Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 23 July 2001
Àireamh a’ chlàir 33852
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 23.07.2001

Geàrr-chunntas

An e na pàrantan as coireach ri eucoir na cloinne?

Tha triùir a' deasbad an e na pàrantan as coireach ri eucoir an cuid cloinne agus a bheil sinn air sgilean a thaobh togail cloinne a chall. A' cnuasachadh air a' chuspair tha Seonag NicDhòmhnaill, a tha na h-eòlaiche-inntinn a thaobh foghlam cloinne, an t-oifigear poileis Marjory NicCaluim agus an t-Urramach Seumas MacÌomhair.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): 'S fhada bho bha gu leòr ga ràdh, ach a-nis, a rèir feadhainn a bha a' rannsachadh eucoir am measg òigridh ann an Dùn Èideann, 's e na pàrantan a tha rin coireachadh airson eucoir na cloinne, agus chan e a' bheag-chuid mu bheil sinn a' bruidhinn. Dh'aidich dithis a-mach às a h-uile triùir dhen òigridh air an deach ceistean a chur gun do rinn iad eucoir dhe seòrsa air choreigin anns an dusan mhìos ron a sin. Agus airson a chur ann am beagan fhacail, chuir an luchd-rannsachaidh a' choire cha mhòr gu lèir air na pàrantan. An urrainn dhan a sin a bhith fìor, gu tur fìor? A bheil na pàrantan a' tighinn cho goirid sin air an uallaichean? Agus uimhir a phàrantan? Dithis a-mach às a h-uile triùir. A bheil na h-àireamhan cho mòr sin? Uill, 's dòcha an tè as fhaisge air Dùn Èideann dhe na tha còmhla rium an-dràsta, Seonag NicDhòmhnaill, a bheil thu a' creidse seo, a Sheonag?

Seonag NicDhòmhnaill (SN): Chan eil buileach, chan eil. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil... gu bheil sinn, anns an rìoghachd seo, air leigeil seachad air foghlam, foghlam na h-eanchainn. Tha a h-uile seòrsa foghlam againn, 's tha foghlam slàinte againn a tha garbh, garbh math, ach tha a-nis againn an tritheamh ginealach, 's dòcha, de phàrantan nach do dh'ionnsaich mu dheidhinn obair pàrantan.

CM: Dè tha thu a' ciallachadh le sin?

SN: Tha, sgilean. Agus ionnsachadh man a tha an inntinn ag obair. Nise, tha mi a' creidsinn gun robh ar seann seanairean, bha fhios aca dìreach anns a... anns a... ann an caitheamh-beatha fhèin 's a' dol timcheall air an obair làitheil man a bha... man a bha an cinne-daonna ag ionnsachadh. Ach a-nise... Agus gu dearbh, tha mi fhìn a' cur a' choire air an telebhisean. Nise, tha ionnsachadh tron telebhisean a' buntainn ri, dh'fhaodadh tu ràdh, ionnsachadh nàdarrach anns an eanchainn. Agus tha sinn ag ionnsachadh ann an dà dhòigh. Tha a' chiad dòigh, ma tha thu... ma tha thu a' coimhead air leanabh ag ionnsachadh, tha e a' feuchainn a-rithist 's a-rithist 's a-rithist 's a-rithist [?cionnas gu 'm] faigh e ionnsachadh air. Agus cuideachd, tha e ag ionnsachadh, coimhead air eisimpleir. Nise, ma choimheadas tusa man a... man a tha daoine an-diugh a' coimhead air telebhisean, tha iad a' faicinn rudan a-rithist 's a-rithist 's a-rithist, 's tha iad ag ionnsachadh mar sin, ach man a tha solas a' tighinn tron telebhisean, man a tha e a' priobadh, tha sin a' buntainn ris an inn-... ris a... ris an eanchainn, agus tha e a' buntainn ris an dòigh a tha sinn ag ionnsachadh.

