Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 11 April 2001
Àireamh a’ chlàir 29571
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 11.04.2001

Geàrr-chunntas

Gainnead siùcar a' mhàpail ann an Alba Nuadh.

Tha Eòs O' Murchadha a' dèanamh iomradh à Halifax, Alba Nuadh, ann an Canada, air gainnead siùcar a' mhàpail.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Chan eil turas gu taobh thall a' chuain a Chanada ceart gun siorap maple air pancake. Ach mas ann a dh'Albainn Nuadh a thèid sinn am-bliadhna, dh'fhaodadh sin a bhith gu math duilich dhuinn. Ma tha sùgh an t-siorap ag èirigh anns na craobhan, gu ruige seo chan eil iad deònach a bhith a' dealachadh ris. Tha grunn math an urra ris an t-siorap seo airson beòshlaint, agus tha iad gu math draghail mun a' ghainne. A bheil fhios dè as coireach ris a seo? Tha mi an dòchas gun innis Joe Murphy dhomh. Tha e air an loidhne ann an Halifax. A bheil tòrr dhe na craobhan seo ann an Albainn Nuadh, Joe?

Joe Murphy (JM): Ò, tha mòran craobhan maple againn timcheall an seo, a Choinnich. Cha chreid mi nach robh thu ann an ceann a tuath na h-Alba Nuaidh 's a Cheap Breatann nuair a bha... nuair a bha thusa thall an-uiridh, agus bha mòran de choilltean ann agus maple am measg na spruce air fad.

CM: Agus tha mi a' tuigse gu bheil dà shiorramachd far a bheil iad gu sònraichte ag obair... gan cur 's gam fàs airson an t-siorap a tha seo?

JM: Sin an dòigh, sin an dòigh. 'S beag an t-iongnadh a bha ormsa a' cluinntinn gun robh dragh air na tuathanaich maple syrup am-bliadhna a chionn 's tha feum agad, mar a tha fhios agaibhse, air làithean blàth agus oidhcheannan fuar airson am maple syrup a' dèanamh, agus tha mi a' coimhead às an uinneag dìreach an-dràsta, agus tha an talamh geal le sneachda ùr a fhuair sinn a-raoir. 'S e [???] gu math seann fhasanta agus fuar a tha againn, agus a bha againn fad a' gheamhradh timcheall an seo, agus ann an Cheap Breatann an-dè, mar eisimpleir, fhuair iad dà fhichead centimetre sneachda ùr, 's mar sin tha i... tha i gu math fuar fhathast.

CM: Tha mi a' tuigse, ge-tà, gu bheil seo a' fàs nas miosa. Tha mi a' tuigse nach eil iad a-nis a' faighinn uiread dhen an t-sùgh a tha seo à craobh a' mhaple agus a bha anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. A bheil seo dìreach air sgàth gu bheil an aimsir ag atharrachadh?

JM: Uill, 's dòcha... 's dòcha gun robh an trioblaid ann, airson mar a tha fhios agaibhse, tha an global warming agaibhse... againne, agus chan urrainn na tuathanaich a bhith a' coimhead... a' coimhead air adhart agus an tomhas [???] no fuar a predict-adh. Anns na seann làithean, 's e... cha robh ach cottage industry a bh' ann, agus bhiodh na tuathanaich a' dol a-mach le sgioba eich agus slaodan agus a' dol a-mach eadar na craobhan agus a' cruinneachadh an t-sùgh o na craobhan, airson feumaidh a bhith, ò, timcheall ceud liotairean sùgh agaibhse airson liotair a-mhàin maple syrup a dhèanamh, agus às dèidh sin, bhiodh iad a' dol air ais gu taigh logaichean far an robh teine mòr ann agus bhiodh iad... connadh cruaidh a losgadh ann an sin agus bhiodh poit mòr dubh agus bhiodh iad a' cur an t-sùgh anns a' phoit agus an t-siorap a' dèanamh às. Ach an-diugh, 's e gnothach mòr a th' ann, le vacuum systems agus reverse process osmosis, agus tha apparatus ann cho mòr ri bus aca, agus 's e gnothach mòr a th' ann, gu dearbha.

CM: A bheil tòrr ris? A bheil mòran a' faighinn cosnadh às?

