Rannsaich

Mar a mharbh mac banaltraim trì fuamhairean gus nighean rìgh...

Ceann-latha June 1957
Àireamh a’ chlàir 32869
Pàirt 1
Pàirt 2
Pàirt 3

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1957.41.A2+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1957.041

Geàrr-chunntas

Mar a mharbh mac banaltraim trì fuamhairean gus nighean rìgh a phòsadh, mar a rinn cailleach a' chùis air agus mar a mharbh e agus a thug e beò a-rithist a bhràthair, dìreach mar a thuirt bodach baigeir a thachradh.

Bha Rìgh na h-Èireann a' sealg agus chaidh e air chall. Bha e pòsta, ach bha leanabh aige leis a' bhanaltram agus bha a bhean a cheart cho measail airsan 's a bha i air an leanabh aice fhèin. Aon là thàinig bodach baigeir agus thuirt e ris na gillean gum marbhadh an dàrna fear aca am fear eile, ged a bha iad uabhasach measail air a chèile.

Bha iad cho coltach ri chèile 's nach dèanadh a' bhanrigh a-mach cò an leanabh aice fhèin. Thuirt cailleach nan cearc rithe a h-aodach a thogail agus gun cromadh am mac aice fhèin a cheann leis an nàire. Sin mar a thachair. Thuirt mac na banaltraim ri bhràthair nuair a chitheadh e an geata a' fàs dearg gum biodh esan marbh agus dh'fhalbh e, le cù, each agus seabhag a rugadh air an aon oidhche ris fhèin. Bha mac na banrigh brònach gun do dh'fhalbh a bhràthair.

Thàinig mac na banaltraim gu caisteal, ach chaidh e gu cailleach nan cearc agus bhiodh e ga cuideachadh.

Bha trì fuamhairean ann agus am fear a chuireadh an ceann dhiubh, phòsadh e nighean an rìgh agus gheibheadh e an oighreachd.

Thachair mac na banaltraim ri leadaidh bhrèagha sa choille cuide ri còcaire a h-athar, an rìgh. Chaidh an còcaire suas ann an craobh agus dh'fhàg e ise shìos. Thuirt mac na banaltraim rithe gun robh e a' dol a chadal agus dh'innis e dhi ciamar a dhùisgeadh i e nan tigeadh am fuamhaire.

Thàinig am fuamhaire agus gheàrr am balach an ceann dheth. Thàinig an còcaire às a' chraoibh agus thug e an ceann leis. Dh'fhalbh am balach dhachaigh. Dh'innis cailleach nan cearc dha gun robh an còcaire a' dol a phòsadh nighean an rìgh an dèidh dha an ceann a thoirt far an fhuamhaire.

Thachair an aon rud dà thuras eile gus an robh na trì fuamhairean marbh. Bha an nighean air diofar dhòighean a chleachdadh gus mac na banaltraim a dhùsgadh, leithid a bhith a' gearradh dheth bàrr na lùdaig. Thug am balach na teangannan agus na sùilean às na fuamhairean agus chùm e iad.

Bha an còcaire gu bhith na rìgh a-nise. Chaidh a h-uile duine air an oighreachd a thional gu bàl. Bha cluiche aca far an do dh'fheuch a h-uile duine cnàimh daimh a bhriseadh le buille. Dh'fhàilig an còcaire agus a h-uile duine eile. Mu dheireadh, dh'fheuch mac na banaltraim agus bhris e an cnàimh. Dh'fhaighnich nighean an rìgh càit an robh sùilean agus teangannan nam fuamhairean agus thilg mac na banaltraim a-mach às a neapraig iad. Dh'innis an nighean gum b' e esan am fear a choisinn i.

Phòs nighean an rìgh agus mac na banaltraim agus laigh iad a-muigh anns an t-sabhal a' chiad oidhche. Thàinig galla mìolchu, agus thilg i cac air le a h-earball. Chuir e ruaig oirre agus thàinig iad gu taigh. Cha robh duine a-staigh ach bha teine mòr air. Aig meadhan-oidhche ghnog cearc aig an doras. Thug i dha ròineag gus na beathaichean aige a cheangal. Leig e a-staigh i agus chaidh i na cailleach mhòr agus mharbh i e. Bha i cuideachd air amhach a' choin, an eich 's na seabhaig a bhriseadh.

Chunnaic a bhràthair an geata a' tionndadh dearg. Bha fhios aige gun robh e marbh agus chaidh e ga lorg. Ràinig e an caisteal agus bha dùil aig bean a bhràthar gur e an duine aice a bh' ann. Laigh iad le chèile.

Thàinig a' ghalla agus thachair an aon rud dha 's a thachair dha bhràthair, ach chuir esan ròineag na cailliche dhan teine agus chuidich an cù, an t-each agus an t-seabhag e agus rinn e an gnothach air a' chaillich. Fhuair e an slacan draoidheachd aice agus mharbh e i.

Thug e beò a bhràthair leis an t-slacan draoidheachd agus air an t-slighe dhachaigh dh'innis e dha gun do chuir e an oidhche roimhe seachad cuide ri bhean. Mharbh mac na banaltraim a bhràthair agus chaidh e dhachaigh. Dh'fhaighnich a bhean dha carson a chuir e an claidheamh eatorra san leabaidh an oidhche roimhe. Chaidh e air ais gu a bhràthair agus thug e beò e leis an t-slacan draoidheachd.