CM: Nise, nam b' e... nam b' e duine eile a bhiodh a' dol a ràdh seo, chanainn gur e... cha mhòr nach canadh tu gur e amaideas a th' ann, ach tha thusa a' dèiligeadh le clann, aig a bheil duilgheadasan co-cheangailte ri ionnsachadh, agus duilgheadasan ann a bhith gan giùlan fhèin, agus mar sin. Tha e follaiseach gu bheil thu ag ràdh seo le fèin-fhiosrachadh, a bheil?

SN: Tha gu dearbha. Tha gu dearbha. Agus an rud a tha mi ag ràdh, tha e duilich dhaibh dèanamh a-mach dè tha fìor agus dè nach eil fìor. Agus chan e a-mhàin a' chlann, ach na pàrantan a chaidh a thogail anns an dòigh seo, agus a tha a' coimhead ris an telebhisean bho bha iad fhèin beag, agus tha sinn a' call dòighean nàdarrach air a bhith ag ionnsachadh.

CM: Mar sin, ga chur 's dòcha gu math sìmplidh, ann an dòigh, man a tha beathaichean, a-muigh anns a' choille air feadh an t-saoghail, tha iad sin ag ionnsachadh, tha athair 's màthair, tha iad ag ionnsachadh dhan a' chloinn, 's e an rud tha thusa ag ràdh, ann an dòigh, tha sinn air sin a chall, agus...

SN: Tha sinn air sin a chall, tha. Tha sinn air sin a chall, ach chan eil air a chall buileach. Dh'fhaodadh sinn a chur ceart, agus an àite a bhith ri tighinn sìos cho cruaidh air pàrantan - ceart gu leòr, tha dleastanas aca - ach chan eil iad a' tuigsinn dè man a choileanas iad an dleastanas sin, agus feumaidh sinn barrachd taic a thoirt, agus foghlam. Mar a tha mi air a bhith ag ràdh, tha sinn a' dèanamh math dha-rìribh air foghlam slàinte. Feumaidh sinn a-nise tòiseachdainn air coimhead air foghlam inntinn.

CM: Uill, còmhla rium cuideachd tha a' bhana-phoileas Marjory NicCaluim. Tha ise a' dèiligeadh ri mòran chloinn na h-obair làitheil cuideachd. Feadhainn a chaidh an dochann ann a... no an goirteachadh ann an diofar dhòighean. Marjory, a bheil thusa a' smaoineachadh gu bheil sinn a' cur cus cuideim, cus uallaich, air na pàrantan? An urrainn dhuinn a ràdh gur e coire nam pàrantan a th' ann gu lèir, mar a tha a' tachairt dhan a' chloinn?

Marjory NicCaluim (MN): Uill, tha mi... tha mi... tha mi a' smaoineachadh gu bheil e... nach eil e cruaidh gu leòr airson na pàrantan, 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil e furasta gu leòr a chantainn gur dòcha gur e na sgoiltean a tha a' dèanamh ceàrr, 's tha e uabhasach furasta airson a bhith a' cantainn gur e an telebhisean 's na magazines 's a h-uile càil eile a tha a' chlann a' leughadh 's a' coimhead air, ach tha mi a' smaoineachadh gum feum na pàrantan a bhith nas cruaidhe air a' chloinn. Tha mi a' smaoineachadh gun robh am boireannach sin glè cheart a chantainn nach eil na sgilean aig feadhainn dhe na pàrantan, ach a' smaoineachadh... tha mise a' smaoineachadh gum feum na pàrantan barrachd responsibility a ghabhail airson a' chlann aca, co-dhiù na clann a tha, chanainn, deich bliadhna 's nas motha na sin. Feumaidh iadsan responsibility a ghabhail airson dè tha a' chlann aca a' dèanamh. Ma tha iad a' coimhead air an telebhisean, dè tha iad a' coimhead air an telebhisean? A bheil e ceart gu leòr a bhith a' coimhead na rudan a tha iad a' coimhead air? A bheil e ceart gu leòr gu bheil iad a' leughadh na magazines a tha iad a' leughadh? 'S nuair a tha iad a-muigh a' cluich, càit a bheil iad? Cò iad a tha còmhla ris? 'S mar sin, ged a tha na sgilean... 's dòcha nach eil na sgilean aig feadhainn dhe na pàrantan, feumaidh iad na sgilean sin ionnsachadh, 's feumaidh iad responsibility a ghabhail airson a' chlann aca fhèin.

