Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 03 August 2000
Àireamh a’ chlàir 20001
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 03.08.2000

Geàrr-chunntas

Suidheachadh nam bailtean Gàidhealach ann an Ceap Breatainn anns an 19mh linn.

Seumas Watson, a tha a' fuireach ann an Ceap Breatainn, ag innse mun rannsachadh a rinn e air seann eachdraidh an àite. Bhruidhinn e ri cuid ann an Ceap Breatainn a tha air cuimhne mhòr a chumail air an t-seanchas a fhuair iad bho na sinnsirean aca, agus a dh'innis dha mu dheidhinn Ceap Breatainn anns an 19mh linn nuair a chaidh na Gàidheil a-null.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): An-dràsta tha sinn a' fuireach aig a' cho-labhairt ann an Obar Dheathain. Tha iad air a thighinn à grunn mòr àitichean airson a bhith aig a' cho-labhairt a tha seo. 'S e dha-rìribh co-labhairt eadar-nàiseanta a th' ann, a' toirt iomradh air iomadh cuspair a bhuineas dhan a' Ghàidhlig agus dha na Gàidheil. 'S ann air suidheachadh nam bailtean Gàidhealach an Ceap Breatainn san naoidheamh linn deug a tha Seumas Watson a' còmhradh ris na tha an làthair. Na seanchasan mu na h-amannan a tha sin. Tha Seumas air a thighinn a Cheap Breatainn... à Ceap Breatainn gun a' cho-labhairt. Tha e còmhla rium an-dràsta. Uill, a Sheumais, math a bhith a' còmhradh riut aon uair eile. Dè tha thu gu bhith ag ràdh ris na daoine a tha seo, na daoine a tha an làthair, mu dheidhinn na seòrsa dòigh-beatha a bh' aig na daoine a chaidh a-null san naoidheamh linn deug?

Seumas Watson (SW): Uill, tha mise air a bhith ag obair air falbh mun cuairt, am measg nan taighean, air feadh an eilein a-niste bho chionn còrr 's deich bliadhna, dh'fhaodte nas giorra do fhichead bliadhna, agus tha mi air a bhith a' clàradh seann seanchas aig muinntir... muinntir an àite 's seann eachdraidhean a bhiodh aca air mar a bha cùisean, mar a bha an saoghal, aig an sinnsear a thàinig a-nall an toiseach, agus 's ann a-mach air a sin a bhios mise aig a... aig a' cho-labhairt a tha seo.

CM: Uill, dè seòrsa... dè seòrsa rudan a tha thu air a bhith a' faighinn a-mach?

SW: Bidh mi... tha mi air a bhith a' clàradh seann eachdraidh air mar a bha saoghal nan Gàidheal a-bhos an seo san t-Seann Dùthaich, mun tàinig iad a-nall, agus gu dè thàinig fodha... fòdhpa gun tàinig iad a-nall, an seòrsa de shuidheachadh anns an robh iad anns a' Choillidh Mhòir dar a land iad an toiseach, agus an seòrsa de dh'obair a chuir iad air adhart gus an t-àite a thuineachadh.

CM: Nise, bha thusa a' bruidhinn, mar a tha thu ag ràdh, anns an fhichead bliadhna a chaidh seachad. Na daoine ris an robh thusa a' bruidhinn, cha robh iad fhèin air a... cha b' e iadsan a thàinig... a chaidh a-null idir. 'S e chaidh a-null ach na sinnsirean aca.

SW: Seadh, an cuideachd.

CM: Agus dè cho mòr agus a tha mar a bha a' tachairt dha na sinnsirean, dè mòr 's a bha sin nan cuimhne, no nam fiosrachadh?

SW: Uill, bha cuimhne... bha cuimhne mhòr aca air mar a bha gnothaichean aig an cuideachd dar a thàinig iad a-nall. Bhiodh iomadach naidheachd aca air mar a bha saoghal nan Gàidheal ann an Eilean Cheap Breatainn an toiseach, mar gum biodh iad a' faighinn air adhart... ciamar a bhiodh iad a' faighinn air adhart leis na h-Innseanaich, agus an seòrsa de choillidh a bh' ann, an obair a bha romhpa airson a' choille a leagail agus taighean a thogail, 's a leithid sin, 's bha... tha cuimhne mhòr aca, aig an t-seann fheadhainn ann an Ceap Breatainn, fhathast air mar a bha sin aig an sinnsirean.

