Rannsaich

Dealan-dè

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 29321
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

DealanDe 1986.05.02 Reel15

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu bheathach mòr a thàinig gu bàta.

Chuala Torcuil MacRath an sgeulachd seo o chionn fhada aig a' bhodach [athair] anns an taigh-chèilidh. Bha am bodach a' seòladh cuaintean na h-àirde an ear an àm a' Chiad Chogaidh. Bha crodh, fodar agus luchd-siubhail air a' bhàta. Thàinig beathach mòr gu deireadh a' bhàta. Shad na daoine a-mach stòl, peile, bò agus arbhar. Shluig am beathach iad uile. Thuit boireannach a-mach agus shluig am beathach ise cuideachd. Chaidh am beathach air tìr air eilean agus bhàsaich e. Dh'fhosgail iad am beathach. Bha am boireannach na suidhe air stòl a' bleoghan na bà agus bha a' bhò ag ithe an fhodair!

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Torcuil MacRath: Chuala mi an sgeulachd seo aig a' bhodach anns an taigh-chèilidh, 's cha b' ann an-dè a bha sin. Bha am bodach a' siubhal cuaintean na h-Àird an Ear aig àm a' Chiad Chogaidh, Cogadh 1914. Bha am bàta air an robh e a' toirt leatha a h-uile seòrsa rud: crodh, fodar agus luchd-siubhail.

Latha a bha seo agus am feasgar a' ciaradh, dh'èirich a' bhiast uabhasach sin aig deireadh a' bhàta. Chan fhacas a leithid siud de bheathach a-riamh, mas e beathach a bh' ann. Thug an sgiobair seachad an t-òrdugh am bàta a leigeil air falbh leis a h-uile stròc a dhèanadh i, mus biodh iad air am milleadh.

Aig a' cheart àm, thòisich iad a' tilgeil a-mach rudan ach am faiceadh iad gu dè mar a thachradh. Stòl, 's peile, 's mar sin, ach bha e a' slugadh a h-uile dad. Thug e leis bèile feòir air aon ghlaim. Chaidh bò a chur a-mach, ach chaidh ise sìos cuideachd. Aig an àm bha boireannach a' goradaireachd aig beul a' bhàta, 's leis an t-eagal a ghabh i thuit an òinseach a-mach, 's chaidh i far an deach an còrr.

Ach an seo, dh'aithnich iad gun robh e a' leigeil ann fhèin, 's a' tuiteam air falbh bhuapa. 'S mus deach an latha bhon adhar, chaidh e air tìr air an tràigh, air eilean beag a bha làimh riutha. Chùm iadsan orra, far an robh iad a' dol, agus an làrna-mhàireach, nuair a thill iad air ais, bha am beathach marbh air an tràigh. Bha ablach de dhoctair aca air bòrd agus thug esan mun aghaidh a' bhiast fhosgladh.

Aig an ìre sa, stad am bodach. Bha teine brèagha air anns an taigh-chèilidh, 's thug e sùil air an teine, 's chuir e smugaid tombaca a chridhe an teine.

"Ò," ars esan, "nuair a dh'fhosgail sinn e, bha am boireannach ann an sin na suidhe air stòl a' bleoghan na bà 's a' bhò ag ithe an fhodair."

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math