Rannsaich

Mac an tighearna agus nighean a' bhodaich bhochd.

Ceann-latha August 1970
Àireamh a’ chlàir 27934
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.214.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.214

Geàrr-chunntas

Mac an tighearna agus nighean a' bhodaich bhochd.

Bha mac an Tighearna a' dèanamh suas ris an nighean aig seann duine air an oighreachd. Bha eagal orra gun cuirte am bodach às an fhearann a thaobh seo is dh'fhàg an nighean airson a dhìon. Chaidh i a-null thairis air soitheach, a' còcaireachd is a' glanadh airson an fharaidh aice.

Fhuair i obair ann an taigh mòr nuair a ràinig iad. Cha robh cead aice bho fhear an taighe a dhol a-steach do aon rùm, ach chaidh i a-steach ann nuair a bha e air falbh bhon taigh. Fhuair i cuirp seachdnar bhoireannach na bhroinn, agus chaidh an iuchair, a bha geal, dubh. Theich i a lorg a' bhàta air an deach i a-null agus chuir an sgioba am falach i nuair a thàinig fear an taighe às a dèidh.

Chaidh i dhachaigh agus bha mac an Tighearna airson a pòsadh. Thuirt i ris gum feumadh e àite fhaighinn dha fhèin ged nach robh airgead aige. Chuir e tairgse a-steach son àite faisg air làimh agus fhuair e e, agus 's ann an uair sin a nochd marcaiche a' faighneachd an robh an t-àite air a reic. Thug an duine seo airgead gu lèor dhan ghille airson a cheannach. Phòs an dithis aca.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math