Rannsaich

An droch-shùil agus an snàithlean.

Ceann-latha July 1971
Àireamh a’ chlàir 30907
Pàirt 1
Pàirt 2
Pàirt 3

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.101.B6; SA1971.102.A1a

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.101

Geàrr-chunntas

An droch-shùil agus an snàithlean.

'S e droch rud a bha anns an droch-shùil. Bha feadhainn ann aig an robh an droch-shùil gun fhiosta dhaibh, agus bhiodh an stoc aca fhèin a' fulang air a lost. Dh'fhaodadh an droch-shùil laighe air duine no beathach.

Bhiodh athair an fhiosraiche a' dèanamh snàithlean - dòigh air an droch-shùil a thoirt bho bheathach. Bhiodh e a' cur trì snaidhmeannan dhan t-snàithlean, agus a' cantainn ùrnaigh mu choinneimh gach fear. Dhèanadh e seo ann an dìomhaireachd. Tha cuimhne aig an fhiosraiche air an t-snàithlean. Às dèidh dhan t-snàithlean a bhith deis, bha e air a dhèanamh aithnichte dha athair cò bha mar mheadhan air an droch-shùil. Bhite a' toirt gibht mar thombaca dha athair airson snàithlean. Bhathar an uair sin a' dol deiseil mun bheathach trì uairean leis an t-snàithlean agus ga cheangail san earball. Tha cuimhne aig an fhiosraiche air dà bhò a chaidh a leigheas bhon bheum-sùlach leis an t-snàithlean.

Notaichean a' Chlàir

Beum-sùlach: influence of the evil eye.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math