Rannsaich

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

DeanamaidAdhradh 07.05.2000

Geàrr-chunntas

00:00:00 - Salm 67, trì rainn bhon toiseach air fonn Kilmarnock leis an Urramach Calum Moireasdan.

00:07:00 - Ùrnaigh

00:09:52 - Leughadh - Lucas 11:1-23

00:13:47 - Salm 34, dà rann bho rann 15 air fonn Torwood le Calum MacLeòid.

00:18:23 - Searmon air a bhonntachadh air Lucas 11 rann 23, 'An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh: agus an neach nach eil a' cruinneachadh leam, tha e a' sgapadh.'

Tha Mgr MacLeòid a' tòiseachadh le bhith ag innse gu bheil Ùrnaigh an Tighearna do chlann an Tighearna. Airson a bhith nar clann Dhè, feumaidh sinn a bhith 'ag iarraidh, a' sireadh agus a' bualadh' agus 'bheir an t-Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh'iarras E.' Tha an Spiorad a' beothachadh. Tha Mgr MacLeòid a' crìochnachadh le bhith a' bruidhinn mu na comharran a tha air a' mhuinntir a tha le Crìosda agus a' mhuinntir a tha na aghaidh. Bu chòir dhuinn uile ceasnachadh a bheil sinn leis no na aghaidh.

00:27:54 - Salm 132, dà rann bhon treas rann air fonn Bangor leis an Urramach Donnchadh MacFhionghain.

00:31:40 - Co-dhùnadh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math