Rannsaich

Sgoil agus Beurla nuair a bha am fiosraiche òg.

Ceann-latha March 1953
Àireamh a’ chlàir 2650
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.20.B7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.020

Geàrr-chunntas

Sgoil agus Beurla nuair a bha am fiosraiche òg.

Nuair a bha am fiosraiche òg, cha robh Beurla sam bith aig na boireannaich. Bha beagan aig na fir, agus bha am beagan sin cothromach. Bhiodh pàrantan a' dèanamh strì airson 's gum biodh beagan sgoile aig na balaich, oir bha fios aca gum biodh beagan Beurla na chuideachadh dhaibh nam falbhadh iad gus cosnadh a dhèanamh. Bho nach biodh na h-igheanan a' falbh, cha robh feum aca air sgoil. Fiù 's ged nach biodh aig na balaich ach beagan Beurla, thogadh iad a' chànan gun saothair nam falbhadh iad gu tìr-mòr. Cha bhiodh iad idir a' measgachadh na dhà. Bha a' Ghàidhlig aca slàn agus fallain.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cille Mhoire

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): Agus na boireannaich gu sònraichte, cha robh guth Beurla idir aca, agus 's e sin a b' fheàrr uile. Agus na fir, bha beagan Beurla aig a' chuid bu mhotha dhiubh, agus am beagan a bh' aca, bha i cothromach. Bha i math.

Calum MacIllEathain (CM): Ciamar a bha iadsan a' faighinn na Beurla barrachd air na boireannaich? A chionn 's gun robh iad a' falbh a' seòladh, no a' falbh gu fèilltean, no...?

TD: Bha dà adhbhar air a sin. Anns an latha anns an robh iad beag, bha mar gum bitheadh barrachd strì air a dhèanamh airson a bheag no mhòr de sgoil a thoirt do na gillean. Bha fios glè mhath aig na pàrantan gum feumadh iad falbh às aonais na dùthcha a chosnadh an lòin, agus nach dèanadh iad feum gun Bheurla agus beagan sgoile, agus nan gabhadh e idir dèanamh bha iad a' dèanamh strì airson beagan sgoile a thoirt dhaibh. Anns an latha a bha siud, tha sibh a' tuigsinn, dh'fheumadh na pàrantan pàigheadh. Dh'fheumadh na pàrantan pàigheadh airson na sgoile agus airson nan leabhraichean. Agus mar sin, bha na gillean a' faighinn a bheag no mhòr de sgoil. Ach na h-igheanan, bha iadsan co-dhiù a' fuireach aig a' bhaile, 's aig an dachaigh, 's cha robh iad... an linn a bh' ann an siud cha robh iad a' falbh idir. 'S bha iad a' smaoineachadh, mar sin, nach robh feum aig na h-igheanan air Beurla no air sgoil ann.

Agus bha an t-adhbhar seo a-rithist ann: a' chuid dhe na gillean nach robh a' faotainn na sgoile, nuair a bha iad a' dol a-mach a dh'ionnsaigh na Galltachd, bha an inntinn geur agus fosgailte, agus bha iad a' togail na Beurla gun saothair.

Sin an dà adhbhar airson gun robh a' Bheurla aig na fir. Ach ma bha a' Bheurla aig na fir a bha ann an sin, 's beag a dh'aithnicheadh sibh air an Gàidhlig, gun robh i aca. Cha robh guth dhen a' Bheurla ga chur am measg na Gàidhlig. Bha a' Ghàidhlig aca gu slàn agus gu fallain.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math