Rannsaich

An droch-shùil agus droch ghuidhe.

Ceann-latha 1973
Àireamh a’ chlàir 2234
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1973.42.B3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1973.042

Geàrr-chunntas

An droch-shùil agus droch ghuidhe.

Chan eil am fiosraiche a' smaoineachadh gu bheil an droch-shùil cho dona. Bha boireannach ann a bha uabhasach trom air guidheachan. Aon uair, chaidh tè air an do rinn i droch ghuidhe chun an t-sagairt. Thuirt e rithe gun a bhith a' creidsinn annta, agus gum biodh na guidheachan a' falbh san iarmailt gus an laigheadh iad air an tè a rinn iad.

Bha tuathanach san Druim Mhòr aig an robh an droch-shùil, agus uaireannan laigheadh a shùil air an stoc aige fhèin gun fhiosta dha.

Nam biodh duine a' moladh rudeigin, chanadh fear eile ris, "Fliuch do shùil," gus nach laigheadh an droch-shùil air.

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math