CM: A bheil sinn a-rèiste, 's dòcha... 's dòcha nach eil sinn ga chur ro làidir, a-rèiste, a bhith ag ràdh, 'Tha uallach oirbh, mar phàrantan, agus gu dearbha, bu chòir dhuibh a bhith ag ionnsachadh tòrr a bharrachd mu dheidhinn mus bi sibh nur pàrantan.'

MN: Tha mise a' smaoineachadh gu bheil sin glè cheart. Mar a thuirt mi, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e furasta gu leòr a chur a' choire air na sgoiltean, gu bheil... a' cur a' choire air an telebhisean, ach feumaidh sinn, nar pàrantan, a bhith a' gabhail responsibility airson a' chlann againn fhèin. Feumaidh sinn a bhith a' coimhead càit a bheil iad, dè tha iad a' dèanamh. 'S dòcha, tha mi a' smaoineachadh, a' chlann a tha nas lugha na deich bliadhna, tha an lagh a' cantainn nach urrainn sinn càil a dhèanamh dhan a' chlann sin. Uill, tha sin ceart, ach mar a tha sin ceart, 's dòcha gum feum na pàrantan a ghabhail an responsibility airson na rudan a tha a' chlann acasan a' dèanamh, nuair a tha iad nas lugha na deich bliadhna. Ma tha a' chlann a' dol a bhith a' bristeadh uinneag, 's dòcha gun can sinn gur e na pàrantan [???] an responsibility a ghabhail airson pàigheadh airson an uinneag bhriste.

CM: Còmhla rium cuideachd tha an t-Urramach Seumas MacÌomhair. A bharrachd air a bhith na athair agus na sheanair an-diugh, tha e cuideachd air a bhith an sàs mòran ann an obair... obair co-cheangailte ri campaichean chloinne agus obair òigridh thairis air na bliadhnaichean. Chanadh duine, 's dòcha, gu bheil e, ann an dòigh, gu bheil sinn a' coimhead air a seo ann an dòigh, 's dòcha, uabhasach sìmplidh. An urrainn dhuinn dìreach a ràdh, 's e an teilidh as coireach ris a h-uile càil a th' ann? An urrainn dhuinn a ràdh ri pàrant, 'Bha do leanabh ri mì-mhodh - 's tusa bu choireach ris,' ged a dh'fheuch am pàrant a h-uile càil a dhèanamh, 's dòcha?

An t-Urramach Seumas MacÌomhair (SM): Ann an dòigh, tha mi a' creidse gu bheil e ro shìmplidh a bhith ga chur... a bhith a' cur coire air aon cuspair sònraichte. Tha mi ag aontachadh gur ann air pàrantan a dh'fheumas an roinn mhòr dhen a' choire a chur airson an seòrsa rud air a bheil sinn a' bruidhinn an-dràsta. Feumaidh cuideigin... uill, 's e na pàrantan aig a bheil an t-uallach... gum bu chòir an t-uallach a bhith a' chlann àrach ann an dòigh anns nach bi iad ri mì-mhodh. Ach saoilidh mi gu bheil mòran de chuspairean a' tighinn a-steach ann, air am feum coire a chur cuideachd còmhla ri sin. 'S e telebhisean aon aca. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cuideachd mòran de rudan eileagtronaigeach no mar sin, 's tha sin a' freagradh ris an rud a thuirt a' chiad bhoireannach a bh' air, gu bheil foghlam inntinn air a dhol air ais gu mòr, agus saoilidh mi gur e an t-adhbhar airson sin gu bheil man a thathas a' togail clann an-diugh. Tha tòrr aca ag iarraidh cuid mhòr de rudan a dhèanamh dhaibh a bharrachd air iad fhèin a bhith a' smaoineachadh air cùisean 's ag obrachadh a-mach cùisean dhaibh fhèin agus a' cleachdadh inntinn mar sin. Agus tha tòrr dhen a sin, tha mi a' smaoineachadh, cuideachd a' tighinn a-steach dhan a' chùis.

