Rannsaich

Beagan mu theaghlach an fhiosraiche.

Ceann-latha 11 March 1968
Àireamh a’ chlàir 27198
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1968.07.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1968.007

Geàrr-chunntas

Beagan mu theaghlach an fhiosraiche.

Bha athair an fhiosraiche comasach air Gàidhlig a sgrìobhadh. 'S ann à Gleann Urchaidh a bha a sheanair; rugadh athair an sin. Chaochail a sheanair 's e glè òg, agus le seo, ghluais a sheanmhair - tè de Chlann an Fhlèisteir - gu Taigh an Droma, far an robh a bràthair a' fuireach. 'S ann le na Flèistearan a bha Caisteal Achadh Chaladair. 'S ann à Tairbeart Loch Fìne a bha a mhàthair, agus bha Gàidhlig aig an teaghlach uile. Bha athair càirdeach dha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, agus bha tòrr òran aige. Rugadh am fiosraiche ann an Dùn Dà Ràmh, far an robh athair na chìobair fad 30 bliadhna. Tha triùir bhràithrean aige agus 's e as sine, aig aois 84.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math