Rannsaich

Lorg fear triùir nas amaidiche na e fhèin agus fhuair e air...

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 34212
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1957.44.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1957.044

Geàrr-chunntas

Lorg fear triùir nas amaidiche na e fhèin agus fhuair e air pòsadh.

Bha fear ann agus chan fhaodadh e pòsadh gus am faigheadh e triùir nas amaidiche na e fhèin. Dh'fhalbh e agus chunnaic e bodach a' slaodadh bò an àird balla gus faighinn gus an fheur a bha a' fàs air mullach an taighe. Thuirt e ris a' bhodach an fheur a ghearradh le corran. Chaidh e gu taigh agus chunnaic e fear a' feuchainn ri leum a-steach dha thrùsair. Thuirt e ris a chasan a chur ann agus a tharraing suas. Chunnaic e fear ag obair ann an lios le coinneal laiste tron là airson gu robh na speuclairean aige cho salach 's nach fhaiceadh e dad. Thug e dha neapaig gus na speuclairean a ghlanadh agus thill e dhachaigh agus phòs e.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Sandaidh Stiùbhart: Uill, bha fear ann an sin, agus thuirt iad ris nach fhaodadh e pòsadh gus am faigheadh e fear, triùir, na b' amaidiche na e fhèin. "Agus ma gheibh thu an triùir nas amaidiche na thu fhèin, faoididh thu pòsadh. Agus feumaidh tu falbh gus am faigh thu iad."

Ach dh'fhalbh e. Bha e a' dol air adhart ann an sin 's bha e a' dol air adhart, agus chunnaic e bodach ann an sin, 's bò aige, agus taod innte. 'S dè bh' ann ach seann taigh, 's bha feur fada a' fàs anns an taigh, air mullach an taigh, 's bha e a' slaodadh na bò an-àirde air a' bhalla, agus bha mise a' dol seachad... bha esan a' dol seachad.

"Ach, uill," thuirt e, "chan urrainn dhut a' bhò a thoirt an-àirde sin, ach gabh corran," ars es', "agus buain am feur, agus thoir dhan a' bhò a-bhàn e."

"Ò uill," ars an duine sin, "tha sin ceart gu leòr. 'S e sin an rud a bu chòir dhomh a dhèanamh."

Fhuair e an corran 's gheàrr e am feur 's thug e dhan a' bhò e.

"Uill," thuirt e, "sin aon," thuirt e, "nas amaidiche na mi fhèin."

'S dh'fhalbh e. An t-àite gus an tàinig e, thàinig e a-staigh gu taigh, anns a' mhadainn. 'S chunnaic e fear na shuidhe san leabaidh, agus dar a chunnaic, bha e a' leum a-staigh na thriùbhsair; bha e a' feuchainn ri leumadh a-staigh na thriùbhsair. Thàinig e a-staigh.

"Och mo ghiall," thuirt es', "cha chuir thu do thriùbhsair gu bràth ort mar sin."

"Ciamar eile?" thuirt es'.

"Ò," thuirt e, "tog do chas, cuir a-staigh nad spòg i. Tog an uair sin a' chas eile," thuirt e, "agus cuir a-staigh san spòg i, 's tarraing an-àirde an triùbhsair ort."

Och ghiall, rinn e seo. Chuir e an sin an triùbhsair air.

"Mmm, ghiall," thuirt e, "'s e sin an dòigh a bu chòir dhomh a dhèanamh."

Uill, latha math leis.

"Och uill," thuirt e, "sin an dàrna fear nas amaidiche na mi fhìn. Tha fear eile agam ri fhaicinn," ars e, "ri fhaighinn."

Thàinig e ann an sin gu fear eile agus, ann an lios, agus coinneal, coinneal aige beò, 's e ag obair leis a' chhoinneal, agus 's e latha a bh' ann.

"Ò," thuirt es', "gu dè tha thu a' dèanamh an sin?"

"Ah," thuirt e, "tha mi ag obair anns an lios ann an seo, agus tha coinneal agam, 's chan fhaic mi nithean."

"Uill beannaich mis'," thuirt es', "is cinnteach gum faic tu air latha?"

'S bha speuclairean air, 's bha na speuclairean air, bha iad cho dorcha ri nithean leis an teàrr, mun tig teàrr leis... leis an t-salacharach.

"Feuch," thuirt e, "iad le neapaig."

Thug e dha neapaig 's ghlan e a speuclairean, 's dar a ghlan e a speuclairean, chitheadh e [???] sam bith tromhpa.

"Cuir a-nis ort iad," thuirt e.

Chuir e a speuclairean air.

"Cuir às a' chhoinneal."

Chuir e às a' chhoinneal.

"Nach fhaic thu a-nis?"

"Ò uill, uill," thuirt e, "chì mi a-nis."

"Chan fhaiceadh tu gu bràth leis na speuclairean mar siud."

"Uill," thuirt e, "sin an triùir nas amaidiche na mi fhèin."

Thill esan air a shàil 's thàinig e dhachaigh, agus phòs e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math