CM: Ach nuair a tha sinn ag ràdh gu bheil dà leanabh... uill, ma tha sinn ag ràdh clann riutha aig an aois a tha sin, dà leanabh a-mach à triùir ag ràdh, 'Rinn mi eucoir air choreigin.' Chan e... chan e mì-mhodh idir a tha sinn a' ciallachadh le sin. 'Rinn mi eucoir air choreigin anns a' bhliadhna a chaidh seachad.' A bheil sinn ag ràdh ris na pàrantan, 's sibhse as coireach ri seo, chan e a' chlann? Agus mas e 's gu bheil sinn ag ràdh sin... ag ràdh sin, a' cur coire sinn fhìn, ciamar a tha sinn a' dol a dh'fhaighinn a-mach às?

SM: Uill chan eil sin furasta a fhreagairt. Tha mi fhèin dhen a' bheachd co-dhiù gu bheil, anns an fharsaingeachd, gu bheil feum air a thighinn air ais gu riaghailtean sònraichte, agus tha na riaghailtean sònraichte, cho fad 's a tha mi fhìn ga fhaicinn, anns an Fhìrinn, agus chan e a-mhàin a thaobh a bhith a' dol dhan eaglais 's mar sin, ach riaghailtean a tha air an togail bhon an Fhìrinn, tha fios againn gu bheil iad math 's gu bheil iad ceart 's gu bheil iad a' dèanamh feum, 's tha sin air a bhith air a dhearbhadh thairis air na bliadhnachan.

CM: Ann an dòigh, am biodh e ceart, 's dòcha, a ràdh, a Sheonag, a' cur creideamh gu aon taobh, ann an dòigh, ged a tha sin... ged nach ann mar sin a tha mi ga chiallachadh, gur e sin, ann an dòigh, rud a tha a dhìth air daoine, slatan-tomhais co-dhiù, ge bith dè seòrsa slatan-tomhais.

SN: Uill, tha an dà rud ann, man a bha mi ag ràdh na bu tràithe, agus... tha an t-ionnsachadh, ach dè a' bhunait air a bheil an t-ionnsachadh sin air a stèidheachadh? Agus 's e sin dìreach a thuirt Seumas an-dràsta. Ach tha feum... tha e feumach dhan... aig clann, man a th' aig duine sam bith eile, càirdeas 's dàimh a tha seasgair, agus gu dearbha, tha a' chuid as motha dhen chlann, còmhla ris a tha mi ag obair, chan eil... chan eil fhios aca dè th' ann an dàimh seasgair ann.

Agus 's ann mar sin a tha mi ag ràdh, feumaidh sinn a bhith a' toirt taic dha na pàrantan, airson cha do dh'ionnsaich iad fhèin. Tha sinn a' coimhead air an dàrna 's an treasamh ginealach aig nach eil fhios air dè man a bhios iad a' togail clann. Agus tha e gu math furasta a bhith a' cur a' choire... chan eil mise a' cur coire air na sgoiltean idir - tha mi a' smaoineachadh gu bheil na sgoiltean a' dèanamh obair anabarrach math, 's thathas a' cur barrachd 's barrachd obair air na sgoiltean - ach chan eil math sam bith a bhith ag ràdh, ò 's e na pàrantan as coireach, nach eil na sgilean aca. Feumaidh sinn dòigh no dòigh air choreigin a lorg, man a bha thu a' faighneachd, dè man a tha sinn a' dol a thoirt taic dhaibh? Agus 's dòcha gum bu chòir dhuinn tòiseachadh a bhith a' toirt clasaichean, no a bhith a' toirt dhaibh barrachd... nise, tha ceuman mar-thà air a bhith air an gabhail, man a tha Sure Start - anns an spot air a bheil dùil aig boireannach ri leanabh, thathas a' toirt dhi clasaichean. Bu chòir dhuinn na fireannaich a thoirt a-steach ann a shin cuideachd. Ach gu dearbha, tha mi ag aontachadh, mana h-eil a h-uile càil sin air a... air stèidheachadh air bunait far a bheil fhios aig daoine dè tha ceart 's dè tha ceàrr, cha leig sinn a leas... a h-uile càil a' toirt gu buil.

CM: Uill, Marjory, mar thè... thè eile a tha a' faicinn chloinn a tha... 's dòcha às dèidh dhan a' chall a bhith air a dhèanamh, a bheil thusa a' faicinn freagairt dhan a seo?

MN: Chan eil fhios a'm dè am freagairt a th' ann. Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn, mar a tha Seonag a' cantainn, chan eil na sgilean aig na pàrantan. 'S dòcha a-nis, a' chlann a tha mise ag obair leis, mar a tha iad ag èirigh suas, nach bi na sgilean aca. Feumaidh sinn a-nis a bhith a' faicinn a' chlann a tha ag èirigh suas, 's a bhith ag ionnsachadh dhaibh na sgilean a bhios aca nuair a bhios iad fhèin nam pàrantan, 's feumaidh sinn... tha mi a' smaoineachadh dìreadh gur e seòrsa de cycle a th' ann, a tha na pà-... 's dòcha gun robh èirigh suas truagh aig na pàrantan. An uair sin, tha a' chlann aca fhèin aca, 's chan e... 's chan eil na sgilean aig na pàrantan airson a bhith ag ionnsachadh dhan a' chlann. Tha a-nise a' chlann seo ag èirigh suas. Feumaidh sinn a-nis an cycle seo a sgur, 's na sgilean a bheir dhan a' chlann a tha ag èirigh suas an-dràsta, 's nuair a bhios clann acasan, 's an uair sin 's dòcha gum bi na sgilean acasan, 's faodaidh sinn an cycle sin a sgur. Ach 's e obair... rathad uabhasach fada a tha gu bhith ann, tha mi a' smaoineachadh.

CM: Uill, tha sin dhà no thrì ginealaichean sìos an rathad a tha seo, a Sheumais MhicÌomhair. Beachd aig Marjory ann an sin, ann an dòigh, cha mhòr nach fheum sinn a ràdh, pàrantan an latha an-diugh, tha e ro anmoch dhaibh. Feumaidh sinn tòiseachadh le clann an latha an-diugh, gus am bi iad nam pàrantan iomchaidh airson an latha a-màireach. An e sin e?

SM: Uill, 's e sin a' chuid mhòr dheth. Feumaidh sinn a chuimhneachadh gu bheil an ginealach a tha a' fàs suas an-diugh, agus 's dòcha an ginealach dham buin mi fhìn cuideachd, gu bheil iad gu math eadar-dhealaichte ann an iomadh dòigh bho na ginealaich a bha ron a sin. Tha tòrr a bharrachd de bhrisidhean pòsaidh ann, de bhriseadh dachaighean. Tha buaidh aige sin air clann. Man a bha Seonag ag ràdh, chan eil taic ann man a b' àbhaist ann am broinn dachaighean - cuid co-dhiù - an-diugh. Agus feumaidh daoine an t-uallach a ghabhail, a bharrachd air pàrantan fhèin. 'S e na pàrantan, man a bha mi ag ràdh, anns a' chiad àite, ach feumaidh sinn a h-uile duine againn uallach a ghabhail airson an rud a th' ann an seo. Na h-eaglaisean, agus a h-uile seòrsa cuibhreann eile dhen society dham buin sinn. Bu chòir dhuinn a bhith a' gabhail uallach dhen an rud a th' ann an seo, agus...

CM: Agus... agus an dèidh sin, pàrantan a bhios ag èisteachd ri seo, bidh iad ag ràdh, 'Cò air a tha na daoine ud a-mach? Cha robh e a-riamh cho duilich dhut a bhith na do phàrant 's a tha e an-diugh, leis a h-uile càil a tha seo a' tighinn a-steach... a' dòrtadh a-steach ort.'

