Rannsaich

Iain Mòr na Pacaid.

Ceann-latha July 1953
Àireamh a’ chlàir 34351
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.117.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.117B

Geàrr-chunntas

Iain Mòr na Pacaid.

Bha Iain Mòr na Pacaid a' toirt uisge-beatha eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Tobar Mhoire. B' fheudar dha fhèin 's dha chompanach Dòmhnall MacFhionghain a dhol air tìr aon oidhche air sgàth droch shìde, agus chaidh iad gu taigh gus fasgadh fhaighinn. 'S e àm suipeareach a bh' ann, ach cha do thairgeadh grèim dhaibh. Thog Iain buntàta on bhòrd dha fhèin 's dha chompanach. Nuair a bha an suipear seachad, las Iain Mòr a' phìob agus thug e smoc dhan bhodach. Thairg e biadh dhaibh an uair sin. Cha robh e air tombaca fhaighinn o chionn cola-deug.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Iain Mòr na Pacaid; MacFhionghain, Dòmhnall

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Caimbeul: Ach gu dè bha ach bha... bha e a' faighinn nam poitean-dubha ann, anns an Eilean Sgitheanach. Bha e a' ceannach an uisge-bheatha bhuatha 's bha e a' dol a Thobar Mhoire ga reic. Bhiodh cutters ga ruith - bàta a' chutter - ann am measg lochannan an Eilein Sgitheanaich. Co-dhiù cha do rug iad air. Fear Dòmhnall MacKinnon còmh' ris. 'S e bha ag innse na naidheachd.

Agus co-dhiù bha iad ann a... thàinig sileadh sneachd orra oidhche dhe na h-oidhcheannan agus chaidh iad do thaigh, agus cha b' urrainn dhaibh an ceann-uidhe a thoirt a-mach, bha i dorcha. Agus co-dhiù bha suipear aca. 'S e buntàta a bh' aca co-dhiù, 's cha do thairg iad buntàta no rud sam bith do na srainnsearan. Agus shìn Iain Mòr na Pacaid a làmh agus thog e dà bhuntàta far na mèise agus thug e fear dhiubh dha chompanach, do Dhòmhnall Nìll, agus dh'ith e fhèin am fear eile. Agus co-dhiù nuair a chaidh an t-suipear seachad las Iain Mòr a phìob - cha robh Dòmhnall Nìll, cha robh e a' smocadh idir - agus thug e smoc don bhodach.

"Uill 'illean," ars esan, "gabhaibh mo leisgeul," ars esan, "chan eil fhios a'm cò an saoghal air an robh mi," ars esan, "o chionn chola-deug cha d' fhuair mi srad tombaca," ars esan. Agus: "Èirich a nighean," ars esan, "agus dèan suipear mhath dha na daoine."

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math