Mar a thug biast-dhubh an car à croitear.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1959.41.A3
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a thug biast-dhubh an car à croitear.
Chunnaic croitear à Loch Aoineart biast-dhubh ann an allt. Bhuail e i agus leig i oirre gun robh i marbh. Rug e air a h-earball agus thilg e air a ghualainn i. Ge-tà, bha i a cheart cho beò 's a bha i a-riamh, agus bhìd i a mhàs. Cha robh an duine airson a leigeil às agus, on a bha e air a lot co-dhiù, smaoinich e gun cumadh e air gu ruige an taigh. Nuair a ràinig e an taigh, dh'iarr e air a bhean a' bhiast-dhubh a mharbhadh le clobha. Nuair a chunnaic a' bhiast-dhubh an clobha a' tighinn, chuir i car innte fhèin agus fhuair an duine fhèin a' bhuille anns an druim. Thuit e air an ùrlar agus a-mach tron doras a ghabh a' bhiast-dhubh.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Cha robh fios aige dè rud a dhèanadh e. Nan leigeadh e às a' bhiast-dubh, dh'fhalbhadh i air, agus bha e air a lot co-dhiù. Ach smaointich e gun cumadh e aige i gu 'n ruigeadh e an taigh. Chùm e air aghaidh 's nuair a ràinig e an taigh bha a' bhean aige a-staigh, 's dh'iarr e air a' mhnaoi:
"Feuch am faigh thu an clobha," ars esan, "agus am marbh thu an donas sa a th' air mo mhuin, 's i an dèidh mo chur o fheum an t-saoghail," ars esan.
"Dè tha sin?" ars ise.
"Tha biast-dubh," ars esan. "Faigh an clobha, 's thoir deagh bhuille dhi," ars esan.
Dh'fhalbh a bhean 's fhuair i an clobha, 's ghabh ise... tharraing i an clobha a' dol a bhualadh na bèiste-duibhe, 's nuair a chunnaic a' bhiast-dubh an clobha a' tighinn, chuir i car innte fhèin 's fhuair an duine a' bhuille anns an druim, 's thuit e air an ùrlar. Leig e às a' bhiast-dubh, 's siud a-mach a' bhiast-dubh air an doras. Chaill e a' bhiast-dubh an dèidh a h-uile rud, 's cha robh e ach air a lot air sàillibh na bèiste-duibhe.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math