Rannsaich

Àirigh an t-Sluic

Ceann-latha 22 November 1949
Àireamh a’ chlàir 20693
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

CW0010.46

Àireamh an Teip Thùsail

CW0010

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu sgiobair à Loch Sgioport a bha airson a dhol a-mach a dh'iasgach. Mhothaich e gun robh stoirm air fàire, agus dh'fhuirich e far an robh e nuair a chuala e coileach a' gairm cuideachd. Chunnaic e meall mòr mar theine a' dol timcheall air Àirigh an t-Sluic. An ath mhadainn, chaidh e chun na h-àirigh agus bha cailleach an sin leatha fhèin. Thuirt i gun do dh'eug an duine aice tron oidhche, nuair a bha an stoirm ann. Bha an sgiobair airson an coileach aice a cheannach agus chaidh iad sìos chun a' bhàta aige. An uair sin thàinig meall teine bhon àird an ear agus dh'fhalbh e le Àirigh an t-Sluic suas dha na speuran.

Notaichean a' Chlàir

Recorded at a cèilidh arranged by Mr Calum Maclean of the Irish Folklore Commission.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Beinn a' Bhadhla

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Loch Sgioport

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

Canna

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain: This is being told by Angus MacMillan, Grìminis, Benbecula. Àirigh an t-Sluic.

Aonghas MacIlleMhaoil: Bha siud ann, ma-thà, Àirigh an t-Sluic, agus bha... bha fear ann a... ann a... dè an t-ainm a th' air, an t-àite a th' ann a shin? Loch Sgioport. Bha e ann an Loch Sgioport, fear aig an robh bàta, agus bha e airson faighinn air falbh mun tigeadh an latha. Dh'fhan e air... dh'fhan e air... air a' chois, e fhèin agus an criutha gu lèir... uile-gu-lèir. Ach uaireigin suas mu dhà uair sa mhadainn, no trì uairean sa mhadainn, thug e an aire do ghnothach mòr air an iarmailt de dhòmhladas, agus cha do chòrd e ris idir.

Uill, bha e a' coimhead air a' mheall mhòr uabhasach a bh' air an iarmailt. Ach co-dhiù, thuirt e ris fhèin:

"Chan fhalbh mi gus an tig am meall a tha seo seachad."

Dh'fhan e, agus bha am meall a' tighinn gu dlùth agus gu dùmhail air an àite anns an robh e a' fuireach. Bha e a' coimhead air, agus e... e air a' watch shuas.

Thug e seo an aire gun robh am meall a' tighinn dlùth air, agus gun robh e glè dhlùth dhan chladach. Thug e an aire do bhothan beag air tìr, agus gun robh am meall a' tighinn dlùth air a' bhothan a bh' ann a sheo. Bha e a' coimhead, agus bha am meall air tighinn a-nuas air a' bhothan, agus chuala e anns an àm a bha ann a shin coileach a' gairm. Bha am meall a' dol mun cuairt anns an àite sin, agus bha an coileach a' sìor ghairm.

Bha an coileach a' gairm gus an robh e trì uairean sa mhadainn. 'S nuair a ghairm an coileach aig trì uairean, sgaoil am meall air falbh na mheall teine.

"Uill," ars an sgiobair, ars esan, "tha mi a' faicinn," ars esan, "nach eil còir againn air falbh a-nochd," ars esan. "Ge brith dè an t-sìde a bhios ann a-màireach," ars esan, "fanaidh sinn," ars esan, "gus am faic sinn," ars esan, "gu dè a dh'èireas," ars esan, "mar a bhios air tìr," ars esan. "Thug mi an aire dha a-nochd fhèin," ars esan, "an gnothach a bh' air tìr," ars esan, "'s cha mhath leam falbh," ars esan, "gus am faigh mi a-mach," ars esan, "gu dè mar," ars esan, "a tha an gnothach air tìr."

Dh'fhan iad fad na h-oidhche, an oidhche sin, agus anns a' mhadainn an làrna-mhàireach, dh'èirich iad às a' bhàta.

"Uill," ars esan, "thèid sinn air tìr an-diugh," ars esan, "agus chì sinn," ars esan, "gu dè," ars esan, "an gnothach," ars esan, "a tha mu dheidhinn a' bhothain bhig bhochd," ars esan, "air tìr," ars esan, "ann a shin," ars esan, "agus," ars esan, "gheibh sinn a-mach ceart," ars esan, "mu dheidhinn."

