Rannsaich

Raghnall agus an tarbh.

Ceann-latha May 1954
Àireamh a’ chlàir 28508
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.49.8

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.049

Geàrr-chunntas

Raghnall agus an tarbh.

Bha beachd aig uachdaran gun robh Raghnall mac Ailein Òig na dhuine anabarrach làidir, agus chuir e tarbh na choinneamh uair. Rinn Raghnall a' chùis air an tarbh, is rinn e port air a' phìob dha leis na facail, 'S e 'n tarbh breac dearg, 's e 'n tarbh a mharbh mi'.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacDonald, Ronald [Raghnall mac Ailein Òig]

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Gleann Eilg

Baile/Àite - Mòrar

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Raghnall MacIllEathain (RM): Bha... bha naidheachd eile mu dheidhinn Raghnall mac Ailein Òig. Chuir uachdaran air choreigin cuireadh air a dhol a choimhead air, agus chuir e tarbh air an rathad aige. Bha fhios aige gun robh e làidir. Agus 's e a bh' ann, thachair an tarbh air, 's chaidh iad an caraibh a chèile, 's rug e air adhairc air an tarbh 's chuir e à cnàimh na h-amhaich e. Agus rinn e port mòr air a sin, agus canntaireachd: "'S e 'n tarbh breac dearg, 's e 'n tarbh a mharbh mi."

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math