Rannsaich

Sgeulachd mun phort 'Fuaim nan tonn ri Dùn Treò'

Ceann-latha July 1970
Àireamh a’ chlàir 28109
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1979.191.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.191

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mun phort 'Fuaim nan tonn ri Dùn Treò'

Chaidh iarraidh air saighdearan caisteal a ghabhail agus na bha ann a mharbhadh. Bha caraid aig pìobaire na rèiseamaid anns a' chaisteal, agus nuair a bha iad a' tighinn faisg, chluich e port gus rabhadh a thoirt dha. (Tha Mgr Johnson a' seinn an òrain). Nuair a ràinig na saighdearan an caisteal, bha e falamh.
Dh'iarr ceannard nan saighdearan air a' phìobaire am port a chluich e roimhe a chluich a-rithist. Thuig e dè bha am pìobaire air a dhèanamh, agus gheàrr e dheth na meòirean aige leis a chlaidheamh.

Chuala Mgr Johnson an t-òran is an sgeulachd bho athair, a b' àbhaist a bhith a' cluich a' phuirt air a' phìob.

Notaichean a' Chlàir

See:
'Tocher' 11 (The School of Scottish Studies) p. 98, where there is another version of the song.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Cill Mhàrtainn

Baile/Àite - Dùn Treò

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math