Rannsaich

Bàs na Cailliche Bèire.

Ceann-latha 1953
Àireamh a’ chlàir 2743
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.049.B5; B6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.049

Geàrr-chunntas

Bàs na Cailliche Bèire.

Bha fuamhaire le aon sùil ann an Eilean Earraid air an robh a' Chailleach Bheur. Dh'fheumadh i a dhol gu Loch Bà gach ceud bliadhna a dh'fhailceadh. Bha trì beathaichean mairt aice agus cha robh ach aon tobar air tìr-mòr far an gabhadh iad deoch. Bha brod mòr de chloich air an tobar a dh'fheumadh i thogail ach am faigheadh an crodh deoch. Dh'fheumadh i a chur air ais mus rachadh a' ghrian fodha no rachadh tuil air feadh na talmhainn gu lèir. Aon uair, thuit i na cadal ach dhùisg i dìreach nuair a bha Loch Obha air a chruthachadh agus fhuair i air am brod a chur air ais air an tobar.

Nuair a bhiodh i a' dol gu Loch Bà a h-uile ceud bliadhna, chan fhaodadh i cù a chluinntinn a' comhartaich no gheibheadh i am bàs. Chaidh i seachad air cìobair uair ge-tà, is thug an cù aige comhart. Bha a' Chailleach Bheur a' bàsachadh agus ged a dh'fheuch an cìobair ri cuideachadh, cha robh dad ann a b' urrainn dha dèanamh air a son. Mus do bhàsaich i ghabh i òran. Chan eil aig an fhiosraiche ach aon rann agus tha e ga gabhail an seo.

Neach/Cuspair a' Chlàir

A' Chailleach Bheur

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Cill Fhionnchain is Cill Mhic Eòghainn

Eilean - Eilean Earraid

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

An Caiptean Dùghall MacCormaig (DM): Nis, creidibh e no nach creidibh, ach bha fomhairean ann anns an t-seann t-saoghal. Tha am Bìoball ag innse sin dhuinn. Ma sheallas sibh anns an t-siathamh caibideil de Ghenesis, chì sibh ann an sin gun robh fomhairean ann, anns an t-seann t-saoghal. Ach bha aon fhomhair, cha chreid mi nach e an tè mu dheireadh a bh' ann am Muile, de na fomhairean sin, a' Chailleach Bheur a bha a' fuireach ann an Eilean Earraid, ris an abrar... 's e Eilean Earraid a their sinn ris an-diugh. Tha an t-eilean sin ainmeil gu leòr ann an leabhraichean Beurla a-nis, ach san àm ud cha robh a' fuireach ann ach a' Chailleach Bheur agus na trì mairt a bh' aice, a bhiodh i ag ionaltradh a h-uile madainn.

Nis, feumaidh gun robh i fiadhaich mòr, agus tha iad ag ràdh rinn - thàinig e a-nuas ann am beul-aithris - nach robh ach an aon sùil, agus... nach robh aice ach an aon sùil agus gun robh i ann an clàr a h-aodainn. Ach bha uair an siud agus bha i a' sealltainn a-mach ris an iar, agus thuirt i:

"Nuair a bha a' mhuir na coille 's na crìonaich, bha mise an sin nam nìghneig òig."

Nis, nuair a labhradh am boireannach ud, agus 's ann glè ainneamh a labhradh i idir, ach nuair a labhradh i, chluinneadh a h-uile duine sa cheann dùthcha i, agus dh'fhaodte ann an àiteannan eile. Nis, bidh sibh a' smaointinn gu bheil e faoin a ràdh gun robh a' Chailleach dh'fhaodte ag innse bhreug gun robh a' mhuir na coille 's na crìonaich nuair a bha ise na h-ìghneig òig, ach carson nach creideamaid e? Nach eil e coltach gu leòr? Mura faca aig a h-uile h-aon agaibh na sgeirean tormach, chuala sibh iomradh orra. A' sealltainn a-mach bho Eilean Earraid, gu rathad na Dubh-artaich, tha sgeirean cunnartach a-mach ann an sin a tha a' sìneadh a-mach seachd mìle deug. Agus anns an t-seann t-saoghal, nach fhaodadh na sgeirean a tha sin a bhith nam barran chnocan? Monaidhean a shìolaidheadh sìos le crith-thalmhainn no rud air choreigin mar sin. 'S chan urrainn dhuinn a ràdh nach robh a' Chailleach Bheur ceart nuair a thuirt i:

"Nuair a bha a' mhuir na coille 's na crìonaich, bha mise an sin nam nìghneig òig."

Ach bha aon rud crochte ris a' Chailleach Bheur. An ceann a h-uile ceud bliadhna dh'fheumadh i i fhèin fhailceadh ann an Loch Bà, shuas aig ceann eile Mhuile. Chuala sibh air fad iomradh air Loch Bà. 'S e loch bhòidheach a th' ann, agus i glè fhada agus domhainn. Agus nuair a gheibheadh i failceadh, daonnan anns a' Chèitean, cho luath 's a gheibheadh i failceadh, dh'ath-nuadhachadh a h-òige agus bha i na h-ìghneig òig a-rithist. Nis, dh'fhaodte gu bheil sibh a' cur teagamh ann an sin, ach a bheil fhios agaibhse, 's iomadh rud neònach a tha a' tachairt anns an t-saoghal, agus a thachair ann bho shean, aig nach eil fhios sam bith againn idir ach mar a thig e a-nuas ann am beul-aithris.

Bha na trì boin aice, agus bhiodh i a' falbh leotha à Eilean Earraid, 's gan saodachadh troimh Mhuile, a-sìos gus an ruigeadh i Maol Chinn Tìre, a h-uile latha. Nis, feumaidh gur e ceumannan fiadhaich fada a bhiodh aig a' chrodh, oir rachadh iad sìos gu Maol Chinn Tìre, agus an sin thòisicheadh iad air ionaltradh gus am biodh iad air an rathad dhachaigh. Ach cha robh e cho neònach idir nuair a smaointicheas sibh an seòrsa boireannaich a bh' anns a' Chailleach Bheur, a chionn bha i a' gearan mu Chrudh-lochan. 'S aithne dhuibh Crudh-lochan, chan eil i fad on Ghleann Mhòr ann am Muile.

"Crudh-lochan dubh, domhainn. An loch as doimhne san domhain. Ruigeadh Caol Muile mo ghlùinean ach ruigeadh Crudh-lochan mo shlèistean."

Sin an rud a bha i fhèin ag ràdh. Agus carson nach creid sinn e? Dè fios a th' againne nach robh i fìor?

Nis, cha robh ach an aon àite anns am biodh an crodh aig a' Chailleach Bheur ag òl uisge nuair a bha i air falbh à Muile fhèin. 'S e sin tobar a bha shìos leth an rathaid gu Maol Chinn Tìre. Chan eil cuimhn' a'm gu dè ainm a th' air, ach co-dhiù bha a leithid de thobar ann, agus bha brod mòr de chloich air an tobar agus cho luath 's a ruigeadh i sa mhadainn, thogadh i am brod seo airson gum faigheadh an crodh òl nuair a bhiodh am pathadh orra. Ach nam fàgadh i am brod far an tobair gus an rachadh a' ghrian fodha, thigeadh an t-uisge às agus chuireadh e tuil thar na domhain air fad. Thaomadh e às an tobar a bha seo gus an cuireadh e tuil air an domhain air fad.

Bha i an seo, ma-tà, aon uair agus i a' fàs car sean, 's i a' fàs lag coltach ri boireannach sean eile, agus thòisich i air... an cadal a' tighinn oirre 's i na suidhe faisg air an tobar. Ach dhùisg i le froineadh. Thàinig rabhaic uisge seirbh às an tobar agus bha a' ghrian dìreach gu dol sìos; cha robh ach criomag beag dheth an uachdar, ach leum i agus phut i sìos am brod agus shàbhail i an saoghal bho thuil. Ach ged a shàbhail i an saoghal air fad, tha pàirt dhith ann an siud fhathast, agus 's e Loch Obha a th' aca air.

Sin agaibh a-nis mar a bha a' Chailleach Bheur. Ach an truaghan, thàinig i air a h-aghaidh an uair seo, agus thug i an crodh do dh'Eilean Earraid, ach bha an samhradh a' tighinn. Bha an Cèitean ri teachd, agus bha an t-àm aice tighinn dlùth a dhol a dh'fhaotainn failceadh. Nis, dh'fheumadh i a bhith air a failceadh mun cluinneadh i comhart coin, agus mun cluinneadh i an t-eun beag a' bìogail anns na preaslaichean. Nan cluinneadh i a h-aon dhiubh sin, bha i rèidh. Dh'fhalbh i an latha seo, agus i a' dol a-sìos a' bhruthaich gu taobh na loch, 's i a' falbh air a socair fhèin 's bata aice a' dol ga failceadh fhèin, agus dìreach nuair a bha i aig cost na tuinne, bha cìobair nach robh fad air falbh agus thug an cù aige comhart. Cha bu luaithe a chualaig i a chomhart na thuit i na cual-chnàmh.

Nis, bha fhios aig a' chìobair glè mhath gun robh an t-àm aig a' Chailleach a bhith a' tighinn ann agus bhiodh e daonnan a' feuchainn ris a' chù a chumail a-staigh gus am faigheadh i air a failceadh, ach an oidhche seo bha an cù a-mach agus 's ann leis a sin a chomhart e nuair a chunnaic e a' Chailleach a' dol a-sìos, agus thuit i na cual-chnàmh. Ach ruith an cìobair thuice cho luath 's a b' urrainn dha feuch an dèanadh e dad air a son. Cha robh i uile-gu-lèir marbh, agus bha i a' seinn rithe fhèin òran tiamhaidh, muladach, agus chan aithne dhòmhsa seinn, ach seo car mar a bha e a' dol:

Is moch an-diugh a ghoir an cù, a ghoir an cù, a ghoir an cù,
Is moch an-diugh a ghoir an cù, madainn chiùin os cionn Loch Bà.

Sin mar a bha an t-òran a' dol. Bha mòran earrannan ann, ach b' e sin an ceòl a bh' air.

Nis, duine sam bith nach eil a' creidsinn na sgeulachd sin, chan eil aige ach dol a-suas gu na Barrachan - 's aithne dhuibh air fad na Barrachan - agus iomairibh a-suas tro Abhainn nan Slat agus chì sibh air an làimh chlì an staidhre a bh' aig a' Chailleach Bheur a dhol a-suas dhan àite far an robh i a' fuireach, agus their iad Tobhta na Cailleach Bheur ris gus an latha an-diugh.

Nis, co-dhiù 's a tha sibh a' creidsinn sin no nach eil, chan eil fhios agamsa, ach 's ann mar sin a chuala mi e, agus mas breug uam e, is breug thugam e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math