SN: 'S e an fhìrinn a tha sin. Cha robh e riamh cho duilich. Thog mise ceathrar chloinne, 's tha mi a' creidse gun robh e gu math furasta an togail air a thog mi iad na tha e an-diugh. Cha bu chaomh leamsa a bhith a' tòiseachdainn a-rithist, air sgàth gu bheil uiread a rudan air taobh a-muigh an dachaigh aig a bheil buaidh air a' chlann, agus 's dòcha ann an dòigh gu bheil e furasta gu leòr, agus chan aithne dhòmhsa aon phàrant - agus tha mi obair le an t-uabhas dhaoine ann an duilgheadasan uabhasach, agus gu math tric tha mi ag obair còmhla ris a' phoilis cuideachd - chan aithnich mise aon phàrant nach eil ag iarraidh maitheas dhan cuid chloinne fhèin, ach chan eil fhios aca dè nì iad. Tha iad... tha iad gan cumail a-staigh, ach tha a' chlann a' briseadh na dorsan 's tha iad a' briseadh na h-uinneagan, tha iad a' dol a-mach air sraon. Chan eil a' chlann a' tuigsinn mar a tha iad... feumaidh mi a ràdh gu bheil mi a' faireachdainn gu math làidir an aghaidh an telebhisean. Chan e a-mhàin dè tha iad a' faicinn, ach dè man a tha iad ag ionnsachadh bhuaithe. Agus air a chuireas tu dheth an telebhisean, tha na daoine anns an telebhisean a' falbh, ach chan eil beatha làitheil mar sin. Mana h-eil thu a' faighinn air adhart le duine, feumaidh tu dòighean ionnsachadh man a dh'obraicheas tu le daoine eile. Chan urrainn dhaibh le switch an cur a-mach às do bheatha, agus sin nach... chan eil... chan eil iad ag ionnsachadh sin. Nam faigh sinn air dòigh... tha mi a' creidsinn dìreach, tha sinn a' toirt bhuapa na màthraichean no na h-athairean, tha iad ag obair... tha iad ag iarraidh barrachd 's barrachd rudan, ach feumaidh iad a bhith ag obair air sin. Chan eil iad còmhla ris a' chlann. Tha a' chlann ag ionnsachadh bho iomadach seòrsa duine, agus 's dòcha gum feum sinn a bhith a' coimhead air a bhith ag iarraidh air an rìoghachd a bhith a' cur a-rithist barrachd airgead a-steach, a bhith a' toirt taic dhan a' chlann iad fhèin, air a bhith a' toirt dhaibh rudan a nì iad, rudan a bheir dhaibh sgilean nàdarrach, agus chan e a bhith a' cur seachad na tìde le cùisean eileagtronaig.

Agus tha e cuideachd, tha sin a' tighinn a-steach dhan... mar a tha iad ag ionnsachadh leughadh, fiù. Tha uiread a chlann a-nis ann nach urrainn dhaibh leughadh air sgàth nach eil an eanchainn ag obair mar a b' àbhaist dha. Chan eil e ag obair ceart. Tha an t-uabhas rudan sin a dh'fheumas sinn a bhith a' coimhead, 's chan e a-mhàin nach eil na pàrantan a' coimhead ris an dleastanas, chan eil fhios aca dè man a nì iad, agus tha uiread de rudan ag obair nan aghaidh.

CM: Uill 's e dealbh gu math dorcha, ann an dòigh, a tha sinn air tarraing ann an seo, de shaoghal na h-òigridh, de shaoghal nam pàrantan, anns an latha a th' ann an-diugh. Mo thaing dhan an triùir agaibh, gu dearbha, airson a bhith a' toirt na beachdan sin dhuinn ann an seo. Mas e agus gu bheil beachd sam bith aig duine agaibhse a tha ag èisteachd, tha sinne ri ar faighinn ann an seo aig... air post-dealain, Coinneach aig BBC dot co dot uk, àireamh a' fòn, neoni aon ochd còig a h-aon, seachd a neoni, còig mìle. Mo thaing an-dràsta do Mharjory NicCaluim, do Sheonag NicDhòmhnaill agus dhan Urramach Seumas MacÌomhair.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math