Rannsaich

Thug mi 'n oidhche ge b' fhad i

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 08 August 1956
Àireamh a’ chlàir 21134
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1956.100.2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1956.100

Geàrr-chunntas

Thug an tè a rinn an t-òran luaidh seo an oidhche, ge b' fhad i, gun chadal, a' feitheamh nam bràithrean às a' phàirc an taobh shìos dhi. Thuirt i ris an òigear a thàinig a thadhal oirre aig a' bhuaile: "Is math air gnothach sa Ghearmailt, leis a' chlaidheamh, agus is math a thig an clogaid cruadhach air a' ghruaig shnìomhain, ach cha mhath leam do shùgradh." Thug i comhairle air gun a bhith trom air a' chadal mun tig aigne gu bruaillean, 's gun a bhith a' suirghe nam ban mun laigh an leann-ruadh air.

Notaichean a' Chlàir

31 single-line verses with a refrain between each verse.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math