Rannsaich

Colbhasaich a' cur ruaig air na Lochlannaich.

Ceann-latha 21 February 1969
Àireamh a’ chlàir 30306
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.06.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.006

Geàrr-chunntas

Colbhasaich a' cur ruaig air na Lochlannaich.

Sgeulachd air mar a chuir Colbhasaich ruaig air Lochlannaich le sguaban, agus a thiodhlaic iad na cuirp fon ghainmhich air Tràigh an Tobair Fhuair. Bhiodh stoirm ag èirigh nam feuchadh iasgairean ri lugaichean a thoirt às airson biathadh, mus gluaiseadh iad cnàmhan nan Lochlannach. Bha an tobar fuar ri fhaicinn aig muir-tràghad.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Colbhsaigh is Orasa

Eilean - Colbhasa

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Colbhsaigh is Orasa

Eilean - Colbhasa

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Sin sibh ma-thà.

Dolly Ann MacDougall (DA): Uill, chualaig iad air dòigh air choreigin gun robh na Lochlannaich a' tighinn, agus rinn iad deas airson an coinneachadh. Bha iad a' landadh... a' tighinn air tìr aig Tràigh an Tobair Fhuair, taobh tuath Dhùn Ghallain, sna Machairean. Agus 's e sguaban - bheil fhios agaibh dè th' ann an sguab? Sheaf - beithe, 's iad air am biorachadh a bh' aca. Cha robh tuillidh... cha robh tuillidh de dh'inneal-cogaidh aca air an eilean. Choinnich iad iad leis a seo, ghlèidh iad a-mach iad, eadar am marbhadh 's am bàthadh, agus tha iad tiodhlaichte sa ghainmheach ann an sin, Tràigh an Tobair Fhuair, far an do thuit iad. Bha iad air am fàgail sa ghainmheach. Agus mar a bhiodh daoine a' dol a dh'iasgach, bhiodh iad ag iasgach lèabagan, 's mar seo bhiodh iad a' faotainn... bhiodh iad a' faotainn baoit - lugaichean, you know. 'S aithne dhuibh lugaichean.

DE: 'S aithne.

DA: Uill, cha robh... uair sam bith a chladhaicheadh iad na lugaichean a bha seo, chan fhaigheadh iad a-mach a dh'iasgach. Nam faigheadh, bha stoirm a' tighinn 's bha iad am brath a bhith bàthte. Bhiodh iad a' toirt an uachdar nan cnàimhean aig na Lochlannaich mar a bhiodh iad a' cladhach nan lugaichean, gus mu dheireadh gun do stad iad an cladhach air fad.

DE: Agus an robh iad a' toir rud sam bith eile an uachdar? An robh iad a' faighinn pìosan iarainn, no armachd, no rud sam bith mar sin ann...?

DA: Uill cha chuala mi sin, ach dòcha gum bitheadh.

DE: 'S cha robh duine a' cladhach an àite sin? Cha tàinig duine...?

DA: Stad iad. Stad iad dheth. Cha tàinig. 'S e àite... bidh e a' tràghadh a-mach gu math fada 's an làn a' tighinn a-staigh air sin gu math fada a-rithist. Tha tobar anns an tràigh sin cuideachd, agus tha e a' springadh a-nìos mar a bhios an tràigh ann, chì thu an tobar. Mar a tha an làn, tha an làn ga chòmhdach thairis.

DE: Agus 's e uisge...

DA: Uisge fresh.

DE: An e, gu dearbh?

DA: Tobar fuar.

DE: Seadh, gu dearbh. 'S cha chuala sibh an còrr mu na Lochlannaich a tha sin?

DA: Cha chualaig, ach tha e anns an leabhar sin. Tha naidheachd anns an leabhar sin timcheall air bàta. Thàinig iad a' seòladh a-staigh do Dhùn Ghallain.

DE: Seadh. Ach chan e seo an aon naidheachd sa...?

DA: Chan e.

DA: 'S ann aig ur seanair, an ann, a chuala sibh i siud?

DA: 'S ann.

DE: Seadh, glè mhath.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math