Rannsaich

Mungan ga chleachdadh airson leigheas.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha November 1964
Àireamh a’ chlàir 21260
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.77.B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.077

Geàrr-chunntas

Mungan ga chleachdadh airson leigheas.

Bha iad a' creidsinn gun robh beannachadh ann am mungan. Bha leannan-sìthe aig fear agus dh'fhàg e i airson boireannach nàdarra. Bha eagal air a dhol a shealg dhan bheinn mus coinnicheadh i e. Chaidh e a shealg air eilean latha leis na coin aige. Nochd a' bhean-sìthe air a' chladach. Dh'fheuch e ri iomradh air falbh ach shad i ceirsle snàtha dhan bhàta aige agus tharraing i am bàta gu tìr. Dìreach mus do ràinig e cladach, gheàrr e an snàth le sgian a bha i air a thoirt dha agus fhuair e air falbh. Dh'èigh i às a dhèidh: "Mhic a' Phì nan con dubha, dh'fhàg thu air an rubha mi."

Phòs e agus bha leanabh gu bhith aig a bhean ach bha duilgheadas breith aice. Chaidh an duine a-mach dhan bheinn, dhan bhean-sìthe. Thuirt e rithe gun robh gobhar aige aig an robh duilgheadas breith. Thuirt i gun robh seo neònach seach gun robh mungan mu na casan aige. Thuig ise gun robh e a' bruidhinn mun bhean aige agus thug i dha crios dubh airson a chur mu meadhan. Cheangail esan an crios mu chlach agus sgoilt a' chlach na dà leth. Chaidh e gu crò nan gobhar agus thog e mungan. Chuir e seo dhan leabaidh aig a bhean agus rug i am pàiste gun dragh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math