Chaidh iad dhachaigh agus chan aithnicheadh a' bhean cò an duine aice gus an do choimhead i ri na làmhan aca. Bha fhios aice gur e an duine aice am fear le bàrr na lùdaig ga dhìth.

Thachair a h-uile dad mar a thuirt am bodach baigeir.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho bhràthair a mhàthar, Seoc Stiùbhart.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Cataibh

Paraiste - Fàrr

Baile/Àite - Am Blàran Odhar

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT300 AT303

Tar-sgrìobhadh

Sandaidh Stiùbhart (SS): Bha rìgh ann an sin, Rìgh na h-Èireann, agus bha e a' sealg anns a' mhon, agus char e air chall. Agus dar a bha e air chall, bha e... thàinig e air ais. Agus bha e pòsta, an rìgh, bha a' bhanrigh aige, agus bha leanabh aige ris a' bhanaltram. 'S dar a bha leanabh aige ris a' bhanaltram bha e cheart cho measail aig... tha fhios gur e an leanabh aige fhèin a bh' ann co-dhiù. Bha e aig a bhean cho measail 's ged a b' e an leanabh aice fhèin a bhiodh ann.

Agus bha a-nis na giullanan ann an sin, 's bha iad nan cnapaich. Agus latha dhe na lathachan 's tìde dhe na tìdean, cò thàinig ach bodach baigeir an rathad, no tramp. Agus dar a thàinig an tramp, thuirt e ris na giullanan:

"Tha sibh glè mheasail air a chèile, a ghiullanan?"

"Ò tha," thuirt na giullanan, "cho measail agus a ghabhas sinn a bhith air a chèile. Cha ghabh a bhith nas measaile."

"Ah uill," thuirt esan, "ged a tha sibh cho measail sin air a chèile," thuirt esan, "marbhaidh an dàrna fear am fear eile fhathast."

Ò uill, cha do ghabh iad guth orra. Ach thàinig iad a-staigh, 's thug a' bhanrigh, thug i glaodh orra airson... airson lunch. 'S bha iad cho coltach ri chèile. Cha dèanadh a' bhanrigh stem diubh, cò bu le-... cò... cò an leanabh aice fhèin.

"Uill innsidh mise dhut," thuirt cailleach nan cearc, "an rathad a nì thu a-mach e. Dar a bheir thu a-staigh gus an lunch iad," thuirt ise, "tog d' aodach," thuirt ise, "seachad air do ghlùin, agus am mac agad fhèin," thuirt ise, "cromas e a cheann leis an nàire, 's am fear eile seallas e air adhart 's cha ghabh e nàire idir. Sin leis an dèan thu a-mach e."

Uill 's e seo mar a bha. Thug i glaodh orra airson lunch, 's dar bha iad a' tighinn a-staigh dìreach an taca rithe, thog i a h-aodach seachad air a glùin. Chuir a mac a-bhàn a ceann... a cheann, ach cha do chuir mac a' bhanaltraim. Ach chan eil fhios a'm... cuimhn' a'm dè thuirt i ris, thuirt i rudeigin.

"Droch oilean," ars ise.

Char e a-mach gus a' gheat.

"Uill, thuirt am bodach baigeir gum marbhadh an dàrna fear againn am fear eile," thuirt e. "Ach le sin," thuirt e, "tha mise a' falbh."

Thog e làimh 's chuir e marc mar sin anns a [???], anns a' gheat.

"Nis, dar a chì thu sin," thuirt e ris a' bhalach, ri a bhràthair, "a' fàs dearg, tha mise marbh," thuirt e, "agus ma bhios e mar a tha e," thuirt e, "chan eagal domh"

"Uill a uill," thuirt e.

Cha robh guth air sin. Dh'fhalbh mac na banaltraim. Agus bha cù aige, 's bha each aige agus seabhag, a rugadh an aon oidhche ris fhèin, 's dh'fhalbh e.

Ah Dhia nis, bha am balach eile ann an sin, mac... mac an rìgh fhèin - uill, 's ann leis an rìgh a bha an dithis - mac na banrigh. Bha e ann an sin a-nis air ais 's air adhart, 's bha e cianail brònach airson a bhràthar, gun do dh'fhalbh e.

Agus dh'fhalbh e. 'S dar a dh'fhalbh e, bha e a' dol ann an sin 's a' dol, agus thàinig e gu... gu caisteal. 'S dar a thàinig e gus a' chaisteal a bh' ann an sin, cha deach e faisg air a' chaisteal idir. Char e a-bhàn gu cailleach nan cearc, 's bha e ann an sin, 's cailleachag bheag ann an sin. Agus bhiodh e an-còmhnaidh a' toir leis bollagan bhioranan dhìse. Bhiodh e a' dèanamh rudan mar sin di.

Agus gu dè bha an sin ach trì fuamhairean, agus fear sam bith a chuireadh ceann air an fhuamhair, bha e a' dol a phòsadh nighean an rìgh, 's gheibheadh e an oighreachd. 'S cò bha a' dol ga sàbhaladh?

