Rannsaich

Mac Rìgh Èireann fo gheasaibh gus am faigheadh e a-mach mar...

Ceann-latha 1973
Àireamh a’ chlàir 2058
Pàirt 1
Pàirt 2
Pàirt 3

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1973.41-42.A

Àireamh an Teip Thùsail

SA1973.041

Geàrr-chunntas

Mac Rìgh Èireann fo gheasaibh gus am faigheadh e a-mach mar a fhuair An Tuairisgeul Mòr bàs.

Sgeulachd mu Mhac Rìgh Èireann. Bha Rìgh Èireann pòsta le aon mhac. Aon latha dh'fhalbh am mac a shealg agus, nuair a bha e a' gabhail fasgadh bho fhras uisge, chunnaic e bogha-froise. An uair sin nochd marcaiche agus boireannach na chois. Thòisich Mac Rìgh Èireann agus am marcaiche a' cluich chairtean. Bhuannaich Mac Rìgh Èireann is thug am marcaiche dha am boireannach mar dhuais. Bha aige ri claidheamh rùisgte a chumail eatorra gus am buannaicheadh am marcaiche air ais i. An ath latha chluich iad a-rithist is bhuannaich Mac Rìgh Èireann fàlaire dhonn a' mharcaiche. Air an treas latha bha buaidh na cluiche aig a' mharcaiche, agus chuir e Mac Rìgh Èireann fo gheasaibh gus am faigheadh e a-mach mar a fhuair An Tuairisgeul Mòr bàs. Ach, chuir Mac Rìgh Èireann am marcaiche fo gheasaibh e fhèin, agus thug e air seasamh air dà chnoc, cas air gach fear.

Dh'fhàg e an sin e is dh'fhalbh e dhachaigh. An ath latha, a-mach gun tug e air turas gus freagairt fhaighinn do cheist a' mharcaiche. Fhuair e a-mach bho thrì ridirean gur e An Tuairisgeul Òg a bha air a chur fo gheasaibh, agus mar a gheibheadh e am fuasgladh. Fhuair e sin às dèidh iomadh gàbhadh is tachartas. Chaidh e air ais far an do dh'fhàg e An Tuairisgeul Òg gus am fuasgladh a thoirt dha, agus an uair sin mharbh e e. Tha Mac Rìgh Èireann a' pòsadh nighean Ridire na Sgèithe Uaine aig deireadh na sgeulachd.

Notaichean a' Chlàir

Unusual word for horse, 'fàlaire' - see 'Gaelic Words from South Uist' collected by Fr Allan MacDonald.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - An Àird Mhòr

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math