An dithis le croit a chaidh a dh'ionnsaigh nan sìthichean.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1968.90.B8; B9
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
An dithis le croit a chaidh a dh'ionnsaigh nan sìthichean.
Thugadh duine le croit dam b' ainm Bàrnaidh a-steach am broinn sìthein. Bha na sìthichean a' seinn, 'Diluain, Dimàirt, Diciadain, Diardaoin'. Chuir esan 'Dihaoine' ris an òran. Chòrd seo riutha cho mòr is gun tug iad a' chroit bhon duine. An dèidh dha fear eile air an robh croit seo a chluinntinn, dh'fhalbh esan a dh'ionnsaigh nan sìthichean. Bha iad a' seinn, 'Diluain, Dimàirt, Diciadain, Diardaoin, Dihaoine', ach nuair a chuir an duine 'Disathairne' ris an òran, cha do chòrd e riutha idir. Bun a bha seo, thug iad dha a' chroit a thug iad bhon chiad duine.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Eilean - Ìle
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Seòrsachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math