Dh'fhan iad an oidhche sin, agus an làrna-mhàireach, suas mu aon uair deug no deich uairean, chaidh iad air tìr le bàta agus ràinig iad an àirigh a bh' ann a sheothach, far an robh am meall mòr trom a' dol mun cuairt air an àirigh fad na h-oidhche. Agus ràinig iad an doras, agus ghnog iad an doras. Thàinig boireannach bochd a-mach a dh'fhosgladh an dorais.

"A bheil," ars an sgiobair, "dad ceàrr," ars esan, "a-staigh anns a... anns an àite a tha seo?" ars esan.

"Ò tha gu leòr ceàrr ann," ars a' bhean, ars esan [sic]. "Tha an duine agam," ars esan, "dh'eug i... dh'eug e air a leithid seo a dh'uair a-raoir," ars esan.

"Ò seadh," ars esan. "Bha mi a' smaointinn," ars esan, "gun robh rudeigin ceàrr," ars esan, "anns an àite bhochd a bha seo," ars esan, "a-raoir," ars esan, "a thaobh," ars esan, "chunna mi sealladh," ars esan, "agus cha do chòrd e rium," ars esan. "Chunna mi meall trom," ars esan, "de mheall trom," ars esan, "mar gum b' eadh," ars esan, "teine ann," ars esan, "ach cha robh teine idir ann," ars esan. "Ach," ars esan, "mun do dh'fhalbh e," ars esan, "bha mòran teine ann," ars esan.

"Uill," ars ise, "sin an t-àm," ars ise, "an do bhàsaich mo... mo chompanach-sa," ars ise.

"An e gu dearbh?" ars esan. "An e," ars esan, "duine a bh' ann," ars esan, "a bha," ars esan, "caractar math aige?" ars esan.

"Cha robh e fìor mhath idir," ars ise, "agus cha robh e math dha-rìribh," ars ise.

"Ò uill," ars esan, "mura bitheadh," ars esan, "mar a bha," ars esan, "chan eil fhios a'm," ars esan, "gu dè mar a dh'èireadh dhut," ars esan. "Ach b' fhìor thoigh leam," ars esan, "gun toireadh... gun creiceadh tu rium," ars esan, "an coileach a th' agad," ars esan.

"An coileach?" ars ise. "Cha chreic mi an coileach riut," ars esan [sic], "fhad 's as urrainn domh," ars esan... ars ise, "a chumail," ars ise.

"Uill," ars esan, "tha nòisean agam dhan choileach," ars esan, "a thaobh," ars esan, "tha mi a' smaointinn," ars esan, "gur e a shàbhail," ars esan, "do bheatha," ars esan, "a-raoir," ars esan.

"Cha chreic mi idir riut an coileach," ars esan... ars ise.

"Uill," ars esan, "an rud a nì mi riut," ars esan, "seo an rud a nì mi riut," ars esan. "Falbhadh tu còmhla rium," ars esan, "chun a' bhàta," ars esan. "Bheir thu leat," ars esan, "an coileach," ars esan, "agus na cearcan," ars esan, "agus fàgadh tu," ars esan, "an àirigh," ars esan, "agus an duine... do chompanach leat agus," ars esan. "Agus," ars esan, "ma bhitheas," ars esan, "gnothaichean gu math," ars esan, "chì thu fhèin e."

"Uill," ars ise, "cha bhi mi deònach," ars ise, "an t-àite fhàgail idir," ars ise.

"Uill," ars esan, "gabh thusa mo chomhairle-sa," ars esan, "agus," ars esan, "nì mise... fàgaidh mise thu," ars esan, "cho math," ars esan, "agus a ghabhas e bhith."

Uill, dheònaich a' chailleach gum falbhadh i leis an sgiobair a' bhàta. Dh'fhalbh i leis an sgiobair a' bhàta dhan t-saothach, agus fhuair i gabhail aice gu math ann a shin. Thug i leatha na cearcan agus an coileach, agus chaidh iad air tìr dhan bhàta am beul na h-oidhche. Bha iad... fhuair i, a' chailleach, gabhail aice glè, glè mhath.

"Thig thu fhèin a-nist," ars esan, "air bòrd còmhla riumsa," ars esan, "agus chì thu," ars esan, "dè mar a dh'èireas dha d' chompanach."

Thàinig a cheart mheall às an àird an iar, 's bha e a' sìor thighinn, 's a' sìor thighinn. Nuair a thàinig e os cionn Àirigh an t-Sluic, thug e leis an àirigh na mheall teine suas dha na h-iarmailtean.

Tha an toll sin anns an àite sin chun an latha an-diugh, agus sin agaibh mar a dh'èirich... a chuala mise, agus mar a dh'èirich dhan Àirigh an t-Sluic.

Cruth Inneal a' Chlàir

Wire

Càileachd an Fhuaime

Math