Rannsaich

Sgeulachd mu Oisean a' sealg fèidh.

Ceann-latha May 1954
Àireamh a’ chlàir 31722
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1954.43.6+44

Àireamh an Teip Thùsail

SA1954.043

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu Oisean a' sealg fèidh nuair a bha e aosta agus a' marbhadh am balach a chuidich e.

Chuir Oisean seachad treis mhòr ann an Èirinn, ach cha robh e a' faighinn gu leòr ri ithe. Aon là dh'fhaighnich e ri gille òg a bha a' fuireach làimh ris an deidheadh e leis dhan bheinn feuch am faigheadh e biadh math mus fàgadh e an saoghal. Thuirt am balach gun deidheadh. B' e e fhèin agus a chù na bha an làthair dhen Fhèinn.

Bha Oisean dall agus dh'iarr e air a' bhalach innse dha dar a chitheadh e gluasad air fèidh agus dè an coltas a bh' orra. Rinn am balach sin. An ceann treis thàinig an fheadhainn a bha dhìth air Oisean agus thuirt e ris a' bhalach an cù a leigeil às. Nuair a bha an cù air ochd a mharbhadh thuirt Oisean ris a' bhalach a chaisg. Thill an cù agus a theanga a-muigh; chaisg am balach ro luath e, bha fear eile aige ri fhaighinn. Dh'innis am balach dha Oisean nuair a bha an cù gus a bhith aige. Shìn e a-mach a làmh agus dar a leum an cù air chuir e a làmh a-steach an amhach a' choin agus thug e a-mach a theanga 's a mhionach.

Thrus am balach an t-sealg agus chaidh iad gu àite sonraichte gus am bruich. Bho nach robh am bodach a' faighinn biadh gu leòr ann an Èirinn chuir e dealgan na bhroinn. Bheireadh e às dealg mu choinneamh a h-uile fiadh a dh'itheadh e gus am biodh an còrr farsaingeachd na stamaig.

Nuair a bha na fèidh bruich thuirt e ris a' bhalach nach fhaodadh e ithe gus an d' fhuair esan a leòr. Gheall am balach sin dha agus thòisich am bodach ag ithe nam fiadh agus a' toirt dealgan às an stamaig aige. Thòisich am balach air fear ithe gun fhiosta. "'S olc a rinn thu," thuirt an Fhiantaiche dar a fhuair e a-mach agus dh'iarr e air a' bhalach a stiùireadh dhachaigh. Nuair a bha iad mu cheud slat air falbh bhon àite às an do dh'fhalbh iad rinn e grèim air amhaich a' bhalaich agus thug e às an amhaich aige far an robh e.

Chuala an fhiosraiche an sgeulachd bho bràthair a mhàthar, Iain Dòmhnallach, a dh'eug timcheall air 1924 aig aois 63.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Àrasaig

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Donald MacDonald (DM): Dh'fhalbh fear dhiubh, tha iad ag ràdhainn, gu ruige Èirinn, agus tha mi a' smaoineachdainn gur e Oisean a bh' air. Agus thug e treis mhòr dhe thìm ann an Èirinn, ach tha e coltach rium nach robh e a' faighinn a leòr ri ithe idir. Bha an duine cho uabhasach agus bha biadh car gann ann, agus cha robh e air a bhiathadh mar a bha e a' cleachdadh. Agus tha an naidheachd a' dol gun tuirt e latha dhe na lathaichean ri gille òg sgairteil a bha a' fuireach làmh ris:

"An tèid thu leam dhan bheinn," ars esan, "latha air choreigineach, feuch am faigh mi biadh math," ars esan, "mum fàg mi an saoghal?"

"Thèid," ars am balach.

"Tha seann chù agam fhathast. Cù na Fèinne. 'S e sin a tha an làthair dhen Fhèinn, mi fhèin agus an cù."

"Gasta," ars an gille, "thèid mise leat." Agus bha an gille e fhèin sgairteil. Mach a ghabh iad.

"Uill, innsidh tu dhòmhsa," ars esan, "mar a tha fhios agad, tha mise dall agus chan fhaic mi dad, ach innsidh tu dhòmhsa," ars esan, "dar a chì thu gluasad air fèidh. Agus innsidh tu dhomh dè an coltas."

Uill, thuirt am balach gun dèanadh e sin. Agus thuirt e ris gun robh e a' faicinn feadhainn air ghluasad agus a' dèanadh orra.

"Innis dhomh," ars esan, "dè an coltas agus an seòrsa a th' annta."

'S dh'innis am balach dha.

"Cùm agad an cù. Chan e sin an seòrsa tha bhuam idir."

An ceann treise, chunnaic e feadhainn eile.

"Innis dhomh a-nis dè coltas nam beothaichean a tha thu a' faicinn."

'S dh'innis am balach.

"Leig seachad iad," ars esan, "chan e sin an seòrsa a tha dhìth orm."

Ach bho dheireadh thall thàinig am buidheann a bha a dhìth air. Uill, an ceann tacain thàinig iad na bu teinne làimh, agus thuirt e ris:

"Leig às an cù a-nise."

'S leig e às an cù, 's ma leig, rinn an cù sgath.

"Cò meud a tha thu a' smaoineachdainn," ars am bodach, ars am fiantaiche, a tha marbh a-nis aige?"

"Tha mi a' smaoineachdainn," ars esan, "gu bheil ochd aige."

"Caisg e, ma-tà."

Chaisg an gille òg an cù.

"Am beil e a' teannadh oirnn?" ars am bodach.

"Tha."

"Dè coltas a' choin tighinn?"

"Tha e a' tighinn," ars esan, "agus a theanga a-muigh, a bheul fosgailte agus a theanga a-muigh."

"Is olc a rinn thu," ars esan. "Chaisg thu ro luath e. Bha fear eile aige ri fhaighinn. Innis thusa dhòmhsa," ars esan, "dar a bhios e a' teannadh orm."

Agus bha an cù a' tighinn agus bha e a' dol an sàs anns an fhiantaiche. Agus:

"Tha e a-nis," ars an gille òg, "gu bhith agad."

Agus chuir am bodach a-mach a làmh, agus dìreach dar a bha an cù a' dèanamh leum air, chuir e làmh a-staigh ann an amhach a' choin agus thug e a-mach a theanga 's a mhionach air an dail. Chuir siud crìoch air a' chù.

"Truisidh tu a-nis," ars esan, "an t-sealg."

Agus thruis e iad, agus chaidh iad gu àite sònraichte a bh' aca airson an cur air dòigh agus am bruich. Ach tha e coltach rium, le gainne bhidhe ann an Èirinn agus nach robh am bodach idir a' faighinn a leòr bhon chaidh e ann, bha dealgan aige rathad air choreigineach air a chur na bhroinn, agus mu choinneamh a h-uile fiadh a dh'itheadh e, bheireadh e às dealg, airson a stamag, gum biodh an còrr farsainneachd innte. Uill an seo, dar a bha na fèidh air am bruich 's iad dìreach deiseil airson tòiseachdainn, thuirt e ris a' ghille:

"Nis," ars esan, "cha chuir thu grèim nad bheul dhiubh gus am faigh mise mo leòr an toiseach.

[Briseadh san teip]

Calum MacIllEathain (CM): Sin sibh, ma-thà. Gus am faigh mise mo leòr an toiseach.

DM: Gheall am balach dha gun dèanadh e mar a thuirt e, agus an sin thòisich am bodach ri ithe na fèidh. Fear an dèidh fir dhiubh chuir e sìos, agus mu choinneamh a h-uile fear a rachadh às an t-sealladh, bha e a' toirt dealg às an stamaig aige. Chunnaic am balach an seo nach robh coltas gun robh gearradh gu bhith aige fhèin, agus dar a bha sia aige air ithe, thòisich e gun fhiosta dhan bhalach [sic] air fear ithe e fhèin. Ach dar a bha seo, pìos math dhen fhiadh co-dhiù aig a' bhalach air ithe, thuirt am bodach ris:

"Tha fear eile agam ri ithe fhathast."

"Ò," ars an gille ris, "chuidich mise mi fhìn leis an fhear sin. Chan eil an t-seachd idir gu bhith agad dhut fhèin."

"Nach tuirt mi riut," ars esan, "dar a thòisich mi air an ithe nach robh gearradh agad ri ghabhail dhiubh gus am faighinn-sa an toiseach mo leòr?"

"Thuirt, ach cha robh mi a' faicinn gum biodh e ceart dòmhsa a bhith gun ghearradh idir," ars am balach.

"Is olc a rinn thu," ars am fiantaiche, "ach stiùiridh tu mise dhachaigh bhon a thug thu an seo mi."

Mach a ghabh iad, agus bha am bodach... bha am fiantaiche gu math caomharrach ris.

"Am beil sinn a' teannadh air an taigh a-nise, an t-àite às an d' fhàg sinn?" ars am bodach, ars am fiantaiche.

"Tha."

"Dè an ùine a tha thu... dè an t-astar a tha thu a' smaoineachdainn a tha sinn bhuaithe?"

"Ò," ars esan, ars an gille, "mu cheud slat."

Agus chuir e mu chuairt agus rinn e grèim air amhaich a' bhalaich, agus thug e às an amhaich e dìreach far an robh e agus cha do rinn e an còrr. Agus sin agaibh mar a dh'fhairich mise an naidheachd.

CM: Glè mhath. [briseadh san teip] ...gur ann aig piuthar... an e piuthar-athar no piuthar-màthar...

DM: Bràthair-màthar dhomh, aig an cuala mi an naidheachd. Ach bha fhios aca oirre uile.

CM: Agus canaidh sinn a-nist an t-ainm a bh' air bràthair ur màthar. An e Dòmhnallach a bh' ann?

DM: Iain Dòmhnallach.

CM: Iain Dòmhnallach. Agus a-nist, a bheil fad ann o dh'eug e?

DM: Mu chuairt air deich bliadhna fichead.

CM: Deich bliadhna fichead o dh'eug e. Agus bhiodh e an uair sin mu thrì fichead 's a...

DM: Trì fichead 's a trì.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math