Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 29 April 1998
Àireamh a’ chlàir 21983
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 29.04.1998

Geàrr-chunntas

Iris litreachais an 'Lines Review' gus crìochnachadh.

Còmhradh mun iris litreachais an 'Lines Review' a tha gus crìochnachadh. Tha Aonghas Dubh MacNeacail eòlach air an iris. B' ann an sin a chaidh a' bhàrdachd aige fhoillseachadh gu farsaing an toiseach agus tha e ag innse mar a thug an iris a' chiad chothrom do dh'iomadh bàrd ùr, òg. Tha Iain Crichton Mac a' Ghobhainn ag ràdh gu bheil diofar irisean eile ann a-nis agus nach eil uiread de dh'fheum air an Lines Review. Tha e a' toirt taing do Chalum Dòmhnallach, aig a bheil ceanglaichean ri Beàrnaraigh Leòdhais, a bha a' foillseachadh na h-iris, airson na h-obrach a rinn e.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math