Rannsaich

'S i Mo Cheist a' Mhaighdeann

Ceann-latha November 1965
Àireamh a’ chlàir 25262
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.105.2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.105

Geàrr-chunntas

B' fheàrr leis an fhear a rinn an t-òran seo gu robh e pòsta ri tè shònraichte, ach tha e a' tuigsinn nach gabh i e.

Notaichean a' Chlàir

Recorded in Castlebay School. Three 8-line verses sung.

See:
'An t-Òranaiche' (Gilleasbaig Mac na Ceàrdadh) p. 170

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Baile/Àite - Bàgh a' Chaisteil

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

'S i mo cheist a' mhaighdeann
Is 'fine' thèid an gùn.
'S i mo cheist a' mhaighdeann
Is dh'fhaighneachdainn thu.
Dh'fhaighneachdadh ron òr thu
Air bhòidhchead do ghnùis;
An gaol a thug mi òg dhut
A' toirt na deòir om shùil.

Ged gheibhinn-s' an Roinn Eòrpa
'S na bheil de stòras innt'.
Ged gheibhinn siud air m' òrdan
Is àite còmhnadh innt'.
Ged dh'èighte na mo dhiùc mi
'S mo chrùnadh nam rìgh.
B' fheàrr leam bhith san uaigh
Na thu luaidh bhith gam dhìth.

'S gòrach mi gad chaoineadh
'S nach caoineadh tu mi.
'S gòrach mi thug rùn dhut
'S gum faodar bhith gad dhìth.
Mas e lughad mo stòras
Chaidh eadar mi is tu;
Feumaidh sinn bhith beò
Ged nach pòsamaid a-chaoidh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math