Rannsaich

'S Truagh Nach Fhaicinn Fhìn Do long

Ceann-latha March 1963
Àireamh a’ chlàir 28430
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.05.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.005

Geàrr-chunntas

Anns an òran luaidh seo, tha a' bhana-bhàrd a' dùrachdainn gum faiceadh i long a leannain. Tha na tàlantan aige mar neach-ciùil air am moladh ann an sreathan a bhite a' cleachdadh ann an òrain dhen t-seòrsa.

Tha am fiosraiche ag innse mun òran, agus mun bhana-bhàrd.

Notaichean a' Chlàir

Ten lines sung plus chorus lines. The song is said to have been composed by Beathag Mhòr for Martin of Bealach.

Cf:
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' p. 43 (O hi rìl Mòr nigh'n donn)

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Annag Arnott (AA):

È ho rìthill ó nighean donn
Hì rì rithill ó nighean donn
È ho rìthill ó nighean donn

'S truagh nach fhaicinn fhìn do long

È ho rìthill ó nighean donn

Seòladh àrd air bàrr nan tonn

È ho rìthill ó nighean donn
Hì rì rithill ó nighean donn
È ho rìthill ó nighean donn

Air a luchdachadh gu trom

È ho rìthill ó nighean donn

Le òr dearg is airgead lom

È ho rìthill ó nighean donn
Hì rì rithill ó nighean donn
È ho rìthill ó nighean donn

Bu leam fhèin an luchd 's an long

È ho rìthill ó nighean donn

Bu leam an lasgaire donn

È ho rìthill ó nighean donn

Chuireadh air an fhidheall fonn

È ho rìthill ó nighean donn

Air an fhidheall 's air an tromb

È ho rìthill ó nighean donn

'S air pìob mhòr nan dosaibh donn

È ho rìthill ó nighean donn
Hì rì rithill ó nighean donn
È ho rìthill ó nighean donn

Cha dhìrich mi nochd le fonn

È ho rìthill ó nighean donn
Hì rì rithill ó nighean donn
È ho rìthill ó nighean donn


Iain MacAonghuis (IM): Glè mhath. Agus 's e Beathag a rinn an t-òran sin?

AA: Beathag a rinn an t-òran sin.

IM: Seadh. 'S a bheil eachdraidh sam bith agaibh mu dheidhinn? Cuin a rinn i e? No cò dha a rinn i e?

AA: Rinn i e dhan lad a bh' aice. Do Mhàrtainn a' Bhealaich.

IM: Seadh, seadh.

AA: Bheil fhios agad, bha gille aice o Mhàrtainn a' Bhealaich.

IM: Bha, bha. Chuala mi sin a-nise.

AA: Agus, uill, 's ann do Mhàrtainn a' Bhealaich a rinn i e.

IM: Dìreach, dìreach. Glè mhath. Agus a bheil an còrr agaibh a-nise dhe na h-òrain sin a rinn Beathag?

AA: Ò cha chreid mi gu bheil.

IM: Ach bha iad cumanta gu leòr san dùthaich...

AA: Bha, uaireigineach.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math