Rannsaich

Leigheasan lus.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 12 June 1958
Àireamh a’ chlàir 31691
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1958.1.7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1958.001

Geàrr-chunntas

Leigheasan lus.

Bhathar a' toirt liath-rus (lus mar lus nan laogh a bha a' fàs air a' mhòintich) dha crodh air an robh teas-broilein, tinneas a bha a' tighinn orra nan itheadh iad cus de bhiadh tioram. Bhathar a' cleachdadh maraiche (lus a bha a' fàs air a' chreig an cois na mara) airson at a leigeil.

Notaichean a' Chlàir

Maraiche = scurvy-grass.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Lannraig

Paraiste - Glaschu

Baile/Àite - Glaschu

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Tunga

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Seumas Ros (SR): Agus anns an t-seann aimsir, nuair nach robh dotairean no vets ann mar a th' ann an-diugh, cinnteach gun robh tinneas ann, ach dè mu dheidhinn tinneis bheathaichean a-nist. An robh... an cuala sibh dòigheannan air tinneis a leigheas, a bhiodh aig na seann daoine uaireigineach?

Anna NicLeòid (AN): Ò bha. Bha, an-dràsta nuair a thigeadh teas-broilein air bò, le cus de bhiadh tioram, bhiodh i glè thinn, agus bhiodh iad a' toir dhi... bha tòrr de dhòighean aca air a dhol timcheall oirre, ach 's e liath-rus, liath-rus...

SR: Liath-rus?

AN: Seadh. Bhiodh iad a' toir sin dhi air bùrn, 's mana dèanadh sin feum dhi dh'fheumadh iad cobhair air choreigin.

SR: Agus dè bha san liath-rus?

AN: Bha rud a bha iad a' buain air a' mhòintich, man lus nan laogh. Agus bha iad ga chumail a dh'aona ghnothaich airson bheathaichean, a bheil fhios agaibh, agus ga thoir dhi air uisge.

SR: Agus a-nis, mu dheidhinn tinneasan a bhiodh air daoine. An robh feadhainn ann a bha na b' eòlaiche na feadhainn eile air a leithid sin?

AN: Bha. Bha seann fheadhainn ann aig an robh fios air a h-uile càil an-dràsta man carbuncles, man a chanas sinn. Bha leigheas acasan air nuair a dh'fhaillicheadh a h-uile càil eile, bhiodhte a' cur fuar-litean 's bhiodh an rud a' gabhail rithe. Ach am baile anns an robh mise, 's e maraiche...

SR: Maraiche?

AN: Maraiche. Lus a bha a' fàs shìos anns a' chreig, taobh na mara, agus bha e a' fàs ann an àite cho cunnartach agus gur e fìor dhuine a gheibheadh far an robh e, agus aig an robh fios càit an deigheadh e ga iarraidh. Agus bhathas a' glanadh, a' dèanamh seòrsa de ghlanadh air a sin agus ga chur air an at a bha seo. Bha pian mòr ann gu 'n tigeadh e gu àirde, ach bha e a' glanadh an at a-mach leis gu 'n tigeadh e gu màthair a' ghuire. 'S bha màthair a' ghuire a' tighinn às mar gum bitheadh tu, clove mòr, 's bha thu an uair sin, bhathas a' cur nàdar fuar-lite lof air 's ga dhùnadh an-àirde 's bha thu a-mach à pian às dèidh sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math