Rannsaich

O a Phiùthrag Olc a Phiuthar

Ceann-latha 11 February 1963
Àireamh a’ chlàir 23837
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.01.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.001

Geàrr-chunntas

Rinneadh an t-òran seo le tè aig an robh leannan-sìth. Tha i ag innse mu na tiodhlacan a gheall e. Tha an ceathramh mu a bràithrean a' dèanamh follaiseach gun robh murt ann.

Notaichean a' Chlàir

Five quatrains plus choruses sung.

See:
'MacDonald Collection of Gaelic Poetry' p. 331

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

O phiùthrag olc o phiuthar
'S minig a dh'innseadh dhut a rùin
'S mòr bu luaithe thigeadh sgeul
Mach orra* bheul no orra ghlùin. [*air do]

Hóro ille dhuinn shunndaich
Hó shunndaich, hó rùnaich
Hóro ille dhuinn shunndaich
Chùm thu raoir nam dhùsgadh mi.

Gheall mo leannan dhòmhsa brèid
Gheall e 'n-diugh e, gheall e 'n-dè e
Agus dà sheachdain deug
Airson i* dealaichte ri chèile. [*bhith]

Gheall mo leannan dhòmhsa cìr
Gheall e crios dhomh agus stìom
Airson coinneamh dhèanamh ris
Am bun a' phreas mun èireadh grian.

Chì mi mo thriùir bhràithrean donna
Air an eachaibh loma luatha
Claidheamh gun robh 'm bun an clèibh
Is fuil an cridhe sileadh bhuap'.

B' fheàrr leam na cuid òr na cruinne
Na eudail an domhain gu lèir
Thusa ghràidh thighinn bhon chnoc uaine
Dol don uaigneas sinn leinn fhèin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math