iad.
Sannt na caillich sa chruaich-mhònadh.
Cha ghabhadh i 'n coisiche 's chan fhaigheadh i 'm marcraiche.
Seòladh àrd is gabhail ìseal.
Cha do dh'ith thu peice salainn còmhla ris fhathast.
Ge b' e nach gabh comhairle gabhaidh e cama-lorg.
Ge b' e nach coimhead roimhe, coimheadaidh e fada na dheaghaidh.
Rud nach caomh leam cha chluinn mi.
Deoch nach fhaigheadh an àm a tuireadh, slàn leatha tuilleadh.
Chuireadh i 'n dubh air a' gheal dhomh.
Chan innis am bodach breug, is ogha a-staigh.
'S èasgaidh ìompaire ann an taigh duine eile.
Cuir a-mach an t-uisge salach gus an tig an t-uisge glan a-staigh.
Notaichean a' Chlàir
Some meanings given. Tape was stopped between sayings - this is heard throughout.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Barraigh
Eilean - Barraigh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math