JM: Uill, ò tha. Cha chreid mi nach eil timcheall air ceithir fhichead tuathanais a' dèanamh gnothach às ann an Alba Nuadh, ach tha mòran ga dèanamh airson spòrs. Mar eisimpleir, tha fhios agad gu bheil... gu bheil loch [???] an taigh againne, agus aig ceann an locha tha pàirc ann, agus bhiodh feadhainn a' cur pìoban anns na craobhan sin, chan eil ach airson spòrs, ach bhiodh iad a' cruinneachadh beagan de maple syrup às, maple sap às, agus a' dèanamh syrup airson na clann, airson an spòrs a th' ann, airson 's e rud gu math Canadach a th' ann. Tha fhios agaibhse gu bheil maple leaf, gu bheil duilleag maple air am bratach againne, agus mar eisimpleir, an sgioba hocaidh ann an Toronto, 's e na Toronto Maple Leaves, agus am maple, 's e rud gu math cudromach agus gu math Canadach againne, agus ged nach eil an gnothach cho mòr ann an ann an Canada air fad, 's e gnothach gu math cudromach againne airson an symbolism a tha ann, airson 's e rud a dh'ionnsaich sinn o na h-Innseanaich. Nuair a thàinig na h-Eòrpanach an seo, agus cha robh biadh aca, agus cha robh siùcar aca fad a' gheamhradh, agus scurvy ann agus a h-uile sìon mar siud, agus bha iad a' marbhadh, agus dh'ionnsaich iad o na h-Innseanaich ciamar... am maple syrup a tharraing agus siùcar agus beagan... beagan biadh fhaighinn anns na craobhan, agus... 's mar sin, 's e rud gu math cudromach againne airson eachdraidhean Canada a' cumail nar cuimhne.

CM: Uill, 's e rud a bh' ann a bha cudromach a thaobh eachdraidh aig an àm sin, ach tha e cudromach an-diugh fhèin cuideachd. Gu dearbh, tha sibh cho measail air ann an Albainn Nuadh, agus bha mi a' leughadh gur e glè bheag dheth a tha a' faighinn a-mach à Albainn Nuadh. Cha mhòr nach eil sibh fhèin ga ithe gu lèir.

JM: Ò, tha gu dearbha. Bhiodh sinn... bidh sinn ga chur air, ò, breacagan, pancakes, breacagan, agus uachdar-reòthte, ach nuair a dh'fhaighnich mi... uill, chuir mi ceist air mo bhean-sa sa mhadainn dè am bi thusa a' dèanamh leis am maple syrup, agus fhuair mi freagairt dìreach mar rudeigin às Forrest Gump, airson start i le maple-glazed chicken agus crispy maple spareribs, agus maple-glazed carrots, agus a h-uile sìon mar sin, maple 's mustard sauce, maple French toast, agus liosta cho fada ri do gheug a bha aice. 'S e rud gu math blasta, mar a tha fhios agaibhse, agus 's e rud a tha a' fàs dìreach an seo, agus chan eil e a' tighinn às... às na Stàitean mar na... a h-uile sìon a tha againne timcheall an seo. Anns a' gheamhradh bidh sinn... biadh a' ceannach às na stàitean, gu h-àraidh às California agus Florida. Ach am maple syrup, 's e rud a tha sinn a' dèanamh dìreach an seo, 's mar sin, tha e gu math cudromach airson ar spiorad a thogail anns an t-earrach.

CM: Uill, gu dearbha, àm an earraich, 's e sin a tha a h-uile duine ag iarraidh gu dearbha, agus chan e naidheachd mhath a th' ann gu dearbh nach eil na craobhan a' leigeil a-mach an t-sùgh sin mar a bhiodh sibh an dòchas. A bheil e ro anmoch a-nis, ge-tà? No a bheil dòchas agaibh gur dòcha gun tòisich na craobhan a' leigeil a-mach an t-sùgh fhathast?

JM: Ò, tha gu dearbha, tha gu dearbha. Tha mi a' coimhead e às an uinneag, mar a bha mi ag ràdh, agus tha an grian a' tighinn a-mach agus tha dùil againn air seachd degrees Celsius againne an-diugh, 's mar sin cha bhi e fada a-nis gu 'm bi e a' sruthadh nas fheàrr na bha e.

CM: Uill, Joe, tha mi an dòchas gu dearbha gur ann mar sin a bhitheas e. Tha e follaiseach cho measail 's a tha sibh fhèin, agus gu dearbh a h-uile duine eile a thèid a-null an sin, air siorap a' mhaple. Mòran taing dhutsa gu dearbha. Joe Murphy ann an sin air an loidhne à Halifax, prìomh bhaile Albainn Nuadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math