Rannsaich

Cleachdaidhean Samhna ann an Uibhist a Deas.

Ceann-latha 1971
Àireamh a’ chlàir 29041
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.43.B6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.043

Geàrr-chunntas

Cleachdaidhean Samhna ann an Uibhist a Deas.

Bhiodh aodainnean aca air Oidhche Shamhna. Bhiodh iad a' leigeil uighean; a' briseadh uighean ann an glainne agus ga chur mun cuairt. Dh'fheumadh a h-uile duine balgam dheth a ghabhail agus a chumail nam beul gus an ruigeadh iad taigh eile, agus èisteachd aig an uinneig. B' e a' chiad ainm a chluinneadh iad an tè no fear a bhiodh iad ri phòsadh. Bhiodh gillean agus caileagan ga dhèanamh.

Bhiodh mì-mhodh a' dol; bhiodh iad a' goid càl agus chairtean. Bhiodh iad a' tarraing sop arbhair bho chruach le fiaclan agus b' e na bhiodh air de shìleanan na bhiodh ri bhith aca de chlann.

Bhiodh sàsaran air an cur a-mach le ùir, salann, uisge glan agus uisge salach. Rachadh còmhdach-shùilean a chur orra agus dh'fheumadh iad an làmh a shìneadh gu sàsar: nam b' e ùir a bhiodh ann 's e manadh bàis a bh' ann; salann, bhiodh iad gu bhith nan seòladair no ri seòladair a phòsadh; uisge glan, phòsadh iad duine beairteach no bhiodh iad fhèin beairteach; agus uisge salach, bhiodh pàiste dìolain aca.

Bhiodh iad a' dol mun cuairt le aodainnean agus bhiodh daoine a' toirt thiodhlacan dhaibh.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math