Ach thachair dhan a' bhalach - dha mac na banaltraim - gun robh e anns a' choille, agus thàinig an leadaidh bhrèagha seo a-bhàn 's cha b' urrainn dhut sealltainn oirre leis cho brèagha 's a bha i. Agus cò bha cuide rithe ach an còcaire - an còcaire aig a h-athair, aig an rìgh. Agus dar a thàinig an còcaire, bha e na... bha e ann an sin. Bha ise na laighe aig taobh craobh, 's dar a thàinig an [?dearbh] uair aig an robh e a' dol a thighinn, char an còcaire an-àird don a' chraobh.

"Ach," thuirt e ris an... ris an leadaidh, "itheadh iad na cacadh iad an-diugh. Tha mise a' dol an-àird don a' chraobh."

Thàinig mac na banaltraim, agus dar a thàinig e:

"Ò," thuirt e ris an leadaidh mhòr a bha seo, ris a' mhaighdeann a bha seo, "gu dè th' ort?" thuirt esan.

"Ò chan eil dad," thuirt ise, "mòran orm, ach tha mise gu bhith aig an fhuamhair, aig an giant. Agus seall," thuirt ise, "am fear a char ga mo shàbhaladh, shin agad e."

Bha esan anns a' chraobh.

"Uill," thuirt esan, "[?rinn] e cadal," thuirt esan. "Dar a thig am fuamhair," thuirt am balach, mac na banaltram, "bidh mise na mo chadal."

"'S gu dè is dùsgadh dhut?" thuirt ise.

"Uill innsidh mise sin," thuirt esan. "Ciad bonn leth-chrùn a thoir air mullach mo chinn le aona bheum siosar, 's dùisgidh sin thu."

Uill 's e seo mar a bha. Chaidil e. Chaidil am balach. Ach chuala e ni-rath no-rath a' tighinn, agus b' e sin far an robh na ni-rath no-rath, 's thàinig e. 'S leum e fhèin 's am balach air a chèile dar a chunnaic e e a' dol a bheirsinn air a... air an leadaidh. Leum e fhèin 's mac na banaltraim air a chèile, 's ghabh iad dha chèile ann an sin.

"Ach hoch," thuirt ise, "[?beilean] na mo cheann bochd bòidheach," thuirt ise, "a' dol a leigeil leis an dà cheann ghrànda a bhith cho fad."

'S dar a chunnaic esan sin gheàrr e an ceann deth, 's mharbh e am fuamhair ann an sin. 'S dar a mharbh e am fuamhair ann an sin, an latha sin, thàinig esan a-bhàn às a' chraobh.

"Thalla, thalla," thuirt esan, "'s iomadach buille goirt a thug mi mus... mus do choisinn mi thu."

"Ah," thuirt ise, "tha do... tha agad... tha agad ri mo chosnadh dà latha fhathastaich mus fhaigh thu mi."

"Tha mi cinnteach gu bheil," thuirt esan.

Uill, dh'fhalbh am balach dhachaigh, 's dar a char e dhachaigh char e gu... gus an t-seana chailleachag nan cearc, 's thug e leis na bioranan. 'S dar a thug a leis na bioranan:

"Seo," thuirt ise.

Bha i an-àird aig an taigh mhòr, aig a' chaisteal, 's thàinig i a-bhàn.

"Ò nach bi thu sàmhach," thuirt ise. "Tha an còcaire, tha e gu bhith pòsta. Choisinn e nighean an rìgh an-diugh, ach tha aige ri fhathast... dà uair fhathast ri cosnadh."

"An e an còcaire?" thuirt am balach.

"Ist. Na bi ag ràdh sin. Na can an còcaire ris. 'S e an rìgh a bu chòir dhuinn a bhith ga ràdh ris."

Ach cha robh guth air seo. An làrna-mhàireach char am balach don a' choille, 's bha e a' tional nam bioranan, agus:

"Ò Dhia beannaich mise," thuirt am balach, "a bheil thu seo an-diugh a-rithist aig bun na craobh?"

"Ò tha," thuirt ise, "mi seo an-diugh a-rithist."

Uill dar a bha i ann:

"Uill," thuirt esan, "cà bheil am fear bha a' dol ga do chosnadh?"

"Ò" thuirt ise, "tha e an an-àird sa chraobh."

'S bha e a' call a chean anns a' chraobh. Bha a' chraobh buidhe leis a' chean. Agus chaidil mac na banaltraim.

"Dè," thuirt ise, "is dùsgadh dhut an-diugh?"

"Uill," thuirt esan, "gabhaidh... gabhaidh mise le leth-trom an-diugh, ach gabhadh an rogha fear a-màireach e."

Agus am fuamhair mòr a bha a' tighinn an-diugh 's e bu mhotha, 's e bu mhotha na a' chiad fear. Ach a dhèanamh sgeulachd ghoirid dhen an stòiridh fhada:

"Dè is dùsgadh dhut an-diugh?"

"Uill," thuirt esan, "bàrr na cluais a thoir dhìom," thuirt esan, "a' chluas dheas, le aon bheum siosar, 's dùisgidh sin mi."

Rinn i seo dar a chunnaic i... a chuala i am fuamhair a' tighinn. Thug i siud dha 's thug i beum às 's dh'èirich am balach an-àird. A chèile a ghabh e fhèin 's am fuamhair, 's bha iad a' dol mu chuairt air a chèile ann an sin gus an robh faisg air an oidhche ann. Ach smaoinich am balach gur e siud a' chiad dreuchd air an deach e riamh 's thug e... thug e an togail bheag mhòr èibhinn aighearach dha 's bhuail e am fuamhair a-bhàn 's gheàrr e an ceann deth - an dà cheann deth.

'S dar a thug e na cinn... dar a thug e an ceann dheth, thug e na teangaidhean 's thug e na sùilean asta, 's chuir e na phòcaid iad, ann an nèapaig.

Mu dheireadh, thàinig an còcaire a-bhàn às a' chraobh buidhe, 's thug e leis an ceann, 's dh'fhalbh e dhachaigh leis a' cheann. Thilg e an ceann aig doras an rìgh.

"Och," thuirt an rìgh.

Dh'fhalbh gach putan òr 's airgead às. [???] a-bhàn agus a' toir aonan dhan a' chòcaire. Och, bha an còcaire a-nis, bha e gu bhith na rìgh, agus 's ann aige a bha i gu bhith.

"Ò," thuirt ise, "tha aon fuamhair againn ri chur dhinn fhathastaich."

"Tha, [???], cha chuir e mòran ormsa," thuirt an còcaire.

A-màireach, agus sin am fear bho dheireadh.

"'S ma choisinneas thu air an fhear seo, 's ann agad a bhios a' bhan-... 's ann agad a bhios i, an nighean aig an rìgh."

Cha robh guth air seo. Thàinig a' mhadainn. Och thàinig a' chailleachag an-àird, cailleach nan cearc.

"Ò, an do chuala tu?" thuirt i ris, mac na banaltraim. "Bios i air a cosnadh a-màireach agus tha e gu bhith pòsta."

"Uill a uill, an e an còcaire..."

"Ò, na bi ag ràdh còcaire ris."

"Còcaire claon ruadh [?char e] don a' chraobh," thuirt esan.

Uill an làrna-mhàireach dh'fhalbh am balach. Char e don a' choille, a dh'iarraidh cualach bhioranan do chailleach nan cearc. Chunnaic e an leadaidh. Bha i na suidhe aig taobh na craobh 's i a' caoineadh.

"Ò mo thruaighe, mo thruaighe," thuirt esan. "A bheil thu an seo an-diugh a-rithistich?"

"Ò tha," thuirt ise, "mi ann an seo an-diugh a-rithist. 'S tha thu fhèin a' faicinn am fear a bha a' dol ga mo chosnadh-sa, 's a' dol a shabaid air mo shon. Tha e an-àird anns a' chraobh."

Chan fhaigheadh e an-àird an latha seo, don chraobh. Bha i cho... le cean, le cac. Ach char esan an-àird dòigheigin innte, ged a bhiodh e salach fhèin. 'S rinn am balach laighe.

"Uill," thuirt esan, "feumaidh mi leth-trom a ghabhail an-diugh cuideachd," thuirt e. "Ach gabhadh a rogha fear a-màireach."

"Uill seo an latha bho dheireadh," thuirt an leadaidh, "a bhios agad ri mo chosnadh. Dè is dùsgadh dhut an-diugh?"

"Bàrr na corraige deas, am meur bheag, a thoir dhìom," thuirt e, "leis an t-siosar. Dùisgidh sin mi," thuirt e.

Uill, 's e seo a bh' ann. Chuala iad an ni-rath no-rath a' tighinn aig an fhuamhair, seachd agus seachd [???] deug ceangailte le iallan a bhrògan, agus dà cheann a' dol na theine. Thàinig e, 's dar a thàinig e, thug i siud dha 's dh'èirich am balach a-mach an-àird, mac an rìgh. Dh'èirich e an-àird, 's dar a dh'èirich e an-àird, leum e fhèin 's am fuamhair air a chèile. Dar a leum iad air a chèile, bha iad fad na madainn 's fad gus an robh e dubh dorch a' gabhail dha chèile, ach bho dheireadh thall chuir mac na banaltraim a-bhàn e 's gheàrr e na cinn dheth. 'S thug e na teangaidhean às 's thug e na sùilean às, 's chuir e na phòcaid ann an nèapaig iad. Agus dar a chuir, ach och, bha an còcaire air tighinn 's thug e leis an ceann, 's cha chreid mi nach tug e oirrese an ceann a thoir leis treiseag:

"Thoir leat sin treiseag [???]."

Thilg e seo aig an doras, Och dh'èirich an rìgh an sin.

"Trobhad, trobhad," thuirt e, thuirt e ris a' chòcaire, "'s tusa bu chòir a bhith anns an t-sèithear seo 's chan e mise."

Ach thàinig a' chailleachag an-àird, cailleachag nan cearc, thàinig i a-bhàn.

"Ò," thuirt i ris, mac na banaltraim, "tha e na rìgh a-nis, choisinn e."

"Dhia beannaich mi, an do choisinn an còcaire?" thuirt esan.

"Ist, na bi ag ràdh sin ris a' chòcaire. 'S e th' ann ach an rìgh an-diugh, 's e th' ann an rìgh."

Thuit an rìgh 's rinn e [?bow] dha 's dh'fhalbh na putanan òr 's airgead às an rìgh. Rinn an còcaire suidhe san t-sèithear. B' esan an rìgh.

"Ach uill," thuirt ise, oidhche a bh' ann... an oidhche sin, "cha chreid mi," thuirt ise, "nach cùm sinn bàl an seo a-nochd."

"Uill a uill, gu dè eile a dhèanadh tu," thuirt esan, "ach bàl a chumail," thuirt an còcaire, an duine aice, "dè eile a dhèanadh tu. 'S bheir sinn a-staigh... nì sinn... bheir sinn a-staigh cluichean," thuirt e. "Nì sin an gnothaich," thuirt esan, "bheir sinn a-staigh cluichean."

Char a-nis na bha... theanail an sluagh, theanail uile... mun cuairt air a... air an oighreachd char an teanal 's an toir a-staigh. Bha am balachan seo, mac na banaltraim ann.

"Ò nach tig thusa an-àird," thuirt cailleach nan cearc.

Agus:

"Ach," thuirt esan, "gu dè bha mise a' dol a dhèanamh ann? Creutair bochd mar a tha mise, chan eil nithean."

"Och bi thusa an-àird," thuirt cailleach nan cearc. "Chì thu... chì thu... chì thu an rìgh - an rìgh òg.

"Och chì," thuirt esan.

Cha robh guth air seo. Char iad an-àird. Char am balach an-àird 's char e cuide riutha. Och, chruinnich iad uile mar a bha mun cuairt uile. Bha iad nan suidhe aig a' bhàl.

"Uill," thuirt an leadaidh a bha a' dol a phòsadh an còcaire, "seo," thuirt ise, "bheir sibh a-staigh cluichean."

"Gu dè eile a dhèanadh tu," thuirt esan, "ach cluich a thoirt a-staigh."

'S thug iad a-staigh cnàimh lurgainn gamhna, 's chuir iad air a' bhòrd e, an dèidh am biadh ithe 's an dèidh an cuid fèist ithe, an cuid òl, chuir iad air a' bhòrd e.

"Trobhad," thuirt an leadaidh, "aon dhe na gillean," thuirt ise, "agus feuch am brist sibh an cnàimh a tha seo le buille."

Rinn iad uile gàire. Och cha chan sinn guth ach dè dhèanadh sinne. Uill bha fear an seo a' toirt buille air 's bha fear an siud a' toirt buille air ach cha do bhrist iad an cnàimh.

Hè-è, thàinig e fhèin a-nuas, an còcaire.

"Nach toir sibh fhèin buille idir air?"

Thàinig an còcaire a-nuas 's thug e siud air, 's chuir e a làimh na bheul.

"B' e thu fhèin a bheireadh a-staigh a' chluich. Cò bha a' dol a bhristeadh sin?"

"Ah uill," thuirt i ris, "dar a rinn thu an gnothach air na fuamhairean is cinnteach gun dèanadh tu sin."

"B' e thu fhèin a bheireadh a-staigh a' chluich. Tha mise ag innse sin dut."

"Uill," thuirt ise, "dh'fheuch na h-uile gin e, ach tha aona bhalachan beag ann an seo fhathast," thuirt i, "'s cha do bhuail e fhathastaich e."

B' e seo mac na banaltraim.

"Trobhad," thuirt ise, "agus thoir buille air a' chnàimh."

Ach thuirt esan:

"Cha toir mise buille air a' chnàimh. Uill, dè dhèanainn-sa air," thuirt e, "balachan mar a tha mise?"

"Trobhad," thuirt i ris, "'s thoir buille air a' chnàimh, am faic thu am brist thu e."

Char mac na banaltraim, thug e a' chiad stràc air 's bhrist e an cnàimh. Char na ceithir casan bhon bhòrd. Dhia, cha robh fhios aig a' chòcaire gu dè a dhèanadh e. Cha robh fhios aige bhon t-saoghal gu dè a dhèanadh e. Sheall i air a h-athair, air an rìgh.

"Cò bu dàcha," thuirt ise, "am fear a bhrist an cnàimh," thuirt ise, "no am fear a mharbhadh na fuamhairean. Cò bu dàcha na fuamhairean a mharbhadh... am fear a bhrist an cnàimh no am fear... no..." thuirt ise, "am fear a tha mise a' dol a phòsadh?"

"Ach seachain seo. Cò bha a' dol ga dhèanamh? Tha mi cinnteach gun dèanadh an rìgh òg e."

"Uill," thuirt ise, "'s e am fear a bhristeadh an cnàimh, 's e bu dàcha a mharbhadh na fuamhairean."

"Ò uill," thuirt a h-athair, "'s e, gu dearbh... gu dearbh."

"Càit," thuirt ise, "a bheil na cinn a choisinn e?"

"Tha iad ann an seo."

Thug e a-staigh na cinn. Cha robh teangaidh 's cha robh sùil annta, 's cha robh dad eile annta.

"Càit," thuirt ise, "a bheil na teangaidhean 's na sùilean a bu chòir bhith ann an sin."

"Och, càit am bitheadh iad, tha mi cinnteach..."

"Uill a uill," thuirt ise, "bu chòir dha sin a bhith annta."

Ach chuir am balach a làimh na phòcaid 's thug e a-mach an nèapaig. Thilg e na sùilean 's thilg e na... thilg e na sùilean ann an sin agus na h-uile dad eile.

"Cò," thuirt i ri h-athair, "bu dàcha leat a mharbhadh na fuamhairean," thuirt i, "am fear aig am biodh na sùilean agus na cluasan," thuirt ise, "'s na rudan sin. Am faca sibh riamh ceann," thuirt ise, "gun sùilean no gun chluasan?"

"Ò chan fhaca," thuirt e.

"Uill a uill, sin agaibhse am fear a choisinn mise," thuirt i.

'S anns an fhacal a bha sin thàinig e a-staigh 's:

"A bheil thu ag iarraidh deoch," thuirt i ris.

"Tha," thuirt mac na banaltraim.

Dh'òl e an deoch 's thug e am fàinne de chorrag, 's thilg e anns an tumailear 's dh'òl ise am fuighleach. Ah, cha robh fhios aca bhon t-saoghal gu dè...

"Uill innsidh," thuirt ise, "sin agaibh am fear a choisinn mise agus sin agaibh an duine agamsa," thuirt i.

Bha bàrr na corraig a deas dheth - an lùdag dheas.

Cha robh guth air seo. Dh'fhalbh e a-nis. Phòs e a-nis nighean an rìgh, 's char iad a-bhàn - 's ann a-mach anns an t-sabhal a bha iad air a' chiad oidhche a char iad a laighe, a-mach anns an t-sabhal. Dhia, cha robh iad fad ann an sin dar a dh'fhairich e rudeigin a' tighinn gus an doras, a' ghalla mhial-chù. Bhog i a h-earball anns a' chac 's bhuail i air na fiaclan e.

"Cò," thuirt esan, "tha siud?"

"Ach," thuirt ise, "galla mhial-chù. Bhog i h-earball anns a' chac 's bhuail i ort sna fiaclan e."

"Uill a nighean na bidse," thuirt esan, "cha bhuail i a-rithist mi."

Far am b' àirde air a' ghalla b' ìosal airsan, 's far am b' ìosal airsan b' àirde air a' ghalla gus an do ruig iad seann taigh. Ach cha robh creutair a-staigh. Char e a-staigh 's bha teine mòr air 's... agus char e a-staigh. Aig an doras mu dhà uair dheug chuala e gnogadh aig an doras.

"Cò tha sin?" thuirt e.

"Ò tha mise," thuirt ise.

"Cò thusa?"

"Och chan eil ach cearc bhruc bhreac," thuirt ise, "na h-aon oidhche. Dar a thig i a-nall air beinn bios i oidhche an seo, 's thig i a-null air beinn bios i oidhche an seo."

"Ach uill," thuirt esan, "ma bha thu na h-uile h-oidhche ann cha bhi thu an oidhche a-nochd ann."

Ach bho dheireadh thall leig e a-staigh i. 'S dar a leig e a-staigh i:

"Trobhad a-staigh, ma-thà," thuirt esan, "agus dèan suidhe."

Bha teine mòr air a dhèanamh ann an sin agus:

"Ah," thuirt e. Sheall e air a' chailleach. "Tha thu a' fàs mòr, a chaillich?"

"Tha," thuirt ise, "m' iteagan is m' oiteagan a' brodadh ris na h-èibhlean, 's mus tig an latha," thuirt ise, "bios fhios agad air sin."

Ach leum e fhèin 's a' chailleach air a chèile, agus bha a' chailleach, chuir i a-bhàn e. 'S dar a chuir i a-bhàn e:

"Càit a bheil m' each 's mo chù 's mo sheabhag?" thuirt e, "a rugadh an aon oidhche rium fhìn? Nach biodh iad ann an seo?"

Thug esan glaodh oirrese, 's thug ise glaodh...

Chan e, chaidh mi ro mo stòiridh a-nis.

Mus tàinig i a-staigh, mus tàinig i a-staigh:

"Thig a-staigh, ma-thà," thuirt esan.

"Ah," thuirt ise, "cha leig am feagal leam, leis na... leis na beothaichean a th' agad an sin. Ceangail iad," thuirt i.

"Ò," thuirt esan, "chan eil nì agam a cheanglas iad."

"Seo," thuirt i, "sin agad ròineag dhe mo thè mhosach, 's ceanglas i an Royal George," thuirt i, "ged a bhiodh i fo làn shiùil."

Dh'fhalbh e 's fhuair e sin 's cheangail e na... cheangail e air na... air na beothaichean e. Thàinig i seo a-staigh, 's bha m' iteagan 's m' oiteagan a' brodadh ris na h-èibhlean.

"A chaillich," thuirt esan, "tha thu fàs a' mòr."

"Tha," thuirt ise, "bios fhios agad air sin mus tig an latha."

Ach leum e fhèin 's a' chailleach air a chèile. Dar a leum e fhèin 's a' chailleach air a chèile, leag a' chailleach e.

"Càit a bheil m' each 's mo chù 's mo sheabhag," thuirt ise... thuirt esan, "a rugadh an aon oidhche rium fhèin? Nach biodh iad ann an seo?"

"Thalla," thuirt ise, "chan eil sin agad. Teannaich [???] 's na leig am fad," thuirt a' chailleach.

Char na h-amhaichean aca a bhristeadh.

Char esan a mharbhadh ann an sin. Mharbh a' chailleach e, 's rinn i carraige cruaidh cloich dheth 's chuir i air cùl an teine e.

Bha am balach eile, a bhràthair, bha e a' sealltainn air a' gheata 's chunnaic e an geata a' fàs dearg.

"Tha mo... tha mo bhràthair marbh," thuirt esan.

"Seo, seo," thuirt e ri a mhàthair, "leigibh mise air falbh, ach am faic mise cà bheil mo bhràthair."

Dh'fhalbh e, 's thàinig e gus an dearbh chaisteal a bha seo. 'S dar a thàinig e gus an dearbh chaisteal a bha seo, chunnaic e a' bhean aige. Bha ise an dùil gur e seo an duine aice - bha iad cho coltach ri chèile.

"Bhon t-saoghal," thuirt ise, "càit an robh thu a-raoir?"

"Hach," thuirt esan, "chan eil fhios a'm, cha robh mi fad às... bha mi às dèidh mial-chù... a' ghalla mhial-chù," thuirt e, "agus dar a bha, bhog i a h-eaman sa chac 's bhuail i... 's cha b' urrainn mi fuireach bhuaipe," thuirt e.

'S bha e na laighe cuide ris a' bhean, cuide ri bean a bhràthar. Agus dar a bha, cha robh e fad na laighe ann an sin dar a thàinig a' ghalla mhial-chù 's bhog i h-eaman sa chac...

[Stad sa chlàradh an seo.]

Thàinig e gus a' chaisteal, agus dar a thàinig e gus a' chaisteil, thàinig e a-bhàn far an robh... gus a bhean. Chunnaic e a bhean. Cha robh fhios aicese ach bheir i air làimh air.

"On t-saoghal," thuirt ise, "càit an robh thu a-raoir?"

"Och bha mi às dèidh a' ghalla mhial-chù," thuirt esan.

"Ah huh."

"Agus dar a bha mi às a dèidh," thuirt e, "far am b' ìosal oirrese, b' àirde ormsa, gus an do ruig sinn."

Agus:

"Hè, 's e sin," thuirt ise, "ach thàinig thu a-raoir," thuirt ise. "Thàinig thu a-raoir, agus nuair a thàinig thu a-raoir, gu dè bu choirich," thuirt ise, "gu dè bu choirich," thuirt ise, "gun do chuir thu an claidheamh eadarainn anns an leabaidh?"

"Ach," thuirt esan, "'s ann a bha [???]."

Ach gu [?luath aoibhneach] bha esan na laighe cuide rithe an oidhche sin, 's anns a' mhadainn... anns a' mhadainn... tron oidhche bha e na... dh'fhan e anns an leabaidh. Agus thàinig an [?taighgeire] ghlas... chan e ach a' ghalla mhial-chù. Bhog i a h-earball anns a' chac 's bhuail i airsan anns na fiaclan e. Dar a bhuail, às a dèidh a chaidh e. Far am b' ìosal air a' ghalla b' àirde airsan, 's far am b' àirde air a' ghalla b' ìosal airsan gus an do ruig iad an taigh bha seo. Char e a-staigh, agus cha robh creutair a-staigh, 's dar nach robh creutair a-staigh rinn e suidhe. 'S chuala e gnogadh aig an doras mu mheadhan-oidhche.

"Cò tha sin?" thuirt e.

"Ò, tha mise," thuirt... thuirt an tè a bha seo.

"Cò thusa?" thuirt esan.

"Cearc bhruc bhreac," thuirt ise, "na h-aon oidhche. Dar a thèid i a-null air beinn bios i oidhche an seo, 's thig i a-nall air beinn bios i oidhche an seo."

"Ma bha thu na h-uile h-oidhche ann," thuirt esan, "cha bhi thu an oidhche a-nochd ann."

"Ò nach leig thu a-staigh mi," thuirt ise, "a-staigh gus an teine mi."

Thàinig i gus an teine 's bha i na suidhe aig an teine.

"È, mo chaillich," thuirt esan, "tha thu a' fàs mòr?"

"Tha," thuirt ise, "m' iteagan 's m' oiteagan a' brodadh ris na h-èibhlean," thuirt ise. "Mus tèid an oidhche seachad bios fhios agad air."

Chan e seo a bh' ann. Thàinig...

"Ma-thà," thuirt esan, "thig a-staigh."

"Ò," thuirt ise, "cha leig am feagal leam leis na beothaichean a th' agad an sin."

"Ach," thuirt esan, "chan eagal dut ro na beothaichean."

"Seo," thuirt ise.

"Thig a-staigh, ma-thà," thuirt esan.

"Sin agad," thuirt ise, "ròineag dhe mo thè mhosach, 's ma chuireas tu sin orra, ceanglas i an Royal George ged a bhiodh i fo làn shiùil."

"Dhia," thuirt a' chaill-... thuirt e ris na... thuirt e, [???]. "Chan eil thu fhèin dona," thuirt e... thuirt e, "dar a tha ròineag mar sin."

Ach thàinig i an sin a-staigh 's rinn i suidhe. 'S dar a thàinig... nuair a fhuair e 's a thàinig e fhuair e an ròineag 's chuir e anns an teine i 's cha mhòr nach tug i leis an t-similear agus...

Fhuair i... chuir e an ròineag anns an teine 's cha mhòr nach tug i leis an similear. 'S cheangail e gaoistean luachair orra, air na beothaichean, air an each 's air a chù 's air a sheabhag.

