Rannsaich

Ìri iù horò Leannain

Ceann-latha November 1963
Àireamh a’ chlàir 32166
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.97.A11

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.097

Geàrr-chunntas

'S e òran gaoil a tha seo anns a bheil am bàrd ag innse gu bheil eagal air gum pòs a leannan fear eile. Tha e a' toirt comhairle dhan nighinn mun t-seòrsa fir a bu chòir dhi a sheachnadh, ma thaghas i fear eile.

Notaichean a' Chlàir

Recorded in the School of Scottish Studies. 4 quatrains plus choruses sung.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Ìri iù ó ró leannain,
Ìri iù ó ró leannain,
Ìri iù ó ró leannain,
'S trom an t-eallach an gaol.

Fhuair mi 'n cadal nach b' àbhaist,
An toiseach a' bhàta.
Cò chunna mi làmh rium,
Ach tè nam blàth-shùilean caoin.

Thoir mo shoraidh 's na ceil e,
Gu tè bhàn an fhuilt shoilleir.
Is ma phòsas fear eil' i,
'S ann tha choir' agam fhìn.

Thoir mo shoraidh gun dearmad,
Ged nach innis mi h-ainm dhut.
Chan eil fear ann an Alba,
Ris an earbainn cò i.

'S mas e 's gum pòs thu mun ruig mi,
Feuch gun fheàrr e na mise.
Na gabh pòitear no misgear,
'S na gabh idir fear faoin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math