spacer
spacer

An dithis le croit a chaidh a dh'ionnsaigh nan sìthichean.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - An dithis le croit a chaidh a dh'ionnsaigh nan sìthichean.
Fiosraichean - Dòmhnall Fearghasdan
Luchd-clàraidh - ; Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - An dithis le croit a chaidh a dh'ionnsaigh nan sìthichean.

Thugadh duine le croit dam b' ainm Bàrnaidh a-steach am broinn sìthein. Bha na sìthichean a' seinn, 'Diluain, Dimàirt, Diciadain, Diardaoin'. Chuir esan 'Dihaoine' ris an òran. Chòrd seo riutha cho mòr is gun tug iad a' chroit bhon duine. An dèidh dha fear eile air an robh croit seo a chluinntinn, dh'fhalbh esan a dh'ionnsaigh nan sìthichean. Bha iad a' seinn, 'Diluain, Dimàirt, Diciadain, Diardaoin, Dihaoine', ach nuair a chuir an duine 'Disathairne' ris an òran, cha do chòrd e riutha idir. Bun a bha seo, thug iad dha a' chroit a thug iad bhon chiad duine.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:04:57
Àm Clàraidh - 1968.05.03
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 30230
Àireamh an Teip Thùsail - SA1968.090
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1968.90.B8; B9
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT503;

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/30230/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA