spacer
spacer

Am fear a chaidh a dh'Astràilia.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Am fear a chaidh a dh'Astràilia.
Fiosraichean - Aonghas MacIllFhialain
Luchd-clàraidh - Calum Iain MacIlleathain

Geàrr-chunntas - Am fear a chaidh a dh'Astràilia.

Bha fear ann a chaidh gu ruige Astràilia còmhla ri caraid a lorg òr. Bha astar mòr aca ri siubhal nuair a ruigeadh iad, agus cheannaich iad each agus biadh. Air an t-slighe, chaochail an t-each agus a charaid leis an teas. Cha b' urrainn dhan fhear am biadh uile a thogail, agus dh'fhàg e pàirt dheth fo chraoibh. Nuair a bha am biadh aige deiseil, chaidh e air ais dhan stòras ach bha beòthaichean air am biadh ithe. Lorg e taigh anns an robh seann chailleach, ach cha robh aice ach biadh airson nam muc. Rinn e seòrsa de fhlùr eadar a dhà làimh, ach cha robh uisge ann gus am flùr a fhliuchadh. Thog a' chailleach a h-aodach gus mùin a dhèanamh air, ach aig a' mhionaid sin dhùisg am fear - cha robh ann ach trom-laighe.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:03:04
Àm Clàraidh - 1959.12.05
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 34476
Àireamh an Teip Thùsail - SA1960.002
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1960.2.B4; SA1960.7.A1
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/34476/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:03:04)
Cluich pàirt 2 (00:00:36)




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA