spacer
spacer

Sgeulachd mu dhuine a fhuair trì comhairlean an àite tuarast...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Sgeulachd mu dhuine a fhuair trì comhairlean an àite tuarast...
Fiosraichean - Mary Stewart
Luchd-clàraidh -

Geàrr-chunntas - Sgeulachd mu dhuine a fhuair trì comhairlean an àite tuarastail agus mar a chuidich iad e.

Uair dhen t-saoghal dh'fhalbh duine a dh'obair a dh'àiteigin. Bha e a' cur airgead dhachaigh dha bhean a h-uile bliadhna. A' bhliadhna seo bha e a' dol dhachaigh a shealltainn oirre nuair a gheibheadh e a phàigheadh.

Sa mhadainn mus do dh'fhalbh e dh'fhaighnich bean an fhastaiche dha cò bu docha leis: trì comhairlean matha no a thuarastal. Ghabh e na trì comhairlean.

B' e na trì comhairlean: na gabh rathad aithghearr air an t-slighe dhachaigh; na fuirich ann an taigh caol, fada, dubh far a bheil seann duine agus boireannach àrd, ruadh; agus nuair a thèid thu dhachaigh seall romhad mus buail thu.

Thug i dha leth-lofa gus a thoirt dhachaigh dha bhean.

Air an t-slighe dhachaigh thàinig e gu rathad aithghearr, ach chuimhnich e na comhairlean agus cha do ghabh e e. Thàinig e gu taigh caol, fada, dubh far an robh bodach agus boireannach mar a chaidh a ràdh ris. Thuirt e nach b' urrainn dha fuireach an oidhche agus chaidh e a-mach agus laigh e ann an cruach fheòir. Thàinig am boireannach a-mach às an taigh le fear eile. Gheàrr e pìos de chleòc an duine le sgian agus chuir e na phòcaid e.

Chùm e air a shlighe agus ràinig e dhachaigh tràth sa mhadainn. Chaidh e a-steach agus chunnaic e duine eile na laighe cuide ris a' bhean aige fhèin anns an leabaidh. Thug e leis an tuagh gus buille a thoirt air an duine nuair a chuimhnich e an treas comhairle. Sheall e agus 's e a mhac fhèin a bha anns an leabaidh.

Dh'èirich a bhean agus chuir i fàilte air. Dh'innis e facal air an fhacal mar thachair dha agus chuir e an leth-lofa air a' bhòrd. Dh'fhosgail a' bhean am parsail agus bha an tuarastal aige am broinn na lofa.

An ceann grunn làithean chaidh a thoirt gu cùirt, 's an seann duine san taigh dhubh air a mharbhadh. Rinn e fianais an aghaidh an duine a bha cuide ris a' chaileig agus bhon tug e pìos dhen chleòca.

Tha am fiosraiche a' smaoineachadh gun cuala i an sgeulachd bho a seanmhair bho chionn fhada.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:06:40
Àm Clàraidh - 1957.06
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd, Fiosrachadh
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 32882
Àireamh an Teip Thùsail - SA1957.041
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1957.41.B7
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT910B;


Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Cataibh
  Paraiste - Fàrr
  Baile/Àite - Am Blàran Odhar

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/32882/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA