Rannsaich

Coinneach Odhar agus nighean Rìgh Lochlainn.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha November 1964
Àireamh a’ chlàir 23755
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.78.B26

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.078

Geàrr-chunntas

Coinneach Odhar agus nighean Rìgh Lochlainn.

Bha Rìgh Lochlainn a' dol a mharbhadh fiosaiche a chitheadh an t-àm ri teachd ann an clach. Chuir an nighean aige stad air an fheadhainn a bha a' dol ga mharbhadh. Thabhainn am fiosaiche rud sam bith dhi airson a bheatha a shàbhaladh. Dh'iarr i a' chlach air. Sa chloich, chunnaic i rèisimeid Ghàidhealach agus ghabh i gaol air an fhear a bha air an ceann. Airson faighinn do Bhreatainn chuir i oirre aodach gille agus dh'fhalbh i air aon de bhàtaichean a h-athar a bhiodh a' creachadh ann am Breatainn. Chailleadh na longan Lochlannach ann an stoirm mhòr air an rathad gu Breatainn agus bhàthadh nighean an rìgh.

Bliadhnaichean às a dhèidh bhite a' faicinn solas ann an Ùig ann an Leòdhas. Chaidh Coinneach Odhar chun an àite agus chunnaic e nighean an rìgh. Dh'innis i dha mar a thachair agus far am faigheadh e a' chlach. Fhuair e i agus chitheadh e dè bha a' dol a thachairt ron àm.

Dh'iarr boireannach air coimhead anns a' chloich airson faighinn a-mach mun duine aice a bha anns an Fhraing. Dh'innis e dhi gun robh e còmhla ri boireannach eile. Dh'iarr ise a chur gu bàs airson buidseachd. Thuirt e nan nochdadh fitheach dubh an dèidh a bhàis gun robh e ceàrr ach nan nochdadh calman geal gun robh e ceart. Thàinig calman geal agus bha fhios aig daoine gun robh e neo-chiontach. Thilg iad a' chlach do Loch Nis. Bhite ag ràdh gum biodh dà imleag air an ath dhuine a gheibheadh i.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Coinneach Odhar

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math