CM: Airson thàinig daoine à diofar cheàrnaidhean de dh'Alba a Cheap Breatainn, agus rud a bha annasach, nach e, chùm iad an dòigh-cainnt a bh' aig na... a bh' aig na daoine bhon tàinig iad, taobh a-staigh Cheap Breatainn. Dh'aithnicheadh tu cò às a thàinig iad, 's dòcha ceud gu leth bliadhna às dèidh dha an sinnsirean a bhith air a thighinn, nach aithnicheadh?

SW: Cluinnidh daoine fhathast gu cinnteach blas an àite, blas na ceàrnaidh, air a' Ghàidhlig a bh' aig cuideachd muinntir an àite, dìreach a rèir an àite anns am bi thu. Ma thèid thu suas dhan a' Chladach a Tuath, 's e... 's ann às Leòdhas 's na Hearadh a thàinig iad sin, agus aithnichidh tu siud air a' Ghàidhlig aca gu furasta. Ma thèid thu a-null gu Iona, 's àite ris a... no Sanndra, ma thogras tu - tha mi a' creidsinn gun robh thu fhèin ann turas - agus taobh eile a' chaolais ann an Eilean na Nollaig, 's e blas nam Barrach a chluinneas tu air a' Ghàidhlig aca. San àite far a bheil mise a' fuireach, 's ann às Mòrar, Mùideart agus Eilean Eige bu mhotha a thàinig iad a-nall, 's tha siud ann ri chluinnteil fhathast.

CM: Nise, tha... agus na sgeulachdan a bh' aca, bha iad co-cheangailte ris... ris an imrich à seo gun an àite ùr, mu dheidhinn togail nan taighean, briseadh na talmhainn, an eaglais, agus rudan mar sin. Bha a h-uile càil a tha sin aca anns na sgeulachdan, anns na seanchasan, nach robh?

SW: Och, bha. Bha. Mar a thuirt mi, tha cuimhne mhath aca air a sin fhathast. Bidh iad a' bruidhinn air na h-Innseanaich, 's mar a bha iad dar a thàinig iad a-nall. Tha cuimhn' a'm air aon stòiridh bhig a bhiodh aca air muinntir... air mar a thàinig na Gàidheil gu Sanndra. 'S e Barraich a bh' annta, 's thàinig iad a-nall, tha mi a' creidsinn, anns a' bhliadhna ochd ceud deug 's a dhà. Cha robh ann ach ceathrar dhiubh. 'S e Cloinn Nìll a bh' annta uile. Agus dar a thàinig iad gun a' chladach, shìos far a bheil an eaglais na seasamh an latha an-diugh, thàinig treubh, grunn de dh'Innseanaich orra, agus a rèir choltais, bha iad a' dol a thoirt dh'ionnsaigh dhaibh. Agus chaidh fear dhiubh seo air a ghlùinean, agus bha drong aige, agus thug e a-mach crois às an drong, agus bha e... bha e ga thogail siud suas, agus cho luath 's gun do dh'aithnich na h-Innseanaich gura h-e Caitligich a bh' annta, rinneadh sìth, agus 's e siud a' chiad turas a thachair na Gàidheil seo ris na h-Innseanaich anns an dùthaich ùr. Bidh stòiridhean mar sin aca fhathast, cinnteach.

CM: Uill, tha, agus thàinig thusa a-nall a dh'Obar Dheathain a dh'innse cuid dhen a sin dhaibh aig a' cho-labhairt a tha sin an-dràsta. A bheil an co-labhairt a' còrdadh riutsa?

SW: Tha gu mòr. Tha mi às dèidh tòrr mòr dhe na pàipearan a tha gu math feumail a chluinnteil, agus tuillidh 's dona nach eil iad a' dèanamh rud mar a tha seo nas trice. Tha e gu math cudromach gu saoghal nan Gàidheal.

CM: Nuair a smaoinicheas tu air, tha e annasach. Thathas ag ràdh riumsa nach do thachair a leithid seo a-riamh ron a seo.

SW: Seadh. Uill, cha b' urrainn dhomh sìon a ghràdhainn mu dheidhinn sin. Cha bhi mi a-bhos an seo ro thric. Ach 's e co-labhairt gu math feumail a th' ann, 's tha mi an dòchas gum bi iad a' cumail romhpa.

CM: A Sheumais, tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach dhan an stiùidio a thoirt dhuinn beachd air na tha thu fhèin gu bhith ag ràdh aig a' cho-labhairt a tha sin. Seumas Watson.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math