Rannsaich

Mar a fhuair dreathan-donn làmh an uachdair air madadh-ruadh...

Ceann-latha June 1957
Àireamh a’ chlàir 34057
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1957.40.B8+A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1957.040

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair dreathan-donn làmh an uachdair air madadh-ruadh agus air tuathanach.

Air oidhche cur-cathaidh leig caora bheag dha dreathan-donn fasgadh a ghabhail na clòimh. Anns a' mhadainn bha sgòrnan na caora air a gearradh.

Chuir an dreathan-donn roimhe fhèin am madadh-ruadh a rinn seo fhaighinn agus thuirt e ri tuathanach nam faigheadh e am madadh-ruadh, gun toireadh e dha baraille fìon a thàinig a-staigh air a' chladach. Sheall e dha far an robh am baraille agus thug an tuathanach an t-each agus a' chàrn agus chaidh e ga iarraidh. Dar a fhuair e am baraille mhaoidh e air an dreathan-donn an ceann a chur dheth leis a chorrag.

Thuirt an dreathan-donn gun dòrtadh e am baraille fìon agus thòisich e a' dobaig air. Thog an tuathanach tuagh às a' chàrn agus dh'fheuch e air an dreathan-donn. Dh'fhalbh am baraille fìon. An uair sin thòisich an dreathan-donn a' dobaig fo dhosan an eich. Thog am bodach an tuagh agus chuir e an eanchainn às an each. Anns an aon dòigh bhris am bodach a' chàrn agus a lurgainn fhèin, agus cha b' urrainn dha èirigh.

Thàinig balaich ga lorg mu dheireadh agus thug iad suas dhan taigh e. Chuir iad dhan leabaidh e ri taobh na h-uinneige.

Bha an crodh agus an tarbh ag ithe sa phàirc. Thuirt an dreathan-donn ris an tarbh doras an t-sabhail fhosgladh le adharcan agus gum faodadh e ithe na thogradh e. Dh'ith an tarbh 's an crodh a h-uile dad san t-sabhal gus an do sgàin iad.

Bha galla le cuileanan san t-sabhal. Thuirt an dreathan-donn rithe gun toireadh e dhi gu leòr feòil nam marbhadh i am madadh a mharbh a bhana-ghoistidh. Mheall an dreathan-donn am madadh-ruadh gus a thighinn a-mach às an t-saobhaidh far an robh a' ghalla a' feitheamh air agus mharbh i e. Dh'innis an dreathan-donn dhan ghalla far an robh corp each an tuathanaich agus fhuair i feòil gu leòr ri ithe.

Bha oidhche cur-cathaidh ann agus bha uinneag a' bhodaich fosgailte. Shèid a' ghaoth an dreathan-donn a-staigh agus rug am bodach air. Thuirt an dreathan-donn gu robh meall òir aige fo sgiath dha, nam fosgladh e a làimh. Rinn e sin agus chac an dreathan-donn air agus leum e air an dreasair. Fhuair an tuathanach cromag agus bhrist e a h-uile nì san taigh a' feuchainn ris an dreathan-donn fhaighinn. Cha d' fhuair e fhathast e.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho uncle agus a phiuthar [piuthar an fhiosraiche].

Àite Clàraidh

Siorrachd - Cataibh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT248

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math