Rannsaich

Disathairne Ghabh Mi Mulad

Ceann-latha October 1967
Àireamh a’ chlàir 25620
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1967.129.3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1967.129

Geàrr-chunntas

Tha trì earrannan anns an òran luaidh seo, mar a tha e air a ghabhail an seo. Anns a' chiad earrainn, tha tè ag innse gun do thòisich a mulad Disathairne. Tha i a' bruidhinn air bàs neach a bha dlùth dhi. Tha an dara earrann a' tòiseachadh: "Chuir Seumas daoine gam ghlacadh." Anns an earrainn mu dheireadh, tha an neach a rinn na sreathan ag iarraidh còmhlan de dh'fhearaibh tapaidh, agus ag ràdh: "Bhithinn an Dùn Tuilm mun caidlinn / Dh'fhàgainn Seumas Bàn gun astar / 'S dh'fhàgainn a mhàthair gun mhac dheth / 'S a bhean òg gun chèile leapa."

Notaichean a' Chlàir

See:
'Hebridean Folksongs' vol. 1 (Campbell/Collinson) p. 62
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig) p. 41

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Disathairne ghabh mi mulad
Hao ri iù o hao ri iù o
Didòmhnaich a ghabh mi uil' e
Hao rì iu ò hoilibh ò
Hì o challa bhi riù bhi hù o hù o
Didòmhnaich a ghabh mi uil' e
'S ann Diluain a rinn mi 'n tuiream
Chunna mi bhith gabhail umad
Gabhail mun bheul a bha cuimir
Dùnadh nan sùil a bha lurach
'S a' seòladh gu tìr an dubh-bhròin* [*tìr a' mhurain, mar as trice]
Far nach cluinntear aon ghuth duine
Fuaim a' challtainn ris a' chuileann
'S fuaim an t-sìobain ris a' mhuran
Och nan och b' e latha dubh e
'S chuir Seumas daoine gam ghlacadh
Bu bheag a ruigeadh e leas e
Cha b' e mhèirle fhuaradh agam
Ma fhuaras feòil aig mo chasan
Ma fhuair cha d' fhuaras feòil bhradach
Gruagach òg an cirb mo bhreacain
Iseabail dhonn an fhuilt chlannaich
'S deirg a gruaidh na cuach air chrannaibh
Ach nam faighinn siud air m' fhacal
Dà reug de ghillean tapaidh
Bhithinn an Dùn Tuilm mun caidlinn
'S dh'fhàgainn Seumas Bàn gun astar
Dh'fhàgainn a mhàthair gun mhac dheth
'S a bhean òg gun chèile leapa

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math