Rannsaich

Manadh air bàs: caoineadh.

Ceann-latha March 1953
Àireamh a’ chlàir 2621
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.20.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.020

Geàrr-chunntas

Manadh air bàs: caoineadh.

Bha athair agus bràthair-athar an fhiosraiche, agus dithis eile, ag iasgach ann an Loch Tamnabhaigh nuair a chuala iad duine a' caoineadh a-staigh ris a' chladach. Cha robh sgeul air duine sam bith. An ath bhliadhna bha iasgairean ag iasgach san loch, agus chuir iad cus iasg air bòrd. Air sgàth seo, chaidh an t-eathar fodha, agus bhàthadh an sgioba. Fhuaras corp a h-uile duine ach aon. Bha athair an fhir seo a' caoineadh anns an dearbh àite far an cuala an fheadhainn eile an caoineadh an samhradh roimhe seo.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Ùig

Eilean - Leòdhas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

An t-Urr. Calum MacIllEathain: Tha loch beag mu choinneamh an Sgarp againn, ann an Leòdhas, air a bheil Loch Thamnabhaigh. Acarsaid mhath agus àite math iasgaich a th' ann. Agus bliadhna dhe na bliadhnaichean bha m' athair agus bràthair m' athar - bràthair m' athar a tha fhathast beò air a bheil Aonghas - agus dithis eile de Chlann 'IllEathain, bha iad le eathar iasgaich anns an loch sin oidhche, ceathrar aca. Agus bha iad a-staigh ris a' chladach agus an dorchadas ann, agus chuala iad duine a' caoineadh air... anns a' chladach, a' daor-chaoineadh anns a' chladach.

Bha fhios aca a-nis nach robh duine beò air àrainn an àite a bh' ann, agus thàinig an caoch air m' athair-sa gus a dhol air tìr, gum feumaidh gun robh cuideigin ann, ach thuirt càch ris nach robh 's nach bitheadh duine anns an àite. Agus 's e àm iasgach nam bradan a bh' ann agus bha iad a' smaoineachadh gum faodadh cuideigin a bhith gam mealladh gu tìr ach am faiceadh iad cò bha san eathar, a bheil sibh a' faicinn.

Bha aon fhear anns an eathar air an Dòmhnall Mhurchaidh Dholaigein nach robh a' cluinntinn a' chaoinidh, agus bha sou'wester air agus i sìos mu na cluasan air, agus thug iad dheth seo... thug iad air seo a thoirt dheth, agus nuair a thug e dheth an còmhdach-cinn sin chluinneadh e fhèin an caoineadh mar a bha càch ga chluinntinn.

Ma-thà, thàinig iad dhachaigh 's cha robh an còrr mu dheidhinn, ach an dearbh fhoghar sin fhèin thàinig muinntir à Leòdhas a dh'iasgach sgadain ann an Loch Thamnabhaigh, agus chaidh tè dhe na h-eathraichean fodha 's iad a' tarraing nan lìon. Chuir iad tuilleadh 's a chòir innte agus lìon i orra agus chaidh i fodha fon casan.

Agus thàinig an càirdean, tha fhios agaibh, ga sgrìobadh, ach an togadh iad na cuirp agus fhuair iad na cuirp uile ach an corp aig aon fhear. Cha d' fhuaradh am fear sin riamh. Agus anns na lathaichean a bha iad a' sgrìobadh agus e a' faileachdainn orra an corp sin a lorg, bha athair an fhir a chaidh a bhàthadh a' caoineadh anns a' chladach dìreach anns an dearbh àite anns an cuala na Sgarpaich an caoineadh an samhradh ron a sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math