A-mach le leum e fhèin 's a' chailleach air a chèile. Dhia, chuir a' chailleach fo glùin e, a bhalaich.

"Seo," thuirt ise, "bàs bhos do chinn."

"Chan ann mar sin a bhitheas," thuirt esan.

Thug e glaodh air an each 's air a sheabhag 's air a chù.

"Cà bheil mo chù 's m' each 's mo sheabhag," thuirt ise... thuirt esan, "a rugadh an aon oidhche rium fhèin? Nach biodh iad an seo?"

Thàinig an t-each 's bhreab e i. Thàinig an seabhag 's thug i na sùilean aiste. Thàinig an cù 's bha e a' toir nam pìosan beò aiste. Ach rinn e an gnothach air a' chailleach.

"Bàs bhos do chinn a-nis, a chaillich," thuirt esan.

"Ò chan ann mar sin a bhitheas," thuirt ise, "ach leig m' anam leam," thuirt ise, "'s bidh mi na mo ghille 's na mo ionracan agad gu àm... aon cheud... aois deug dhe do shaoghal."

"Och," thuirt esan, "cùm sin 's na bheil às a dhèidh. Bàs bhos do chinn, a chaillich, a-nis. Feuch dhòmhsa," thuirt esan...

Chan e...

"[???], feuch dhòmhsa an cuman ìochdar 's slacan-draoidheachd a th' agad ann an sin, [?am faic sinn]."

Thug i seo dha, 's mharbh e a' chailleach. 'S fhuair e an cuman ìochdar 's slacan-draoidheachd 's thug e beò a bhràthair. 'S dar a thug e beò a bhràthair, bha e a' tighinn cuide ris dhachaigh. Agus dar a bha e a' tighinn air an rathad cuide ris... dar a bha e a' tighinn air an rathad cuide ris:

"Cà robh thu?" thuirt esan, "a-raoir."

"Bha mise cuide ris a' bhean agad a-raoir," thuirt esan.

"Cuide ris a' bhean agamsa?" thuirt... an rìgh.

"'S e," thuirt esan, "cuide ris a' bhean agadsa,"

"A mhic na tè seo," thuirt esan, "an canadh tu sin riumsa."

Agus shìn iad air a chèile 's mharbh e a bhràthair, 's dh'fhàg e ann an sin e. Dh'fhàg esan ann an sin e, 's thàinig e dhachaigh, an duine ceart aice, ma-thà. Agus dar thàinig e dhachaigh char iad a laighe an seo, e fhèin 's a bhean.

"Dhia beannaich mise," thuirt a' bhean aige, an leadaidh ris, "gu dè rinn thu a-raoir?" thuirt ise.

"Dè rinn mi?" thuirt e.

"Dar a thàinig thu a laighe, carson a chuir thu an claidheamh eadarainn anns an leabaidh?"

"An do rinn mi sin?" thuirt esan.

"Rinn," thuirt i, "shaoileam-sa," thuirt i, "nach robh thu glic."

"Rinn mi sin?" thuirt e.

"Rinn," thuirt ise.

A-mach a ghabh e, 's char e air ais gu a bhràthair, 's fhuair e an cuman ìochdar 's slacan-draoidheachd 's thug e beò a bhràthair a-rithist. Thàinig an dithis dhachaigh, 's chunnaic... sheall a bhean.

"Ò gun gleidheadh Dia mi," thuirt a bhean, "tha dà dhuine agam an-diugh."

Cha dèanadh i a-mach an dàrna fear [???] an fhear eile."

"Tha e coltach gu bheil," thuirt e.

Dh'innis iad a-nis facal air an fhacal mar a bha.

"Cà bheil an duine agad fhèin?" thuirt esan... thuirt iad rithe.

"Ma nì thu fhèin a-mach e, [???]. Feuch an dèan thu a-mach e."

"Ò," thuirt ise, "cuiribh a-mach na làmhan 's bios fhios agam,"

'S dar a chuir iad a-mach na làmhan, bha bàrr na lùdaig a deas dhen duine aice fhèin.

"Ò," thuirt ise, "cha chreid mi nach e seo e."

"Uill 's e," thuirt e, "sin an duine agad."

Dh'innis iad a-nis facal air an fhacal ann an sin, mar a bha 's mar a thachair 's na h-uile dad.

"'S a bheil cuimhn' agadsa?" thuirt mac an rìgh, "air a' bhodach bhaigeir a char seachad?"

"Ò tha," thuirt esan.

"Bheil cuimhn' agad," thuirt esan, "dar a thuirt e gum marbhadh an dàrna fear am fear eile? 'S tha e coltach gun do thachair sin," thuirt e.

"Ò tha e coltach gun do thachair," thuirt e.

"Cha do bhreugaich sinn am baigeir."

"Ò cha do bhreugaich."

'S char iad dhachaigh gus taigh an rìgh, an taigh aca fhèin, agus chan eil fhios agamsa nach eil iad mar sin fhathast.

Hamish Henderson (HH): Glè mhath Sandaidh. Cò dh'innis an stòiridh sin nuair a chuala sibh i?

SS: Dh'innis Seoc, bràthair mo mhàthar.

HH: Bràthair do mhàthar?

SS: My uncle.

HH: Jock Stewart.

SS: Aye, Jock Stewart.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math