Rannsaich

Sgeulachd mu Mhanachan agus Monachan a' goid ùbhlan.

Ceann-latha May 1954
Àireamh a’ chlàir 31704
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.43.4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.043

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu Mhanachan agus Monachan a' goid ùbhlan.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Monachan; Manachan

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT2030

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Bha sibh ag ràdh gur ann a' goid ùbhlan a bha iad?

William MacDonald (WM): 'S ann. Bha Monachan... dh'fhalbh Manachan 's Monachan, dh'fhalbh iad a ghoid ùbhlan, agus chaidh Manachan suas na chraoibh 's thòisich e air caitheadh a-nuas nan ùbhlan, agus mar a chaitheadh Mana-... Monachan [sic] a-nuas na h-ùbhlan bha Manachan [sic] gan ithe. Agus dar a... dar a thàinig Manachan a-nuas cha robh gin de dh'ùbhlan aige.

Agus dh'fhalbh e na choillidh a bhuain slat a ghabhadh e air Manachan [sic] 's e an dèidh a chuid ùbhlan ithe.

Chaidh e na choillidh, agus dar a thòisich e air buain na slat, thuirt an t-slat ris nach fhaigheadh...

"Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu sgian a ghearras mi."

No tuagh a ghearras mi - chan eil fhios a'm cò aca.

Ach dh'fhalbh e... Manachan dhachaigh a dh'iarraidh na tuaigh, agus:

"Tuagh a bhuaineadh slat, slat a ghabhadh dha Manachan [sic] 's e an dèidh mo chuid ùbhlan ithe."

'S thuirt an tuagh ris nach fhaigheadh, gus am faigheadh e clach a gheuraicheadh i.

"Clach a gheuraicheadh tuagh, tuagh a bhuaineadh slat, slat a ghabhadh dha Monachan 's e an dèidh mo chuid ùbhlan ithe."

Chaidh e a dh'iarraidh na cloiche, 's thuirt a' chlach ris nach fhaigheadh, gus am faigheadh e uisge a fhliuchadh i.

"Uisge a fhliuchadh clach, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuaineadh slat, slat a ghabhadh dha Monachan 's e an dèidh mo chuid ùbhlan ithe."

Ràinig e an t-uisge, 's thuirt an t-uisge:

"Chan fhaigh thu uisge bhu-... chan fhaigh thu mise gus am faigh thu fiadh a shnàmhas mi."

"Fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuaineadh slat, slat a ghabhadh dha Monachan 's e an dèidh mo chuid ùbhlan ithe."

Ràinig e am fiadh.

"Chan fhaigh thu mise," thuirt am fiadh, "gus am faigh thu cù a leanas mi."

"Cù a leanadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a bhuaineadh slat, slat a ghabhadh dha Manachan [sic] 's e an dèidh mo chuid ùbhlan ithe."

Ràinig e an cù... ò, tha mi deas.

CM: "Chan fhaigh thu mise," ars an cù...

WM: "Chan fhaigh thu mise," ars an cù, "gus..." Dè...?

CM: Gu 'm faigh thu... ìm a thèid air mo chasan, an e?

WM: Ìm a dh'itheas... ìm... ìm a...

CM: Casa gadhair, an e?

WM: 'S e, rudeigin mar sin. Ò, tha mi beat-te. Tha mi beat-te. Tha mi beat-te an siud.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math