Rannsaich

Mar a thug biast-dhubh an car à croitear.

Ceann-latha 1959
Àireamh a’ chlàir 30527
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.41.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.041

Geàrr-chunntas

Mar a thug biast-dhubh an car à croitear.

Chunnaic croitear à Loch Aoineart biast-dhubh ann an allt. Bhuail e i agus leig i oirre gun robh i marbh. Rug e air a h-earball agus thilg e air a ghualainn i. Ge-tà, bha i a cheart cho beò 's a bha i a-riamh, agus bhìd i a mhàs. Cha robh an duine airson a leigeil às agus, on a bha e air a lot co-dhiù, smaoinich e gun cumadh e air gu ruige an taigh. Nuair a ràinig e an taigh, dh'iarr e air a bhean a' bhiast-dhubh a mharbhadh le clobha. Nuair a chunnaic a' bhiast-dhubh an clobha a' tighinn, chuir i car innte fhèin agus fhuair an duine fhèin a' bhuille anns an druim. Thuit e air an ùrlar agus a-mach tron doras a ghabh a' bhiast-dhubh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacIllFhialain: 'S e feareigin ann an Loch Aoineart a-muigh ud, croitear, an àite ri 'n can iad Àirigh nam Ban, agus bha e a' coimhead chaorach anns a' bheinn an latha a bh' ann a sheo. Agus tha allt mòr a-muigh ann, agus 's e Allt [?Bholagair] an t-ainm a th' air. Dè a chunnaic e ann ach biast-dubh. Agus dh'fhalbh e às dèidh na bèiste-duibhe, agus fhuair e aon srac dhen bhata a thoir dhi agus [?stun e] a' bhiast-dubh. Leig i oirre fhèin gun robh i marbh. Rug e air earball oirre 's thilg e air a ghualainn i, agus bha a' bhiast-dubh cho beò 's a bha i riamh. Ach thionndaidh a' bhiast-dubh agus rug i air mhàs air, agus chuir i na fiaclan a thaobh gu chèile roimhe.

Cha robh fios aige dè rud a dhèanadh e. Nan leigeadh e às a' bhiast-dubh, dh'fhalbhadh i air, agus bha e air a lot co-dhiù. Ach smaointich e gun cumadh e aige i gu 'n ruigeadh e an taigh. Chùm e air aghaidh 's nuair a ràinig e an taigh bha a' bhean aige a-staigh, 's dh'iarr e air a' mhnaoi:

"Feuch am faigh thu an clobha," ars esan, "agus am marbh thu an donas sa a th' air mo mhuin, 's i an dèidh mo chur o fheum an t-saoghail," ars esan.

"Dè tha sin?" ars ise.

"Tha biast-dubh," ars esan. "Faigh an clobha, 's thoir deagh bhuille dhi," ars esan.

Dh'fhalbh a bhean 's fhuair i an clobha, 's ghabh ise... tharraing i an clobha a' dol a bhualadh na bèiste-duibhe, 's nuair a chunnaic a' bhiast-dubh an clobha a' tighinn, chuir i car innte fhèin 's fhuair an duine a' bhuille anns an druim, 's thuit e air an ùrlar. Leig e às a' bhiast-dubh, 's siud a-mach a' bhiast-dubh air an doras. Chaill e a' bhiast-dubh an dèidh a h-uile rud, 's cha robh e ach air a lot air sàillibh na bèiste-duibhe.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math