Rannsaich

Horò mo Nighean Dubh Ghuanach

Ceann-latha 10 September 1955
Àireamh a’ chlàir 22560
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1955.163.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1955.163

Geàrr-chunntas

'S e òran gaoil le fear a tha seo, a rinneadh do nighean bhòidheach le falt dubh. Tha fadachd air gus am bi e còmhla rithe aig an Fhèill Mhàrtainn.

Notaichean a' Chlàir

Four 4-line verses plus 4-line choruses sung.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Horò mo nighean dubh ghuanach.
Horé mo nighean dubh ghuanach.
Mo nighean dubh chruinn dubh ghuanach,
Mo luaidh-s' air an nighean dubh.

B' e siud a' mhaighdeann dhealbhach
Falt dubh is gruaidhean dearg oirr'.
Gur mise nach d' rinn aimlisg
Nuair shealg mi air an nighean dubh.

Nuair bha mi na mo dhròbhair
A' falbh leis na dròibhtean.
Gun earbainn fhìn mo stòras
Ri pòcaid mo nighean dubh.

Nuair bha mi na mo ghàirnealair
Ag obair anns a' ghàradh.
Gun toirinn an ròs a b' àlainn
Gu parlour mo nighean dubh.

Gur bliadhna gach là leam
Gus an till an Fhèill Màrtainn.
Gu ruig mi Ceann an t-Sàile
Gu gàirdean mo nighean dubh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math